FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1057: Orcas sinking boats 1057: Omens in Fathaer Allan's accounts

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Omens in Fathaer Allan's accounts

Gaelic Gàidhlig

A bheil fios agaibh dè th’ ann am madadh-cuain? ʼS e sin a’ Ghàidhlig air ‘killer whale’ no ‘orca’.

Tha madaidhean-cuain air a bhith a’ toirt ionnsaigh air gheataichean, faisg air an Spàinn agus Portagail. Chuir iad grunnan gheataichean fodha.

Ach am bi madaidhean-cuain a’ dèanamh an aon rud ann an Alba? Dh’aithris fear o chionn ghoirid gun tug madadh-cuain ionnsaigh air a’ gheat aige faisg air Sealtainn. Agus bha mi a’ leughadh beachd aig fear le eòlas math air eileanan an taoibh siar. Bha esan an amharas gun robh madaidhean-cuain air bàtaichean a chur fodha far taobh an iar na h-Alba cuideachd.

Tha a chunntas anns an leabhar ‘Stories from South Uist’ – sgeulachdan agus naidheachdan aig Aonghas Beag, Aonghas Mac Ill Ialain à Uibhist a Deas. ʼS e Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, a chruinnich iad.

Anns an leabhar, tha naidheachd aig Aonghas mu fhear Dòmhnall MacLeòid. Bha Dòmhnall a’ fuireach ann an Loch Baghasdal ann an Uibhist a Deas. Bha e ag obair air bàt’-iasgaich.

Latha a bha seo, bha e ri iasgach sgadan. Thàinig maighdeann-mhara am bàrr. Thilg a h-uile duine air bòrd sgadan dhi. Cha deach i fodha. Ach, nuair a thilg Dòmhnall an sgadan aigesan, dh’fhalbh i fodha sa bhad. Thuirt an sgiobair ris gum faigheadh Dòmhnall bàs le bàthadh.

Airson a bhith sàbhailte, dh’fhuirich Dòmhnall aig port. Ach an dèidh bliadhna, thàinig fear thuige. Bha e ag iarraidh taic ann a bhith a’ seòladh bàta à Loch Baghasdal gu ruige Loch Sgioport ann an ceann a tuath an eilein. Dh’aontaich Dòmhnall a chuideachadh.

Chunnaic am fear leis an robh Taigh-òsta Loch Baghasdail i. ʼS e latha math a bha ann. Chunnaic fear dhen luchd-obrach aig Taigh-solais Uisinis i. Ach dh’fhalbh e airson deich mionaidean. Nuair a thill e, cha robh sgeul air a’ bhàta.

Dè thachair dhi? Thuirt fear an taigh-òsta gur dòcha gun tàinig cearban no muc-mhara suas fòidhpe agus gun deach a cur thairis.

Choirich an deasaiche, Fear Chanaigh, madadh-cuain. Bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air grunnan bhàtaichean a chur fodha. Bha e a’ sgrìobhadh o chionn còrr is seasgad bliadhna.

Orcas sinking boats

English Beurla

Do you know what a madadh-cuain is? That’s the Gaelic for ‘killer whale’ or ‘orca’.

Orcas have been attacking yachts, near Spain and Portugal. They sank several yachts.

But do orcas do the same thing in Scotland? A man reported recently that an orca attacked his yacht near Shetland. And I was reading an opinion of a man who knew the islands of the west very well. He suspected that orcas had sunk boats off the west of Scotland as well.

His account is in the book ‘Stories from South Uist’ – stories and anecdotes by Aonghas Beag, Angus MacLellan from South Uist. It’s John Lorne Campbell, the Laird of Canna, that collected them.

In the book, Angus has an anecdote about a man called Donald MacLeod. Donald was living in Lochboisdale in South Uist. He was working on a fishing boat.

One day he was fishing for herring. A mermaid surfaced. Everyone on board threw her a herring. She didn’t submerge. But when Donald threw his herring, she immediately submerged. The skipper told him that Donald would die by drowning.

To be safe, Donald stayed on land [‘in harbour’]. But after a year a man came to him. He was wanting assistance to sail a boat from Lochboisdale to Lock Skipport in the north of the island. Donald agreed to assist him.

The man who owned Lochboisdale Hotel saw her. It was a good day. One of the staff at Ushinish Lighthouse saw her. But he left for ten minutes. When he returned, there was no sign of the boat.

What happened to her? The publican said that perhaps a basking shark or whale came up under her and that she was capsized.

The editor, the Laird of Canna, blamed an orca. He suspected that orcas had sunk several boats. He was writing more than sixty years ago.

Omens in Fathaer Allan's accounts

Gaelic Gàidhlig

A bheil fios agaibh dè th’ ann am madadh-cuain? ʼS e sin a’ Ghàidhlig air ‘killer whale’ no ‘orca’.

Tha madaidhean-cuain air a bhith a’ toirt ionnsaigh air gheataichean, faisg air an Spàinn agus Portagail. Chuir iad grunnan gheataichean fodha.

Ach am bi madaidhean-cuain a’ dèanamh an aon rud ann an Alba? Dh’aithris fear o chionn ghoirid gun tug madadh-cuain ionnsaigh air a’ gheat aige faisg air Sealtainn. Agus bha mi a’ leughadh beachd aig fear le eòlas math air eileanan an taoibh siar. Bha esan an amharas gun robh madaidhean-cuain air bàtaichean a chur fodha far taobh an iar na h-Alba cuideachd.

Tha a chunntas anns an leabhar ‘Stories from South Uist’ – sgeulachdan agus naidheachdan aig Aonghas Beag, Aonghas Mac Ill Ialain à Uibhist a Deas. ʼS e Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh, a chruinnich iad.

Anns an leabhar, tha naidheachd aig Aonghas mu fhear Dòmhnall MacLeòid. Bha Dòmhnall a’ fuireach ann an Loch Baghasdal ann an Uibhist a Deas. Bha e ag obair air bàt’-iasgaich.

Latha a bha seo, bha e ri iasgach sgadan. Thàinig maighdeann-mhara am bàrr. Thilg a h-uile duine air bòrd sgadan dhi. Cha deach i fodha. Ach, nuair a thilg Dòmhnall an sgadan aigesan, dh’fhalbh i fodha sa bhad. Thuirt an sgiobair ris gum faigheadh Dòmhnall bàs le bàthadh.

Airson a bhith sàbhailte, dh’fhuirich Dòmhnall aig port. Ach an dèidh bliadhna, thàinig fear thuige. Bha e ag iarraidh taic ann a bhith a’ seòladh bàta à Loch Baghasdal gu ruige Loch Sgioport ann an ceann a tuath an eilein. Dh’aontaich Dòmhnall a chuideachadh.

Chunnaic am fear leis an robh Taigh-òsta Loch Baghasdail i. ʼS e latha math a bha ann. Chunnaic fear dhen luchd-obrach aig Taigh-solais Uisinis i. Ach dh’fhalbh e airson deich mionaidean. Nuair a thill e, cha robh sgeul air a’ bhàta.

Dè thachair dhi? Thuirt fear an taigh-òsta gur dòcha gun tàinig cearban no muc-mhara suas fòidhpe agus gun deach a cur thairis.

Choirich an deasaiche, Fear Chanaigh, madadh-cuain. Bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air grunnan bhàtaichean a chur fodha. Bha e a’ sgrìobhadh o chionn còrr is seasgad bliadhna.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1361

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile