FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1062: Biblical Garden (2) 1062: Gàrradh Bìobaill (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gàrradh Bìobaill (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu chraobhan a tha ainmichte anns a’ Bhìoball. Thuirt mi gu bheil a’ chraobh-chrithinn a’ nochdadh dà thuras ann, agus gur e ‘poplar’ a’ Bheurla air, seach ‘aspen’. Ann an Isaiah 44:4, a rèir aon dreach dhen Bhìoball, tha seo: ... your descendants ... will spring up like ... poplar trees ...

Anns a’ Bhìoball Ghàidhlig, tha seo: ... fàsaidh iad suas ... mar gheugan seilich ... An àite poplar trees, tha geugan seilich ‘willow branches’ ann an Gàidhlig. Chaidh mi gu dreach eile dhen Bhìoball Bheurla, agus tha willows aca. Chan eil a h-uile eadar-theangair air an aon ràmh!

Nise, an aithnicheadh sibh bratach nàiseanta Leabanoin? Dearg agus geal, le craobh oirre – an Seudar Leabanach. Anns a’ Bhìoball, tha Leabanon a’ riochdachadh bòidhchead agus goireasan nàdarrach, am measg eile. Bha beanntan agus coilltean brèagha ann. Agus tha craobhan Leabanoin nan samhlaidhean cumhachdach. Mar eisimpleir, ann an Eseciel Caibideil 31, thathar a’ samhlachadh bòidhchead air coltas an t-Seudair Leabanaich.

Bha na craobhan-seudair cudromach ann an togail teampall agus lùchairt Sholaimh. Ann an 1 Rìgh, Caibideil 7, tha sinn ag ionnsachadh gun deach daoine gu ruige Leabanon airson am fiodh a thoirt a Ierusalem. Thàinig na logaichean mar ràthan aig muir.

Tha an geanm-chnò, no chestnut, anns a’ Bhìoball an siud ’s an seo. Ach a-rithist, chan eil a h-uile eadar-theangair air an aon ràmh. Ann an cuid de dhreachan na Beurla, thathar ag ainmeachadh plane tree, seach chestnut.

Bidh fios agaibh gu bheil an olive tree a’ fàs gu math anns an Ear-mheadhanach. Dè a’ Ghàidhlig air sin? Tha crann-olaidh no craobh-ola. Tha e a’ nochdadh ann an Genesis 8:11 nuair a thilleas an calman gu Noah an dèidh na tuile le ‘duilleag craoibh-ola ... na ghob’.

Tha an darach – no darag – anns a’ Bhìoball grunn tursan. Ann an Isaiah 1:30 tha seo: ... bidh sibh mar dharaig aig a bheil an duilleach air seargadh. Tha craobhan gu tric a’ samhlachadh rudan anns a’ Bhìoball. Mar sin, ’s dòcha nach eil e gu cus diofair a bheil eas-aonta ann air na gnèithean a thathar a’ ciallachadh.

Biblical Garden (2)

English Beurla

There is a garden in Elgin, in Moray, that is based on the Bible. There are plants there that appear in the Bible.

It’s in Genesis, the first book in the Bible, that there is the first mention of particular species of trees. It’s the aspen tree the first one that appears. That’s in Genesis Chapter 2, Verse 37.

That’s somewhat intriguing for me, because an oral tradition arose among the Gaels that it was from the aspen tree that the wood came from which the crucifixion tree was made. That’s the tree on which Jesus Christ was crucified. The old people would say that that was the reason that the leaves and stems of the tree quiver.

However, when we look at the English version of that verse, it’s not ‘aspen’ that is there, but ‘poplar’. Those two trees are related to each other. But they are not the same thing.

The craobh-chrithinn, meaning ‘poplar’, appears another time in the Bible. That is again in the Old Testament in the Book of Hosea, Chapter 4, Verse 13. The text is about bad practices in the old days. Here’s what the text says: Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chraobhan daraich agus crithinn agus cuilinn a chionn ’s gu bheil an sgàile taitneach.

That means ‘On the mountain summits they make sacrifice and upon the hills they burn incense; under oak trees and poplars and holly because the shade is pleasant.’ Now, in the English versions of the Bible that I have, none of them name ‘holly’. They say ‘elm’ or ‘terebinth’. The terebinth is a tree that grows in the Middle East.

Those who translated the Bible had a difficulty. They wanted to put in names of trees that the Gaels would recognise. And today, although a holly tree would grow in a Biblical Garden in Scotland, I don’t reckon a terebinth would grow there.

Gàrradh Bìobaill (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi a’ bruidhinn mu chraobhan a tha ainmichte anns a’ Bhìoball. Thuirt mi gu bheil a’ chraobh-chrithinn a’ nochdadh dà thuras ann, agus gur e ‘poplar’ a’ Bheurla air, seach ‘aspen’. Ann an Isaiah 44:4, a rèir aon dreach dhen Bhìoball, tha seo: ... your descendants ... will spring up like ... poplar trees ...

Anns a’ Bhìoball Ghàidhlig, tha seo: ... fàsaidh iad suas ... mar gheugan seilich ... An àite poplar trees, tha geugan seilich ‘willow branches’ ann an Gàidhlig. Chaidh mi gu dreach eile dhen Bhìoball Bheurla, agus tha willows aca. Chan eil a h-uile eadar-theangair air an aon ràmh!

Nise, an aithnicheadh sibh bratach nàiseanta Leabanoin? Dearg agus geal, le craobh oirre – an Seudar Leabanach. Anns a’ Bhìoball, tha Leabanon a’ riochdachadh bòidhchead agus goireasan nàdarrach, am measg eile. Bha beanntan agus coilltean brèagha ann. Agus tha craobhan Leabanoin nan samhlaidhean cumhachdach. Mar eisimpleir, ann an Eseciel Caibideil 31, thathar a’ samhlachadh bòidhchead air coltas an t-Seudair Leabanaich.

Bha na craobhan-seudair cudromach ann an togail teampall agus lùchairt Sholaimh. Ann an 1 Rìgh, Caibideil 7, tha sinn ag ionnsachadh gun deach daoine gu ruige Leabanon airson am fiodh a thoirt a Ierusalem. Thàinig na logaichean mar ràthan aig muir.

Tha an geanm-chnò, no chestnut, anns a’ Bhìoball an siud ’s an seo. Ach a-rithist, chan eil a h-uile eadar-theangair air an aon ràmh. Ann an cuid de dhreachan na Beurla, thathar ag ainmeachadh plane tree, seach chestnut.

Bidh fios agaibh gu bheil an olive tree a’ fàs gu math anns an Ear-mheadhanach. Dè a’ Ghàidhlig air sin? Tha crann-olaidh no craobh-ola. Tha e a’ nochdadh ann an Genesis 8:11 nuair a thilleas an calman gu Noah an dèidh na tuile le ‘duilleag craoibh-ola ... na ghob’.

Tha an darach – no darag – anns a’ Bhìoball grunn tursan. Ann an Isaiah 1:30 tha seo: ... bidh sibh mar dharaig aig a bheil an duilleach air seargadh. Tha craobhan gu tric a’ samhlachadh rudan anns a’ Bhìoball. Mar sin, ’s dòcha nach eil e gu cus diofair a bheil eas-aonta ann air na gnèithean a thathar a’ ciallachadh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1366

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile