FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1047: Heather ale (1) 1047: Leann-fraoich (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Leann-fraoich (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, dh’inns mi sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghàidhealaibh. Tha tè eile agam dhuibh an t-seachdain seo. Tha i mu dheidhinn leann-fraoich. Heather ale.

Bha an reasabaidh airson leann-fraoich a dhèanamh aig na Cruithnich. No feadhainn aca ann an Gall-Ghàidhealaibh. Ach chùm iad an reasabaidh dìomhair.

Anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosd, bha Niall Naoi-ghiallach na àrd-rìgh ann an Èirinn. Thug e armailt leis a Bhreatainn. Thug e ionnsaigh air na Cruithnich a bha fhathast a’ riaghladh ceann an iar-dheas na h-Alba – an sgìre air a bheil ‘Gall-Ghàidhealaibh’ an-diugh.

Dh’iomain na Gàidheil Èireannach na Cruithnich a-mach à Gall-Ghàidhealaibh. Mharbh iad gu leòr dhiubh. Cha robh air fhàgail ach aon treubh anns na Rannaibh – na Rhinns of Galloway. ’S e sin an rubha mòr dà-cheannach air taobh an iar Ghall-Ghàidhealaibh. Tha an ceann as fhaide deas de na Rannaibh a’ crìochnachadh aig Maol Ghall-Ghàidheil no Mull of Galloway.

Bha fear-brathaidh aig Niall Naoi-ghiallach air an robh ‘An Sionnach’ mar ainm – no frìth-ainm. Bha e na Chruithneach. Bha e feumail do Niall, ach bha an t-Àrd-rìgh dhen bheachd gun robh e cealgach.

Bha Niall air a chur roimhe na Cruithnich gu lèir ann an Gall-Ghàidhealaibh a chur gu bàs. Ach thàinig an Sionnach thuige. Thuirt e ris an rìgh gun robh an fheadhainn sin air a bhith a’ dèanamh leann-fraoich bho chionn fhada. Agus gur iad na h-aon daoine aig an robh an reasabaidh. Bha iad a’ cumail sin dìomhair. ‘Nach biodh sibh fhèin ag iarraidh an reasabaidh fhaighinn bhuapa?’ dh’fhaighnich an Sionnach.

Mheòraich Niall air an t-suidheachadh. Gu dearbh, bhiodh e math dìomhaireachd mar sin a bhith aige. Chuir e teachdaire a bhruidhinn ris na Cruithnich. Dh’inns an teachdaire do na Cruithnich gun robh an rìgh deònach leigeil leotha maireachdainn beò nan innseadh iad dha an reasabaidh aca airson leann-fraoich.

Ach cha robh na Cruithnich deònach sin a dhèanamh. Bha iad a’ cumail a’ ghnothaich dìomhair. Bha Niall feargach. Dh’òrdaich e gum biodh a h-uile duine de na Cruithnich air an cur gu bàs. Chì sinn dè thachair nuair a bheir mi an sgeul gu crìch an-ath-sheachdain.

Heather ale (1)

English Beurla

In the last Litir, I told a traditional story from Galloway. I have another one for you this week. It is about leann-fraoich. Heather ale.

The Picts had the recipe for making heather ale. Or some of them [the Picts] in Galloway. But they kept the recipe secret.

In the fourth century after Christ, Niall of the Nine Hostages was the high king in Ireland. He took an army with him to Britain. He attacked the Picts who were still governing the south-west of Scotland – the area called ‘Galloway’ today.

The Irish Gaels drove the Picts out of Galloway. They killed a lot of them. There was only one tribe left in the Rannaibh – the Rhinns of Galloway. That is the large double-headed peninsula in the west of Galloway. The southern end of the Rhinns ends in Maol Ghall-Ghàidheil or the Mull of Galloway.

Niall of the Nine Hostages had a spy by the name – or nickname – of An Sionnach (‘the fox’). He was a Pict. He was useful to Niall, but the high king was of the opinion that he was untrustworthy.

Niall had decided to kill all of the Picts in Galloway. But the Sionnach came to him. He said to the king that those folk had been making heather ale for a long time. And that they were the only people who had the recipe. They were keeping that secret. ‘Wouldn’t you like to get the recipe from them?’ asked the Sionnach.

Niall considered the situation. Certainly, it would be good to possess that secret. He sent a messenger to speak to the Picts. The messenger told the Picts that the king was willing to allow them to live if they would tell him their recipe for heather ale.

But the Picts were not willing to do that. They were keeping the matter secret. Niall was angry. He ordered that all of the Picts be put to death. We’ll see what happened when I conclude the tale next week

Leann-fraoich (1)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh, dh’inns mi sgeulachd thraidiseanta à Gall-Ghàidhealaibh. Tha tè eile agam dhuibh an t-seachdain seo. Tha i mu dheidhinn leann-fraoich. Heather ale.

Bha an reasabaidh airson leann-fraoich a dhèanamh aig na Cruithnich. No feadhainn aca ann an Gall-Ghàidhealaibh. Ach chùm iad an reasabaidh dìomhair.

Anns a’ cheathramh linn an dèidh Chrìosd, bha Niall Naoi-ghiallach na àrd-rìgh ann an Èirinn. Thug e armailt leis a Bhreatainn. Thug e ionnsaigh air na Cruithnich a bha fhathast a’ riaghladh ceann an iar-dheas na h-Alba – an sgìre air a bheil ‘Gall-Ghàidhealaibh’ an-diugh.

Dh’iomain na Gàidheil Èireannach na Cruithnich a-mach à Gall-Ghàidhealaibh. Mharbh iad gu leòr dhiubh. Cha robh air fhàgail ach aon treubh anns na Rannaibh – na Rhinns of Galloway. ’S e sin an rubha mòr dà-cheannach air taobh an iar Ghall-Ghàidhealaibh. Tha an ceann as fhaide deas de na Rannaibh a’ crìochnachadh aig Maol Ghall-Ghàidheil no Mull of Galloway.

Bha fear-brathaidh aig Niall Naoi-ghiallach air an robh ‘An Sionnach’ mar ainm – no frìth-ainm. Bha e na Chruithneach. Bha e feumail do Niall, ach bha an t-Àrd-rìgh dhen bheachd gun robh e cealgach.

Bha Niall air a chur roimhe na Cruithnich gu lèir ann an Gall-Ghàidhealaibh a chur gu bàs. Ach thàinig an Sionnach thuige. Thuirt e ris an rìgh gun robh an fheadhainn sin air a bhith a’ dèanamh leann-fraoich bho chionn fhada. Agus gur iad na h-aon daoine aig an robh an reasabaidh. Bha iad a’ cumail sin dìomhair. ‘Nach biodh sibh fhèin ag iarraidh an reasabaidh fhaighinn bhuapa?’ dh’fhaighnich an Sionnach.

Mheòraich Niall air an t-suidheachadh. Gu dearbh, bhiodh e math dìomhaireachd mar sin a bhith aige. Chuir e teachdaire a bhruidhinn ris na Cruithnich. Dh’inns an teachdaire do na Cruithnich gun robh an rìgh deònach leigeil leotha maireachdainn beò nan innseadh iad dha an reasabaidh aca airson leann-fraoich.

Ach cha robh na Cruithnich deònach sin a dhèanamh. Bha iad a’ cumail a’ ghnothaich dìomhair. Bha Niall feargach. Dh’òrdaich e gum biodh a h-uile duine de na Cruithnich air an cur gu bàs. Chì sinn dè thachair nuair a bheir mi an sgeul gu crìch an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1351

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile