FaclairDictionary EnglishGàidhlig

946: Seal Island (4) 946: Eilean nan Ròn (4)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Eilean nan Ròn (4)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu dheuchainn ann an Eilean nan Ròn ann an naoi ceud deug is caogad (1950). Bha feadhainn leotha fhèin san eilean airson deich seachdainean. Bha iad slàn, fallain. Thàinig feadhainn eile à tìr-mòr airson an cnatan a sgaoileadh nam measg. A rèir aithrisean anns na meadhanan, cha do ghabh duine de luchd na deuchainn an cnatan.

Bha croitear air tìr-mòr a bha làn dhen chnatan. Chaidh a chur don eilean. Shuidh e greis còmhla ri ceathrar de luchd na deuchainn. Ghabh triùir an cnatan. Dè dh’ionnsaich iad bhuaithe sin, chan eil mi cinnteach!

Tha mi airson crìoch a chur air ar cuairt le sgeul beag à Eilean nan Ròn. O shean, bha nighean òg air an robh Beataidh. Bha i a’ cluich faisg air bearraidhean. Bha i còmhla ri a bràthair, Dòmhnall. Chunnaic iad bàta beag a’ tighinn a dh’ionnsaigh an eilein.

Cha do dh’aithnich iad am bàta. Bha triùir air bòrd. Bha aodach seòladair air dithis aca. Bha èideadh saighdeir air an fhear eile.

Nuair a ràinig iad an t-eilean, leum fear de na ‘seòladairean’ a-mach. Bha poca aige. Ruith e gu ceann thall an eilein. Ruith a’ chlann às a dhèidh. Ach bha esan ro luath dhaibh. Chaidh e à sealladh.

Nuair a ràinig a’ chlann e, bha e air an rathad air ais. Cha robh am poca aige a-nis.

‘Càit a bheil am poca?’ dh’fhaighnich Beataidh.

‘Tha e far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir,’ fhreagair an coigreach.

‘Dè tha na bhroinn?’ dh’fhaighnich Dòmhnall.

‘Òr!’ thuirt am fear eile. ‘Tha e làn òir, agus gheibh sibh e far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir.’

Dh’fhalbh an duine. Goirid an dèidh sin, dh’fhalbh am bàta leis na fir air bòrd. Chaidh i à sealladh am measg stuaghan na fairge.

Cha d’ fhuair a’ chlann lorg air poca an t-seòladair no air an òr aige. Chan eil fios aig duine dè bhathar a’ ciallachadh le ‘far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir.’ Agus tha ceist ann. A bheil an t-òr fhathast ann an Eilean nan Ròn?!

Seal Island (4)

English Beurla

I was telling you about an experiment on Eilean nan Ròn in 1950. Some people were by themselves on the island for ten weeks. They were fully healthy. Some others came from the mainland to spread the common cold among them. According to reports in the media, none of the experimenters caught the cold.

A crofter on the mainland was full of the cold. He was sent to the island. He sat for a while along with four of the experimenters. Three [of them] caught the cold What they learned from that, I’m not sure!

I want to finish our journey with a wee tale from Eilean nan Ròn. In olden times, there was a young girl called Betty. She was playing close to cliffs. She was with her brother, Donald. They saw a small boat coming towards the island.

They didn’t recognise the boat. There were three people aboard. Two of them were wearing sailor’s clothing. The other was wearing a soldier’s uniform.

When they reached the island, one of the ‘sailors’ jumped out. He had a bag. He ran to the far end of the island. The children ran after him. But he was too fast for them. He went out of sight.

When the children reached him, he was on the way back. He didn’t have the bag now.

‘Where is the bag?’ asked Betty.

‘It’s where the sun meets the sea,’ replied the stranger.

‘What’s in it?’ asked Donald.

‘Gold!’ said the other man. ‘It’s full of gold and you’ll find it where the sun meets the sea.’

The man left. Shortly after, the boat left with the men on board. It went out of sight among the waves of the open sea.

The children didn’t find the sailor’s bag or his gold. It’s not known what was meant by ‘where the sun meets the sea.’ And there is a question. Is the gold still on Eilean nan Ròn?!

Eilean nan Ròn (4)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu dheuchainn ann an Eilean nan Ròn ann an naoi ceud deug is caogad (1950). Bha feadhainn leotha fhèin san eilean airson deich seachdainean. Bha iad slàn, fallain. Thàinig feadhainn eile à tìr-mòr airson an cnatan a sgaoileadh nam measg. A rèir aithrisean anns na meadhanan, cha do ghabh duine de luchd na deuchainn an cnatan.

Bha croitear air tìr-mòr a bha làn dhen chnatan. Chaidh a chur don eilean. Shuidh e greis còmhla ri ceathrar de luchd na deuchainn. Ghabh triùir an cnatan. Dè dh’ionnsaich iad bhuaithe sin, chan eil mi cinnteach!

Tha mi airson crìoch a chur air ar cuairt le sgeul beag à Eilean nan Ròn. O shean, bha nighean òg air an robh Beataidh. Bha i a’ cluich faisg air bearraidhean. Bha i còmhla ri a bràthair, Dòmhnall. Chunnaic iad bàta beag a’ tighinn a dh’ionnsaigh an eilein.

Cha do dh’aithnich iad am bàta. Bha triùir air bòrd. Bha aodach seòladair air dithis aca. Bha èideadh saighdeir air an fhear eile.

Nuair a ràinig iad an t-eilean, leum fear de na ‘seòladairean’ a-mach. Bha poca aige. Ruith e gu ceann thall an eilein. Ruith a’ chlann às a dhèidh. Ach bha esan ro luath dhaibh. Chaidh e à sealladh.

Nuair a ràinig a’ chlann e, bha e air an rathad air ais. Cha robh am poca aige a-nis.

‘Càit a bheil am poca?’ dh’fhaighnich Beataidh.

‘Tha e far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir,’ fhreagair an coigreach.

‘Dè tha na bhroinn?’ dh’fhaighnich Dòmhnall.

‘Òr!’ thuirt am fear eile. ‘Tha e làn òir, agus gheibh sibh e far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir.’

Dh’fhalbh an duine. Goirid an dèidh sin, dh’fhalbh am bàta leis na fir air bòrd. Chaidh i à sealladh am measg stuaghan na fairge.

Cha d’ fhuair a’ chlann lorg air poca an t-seòladair no air an òr aige. Chan eil fios aig duine dè bhathar a’ ciallachadh le ‘far an coinnich a’ ghrian ris a’ mhuir.’ Agus tha ceist ann. A bheil an t-òr fhathast ann an Eilean nan Ròn?!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1250

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile