FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1059: Sutherland kale 1059: Càl Chataibh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Càl Chataibh

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir eile bha mi ag innse dhuibh mun chàl bhuan no perennial kale a tha mi a’ fàs anns an leas agam. Am-bliadhna, tha mi air càl eile a chur. Agus ʼs e seòrsa a tha ann a bhuineas do Ghàidhealtachd na h-Alba.

ʼS e an t-ainm a tha air Càl Chataibh no Sutherland Kale. A rèir aithris, bha e air fhàs le croitearan ann an Cataibh.

Ach càite ann an Cataibh? Uill, tha an fheadhainn a tha a’ reic an t-sìl ag ainmeachadh baile air a bheil West Drummie. Nise, chan aithne dhòmhsa baile ann an Cataibh air a bheil an t-ainm sin. Tha amharas agam gu bheil iad a’ ciallachadh West Drummuie faisg air Goillspidh. Ach chan eil mi cinnteach.

Fhuaras an sìol bho sheann bhoireannach, Ealasaid Woolcombe. Ann an dà mhìle ʼs a seachd (2007), bha i naochad ʼs a trì bliadhna a dh’aois. Agus fhuair ise an càl bho fhear a bha a’ rannsachadh lusan dhen t-seòrsa sin ann an Oilthigh Dhùn Èideann caogad bliadhna roimhe sin.

Tha an càl seo làidir. Bidh e a’ fàs gu meatair ann an àirde. Chan eil meanbh-fhrìdean a’ dèanamh cron air. Agus tha e a’ seasamh ris a’ ghaoith agus ri fuachd a’ gheamhraidh. Bidh e a’ fàs às ùr as t-Earrach an dèidh a’ gheamhraidh.

Gabhaidh dà phàirt dhen lus ithe – na duilleagan, a tha blasta, agus na gasan ùra air am bi na flùraichean a’ fàs. Tha na gasan gu math milis agus coltach ri brocail òg. Tha cuid ag ràdh gu bheil iad coltach ri aspàrag.

Tha an càl seo a-nise sàbhailte. Tha e air fhàs ann an iomadh àite. Chan eil e ann an cunnart a dhol à bith. Ach tha ceist ann – a bheil e dha-rìribh na chàl? Buinidh na càil don ghnè Brassica oleracea. Ach tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gum buin an càl Catach do sheòrsa eile – Brassica napus. Thàinig sin gu bith mar tar-chineal eadar càl àbhaisteach (Brassica oleracea), snèap (Brassica rapa) agus an sgeallan dubh (Brassica nigra). Tha eachdraidh inntinneach aig a’ chàl seo!

Sutherland kale

English Beurla

In another [earlier] Litir, I was telling you about the càl buan or perennial kale that I am growinmg in my garden. This year, I have planted another kale. And it’s a variety that belongs to the Highlands of Scotland.

Its name is Càl Chataibh or Sutherland Kale. According to reports, it was grown by crofters in Sutherland.

But where in Sutherland? Well, those that sell the seed name a village called West Drummie. Now, I don’t know a village in Sutherland with that name. I suspect they mean West Drummuie near Golspie. But I’m not certain.

The seed was obtained from an old woman, Elizabeth Woolcombe. In 2007 she was 93 years of age. And she obtained the kale from a man who was researching plants of that type at the University of Edinburgh fifty years prior to that.

This kale is strong. It grows to a metre in height. Insects don’t damage it. And it withstands the wind and the cold of winter. It grows anew in spring after the winter.

Two parts of the plant can be eaten – the leaves, which are tasty, and the new shoots on which the flowers grow. The shoots are very sweet and like young broccoli. Some people liken them to asparagus.

This kale is now safe. It is grown in many places. It is not in danger of extinction. But there is a question – is it truly a kale? The kales belong to the species Brassica oleracea. But researchers reckon that the Sutherland Kale belongs to another type – Brassica napus. That came into being as a hybrid between cabbage (Brassica oleracea), turnip (Brassica rapa) and black mustard (Brassica nigra). This kale has an interesting history!

Càl Chataibh

Gaelic Gàidhlig

Ann an Litir eile bha mi ag innse dhuibh mun chàl bhuan no perennial kale a tha mi a’ fàs anns an leas agam. Am-bliadhna, tha mi air càl eile a chur. Agus ʼs e seòrsa a tha ann a bhuineas do Ghàidhealtachd na h-Alba.

ʼS e an t-ainm a tha air Càl Chataibh no Sutherland Kale. A rèir aithris, bha e air fhàs le croitearan ann an Cataibh.

Ach càite ann an Cataibh? Uill, tha an fheadhainn a tha a’ reic an t-sìl ag ainmeachadh baile air a bheil West Drummie. Nise, chan aithne dhòmhsa baile ann an Cataibh air a bheil an t-ainm sin. Tha amharas agam gu bheil iad a’ ciallachadh West Drummuie faisg air Goillspidh. Ach chan eil mi cinnteach.

Fhuaras an sìol bho sheann bhoireannach, Ealasaid Woolcombe. Ann an dà mhìle ʼs a seachd (2007), bha i naochad ʼs a trì bliadhna a dh’aois. Agus fhuair ise an càl bho fhear a bha a’ rannsachadh lusan dhen t-seòrsa sin ann an Oilthigh Dhùn Èideann caogad bliadhna roimhe sin.

Tha an càl seo làidir. Bidh e a’ fàs gu meatair ann an àirde. Chan eil meanbh-fhrìdean a’ dèanamh cron air. Agus tha e a’ seasamh ris a’ ghaoith agus ri fuachd a’ gheamhraidh. Bidh e a’ fàs às ùr as t-Earrach an dèidh a’ gheamhraidh.

Gabhaidh dà phàirt dhen lus ithe – na duilleagan, a tha blasta, agus na gasan ùra air am bi na flùraichean a’ fàs. Tha na gasan gu math milis agus coltach ri brocail òg. Tha cuid ag ràdh gu bheil iad coltach ri aspàrag.

Tha an càl seo a-nise sàbhailte. Tha e air fhàs ann an iomadh àite. Chan eil e ann an cunnart a dhol à bith. Ach tha ceist ann – a bheil e dha-rìribh na chàl? Buinidh na càil don ghnè Brassica oleracea. Ach tha luchd-rannsachaidh dhen bheachd gum buin an càl Catach do sheòrsa eile – Brassica napus. Thàinig sin gu bith mar tar-chineal eadar càl àbhaisteach (Brassica oleracea), snèap (Brassica rapa) agus an sgeallan dubh (Brassica nigra). Tha eachdraidh inntinneach aig a’ chàl seo!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1362

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile