FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1044: Tarberts of Scotland (4) 1044: Tairbeartan na h-Alba (4)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tairbeartan na h-Alba (4)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ bruidhinn mun ‘tairbeart’ faisg air Port mo Cholmaig ann an Ros an Ear. Bha an t-àrc-eòlaiche, Martin Carver, dhen bheachd gur dòcha gun robh slighe ann eadar Caolas Dhòrnaich agus Caolas Chrombaigh tro Loch na h-Uidhe, agus gum b’ e sin an ‘tairbeart’.

An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a dh’fhoillseachadh beachd eile. Tha e a’ tighinn bho Liz Curtis, eòlaiche air eachdraidh agus ainmean-àite. Tha ise dhen bheachd gun robh tairbeart na bu ghiorra ann. Bha e eadar Port mo Cholmaig agus baile beag air cladach an ear Rubha Thairbeirt, air a bheil Rockfield mar ainm ann am Beurla.

Nise, ’s e a’ Ghàidhlig air Rockfield Creag Tarail Bheag. Tha Liz Curtis dhen bheachd gu bheil am facal Taral ag innse dhuinn mu shlighe a bhiodh daoine a’ gabhail. Tha e a’ tighinn bho tar agus ail, a’ ciallachadh ‘over [the] cliff’. Bha daoine a’ dol thar na creige an sin.

Carson? Bha, a chionn ’s gum b’ e sin deireadh – no toiseach – an tairbeirt ‘the boat portage place’. Tha Curtis ag innse dhuinn gun robh slighe ann eadar seann Eaglais an Tairbeirt, far an robh manachainn ainmeil, agus Creag Tarail Bheag far an robh uaireigin seann seipeal. Tha an t-slighe cileameatair gu leth ann am fad.

Carson, ge-tà, nach biodh daoine a’ seòladh eadar am port agus Creag Tarail Bheag? A chionn ’s gun robh e cunnartach seòladh seachad air Rubha Thairbeirt, far a bheil taigh-solais an-diugh Tha sgeirean a’ ruith a-mach gu muir bhon rubha. Agus, tha dà shruth-mhara a’ coinneachadh aig gob an rubha – fear à Caolas Dhòrnaich agus fear à Linne Mhoireibh. Far am bi iad a’ coinneachadh, bidh a’ mhuir gu math garbh gu math tric.

Mar sin, ri linn nan eathraichean beaga leathair, bha e na bu shàbhailte – gu math tric – Rubha Thairbeirt a sheachnadh. Bhiodh maraichean a bha a’ dol eadar, can, Ros Mhaircnidh anns an Eilean Dubh agus Port mo Cholmaig, a’ stad aig Creag Tarail Bheag. Bhiodh am pìos mu dheireadh dhen turas aca air tìr, thar an tairbeirt.

Tarberts of Scotland (4)

English Beurla

In the last Litir I was talking about the ‘tarbat’ (tarbert) near Portmahomack in Easter Ross. The archaeologist, Martin Carver, was of the opinion that there was a route between the Dornoch Firth and the Cromarty Firth through Loch Eye and that that was the ‘tarbat’.

This week, I’m going to publish a different opinion. It comes from Liz Curtis, an expert on history and place-names. She reckons there was a shorter tarbat. It was between Portmahomack and a village on the eastern shore of Tarbat Ness, called Rockfield in English.

Now, the Gaelic for Rockfield is Creag Tarail Bheag. Liz Curtis thinks that the word Taral tells us about a route people would take. It comes from tar and ail, meaning ‘over [the] cliff’. People were going over the cliff there.

Whey? Because that was the end – or start – of the tarbat ‘the boat portage place’. Curtis tells us that there was a route between the old Tarbat Church, where there was a famous monastery, and Rockfield where there was at one time an old chapel. The route is a kilometre and a half in length.

Why, then, did people not sail between the port and Rockfield? Because it was dangerous sailing past Tarbat Ness, where there is a lighthouse today. Skerries run out to sea from the point. And two sea currents meet at the extremity of the ness – one from the Dornoch Firth and one from the Moray Firth. Where they meet, the sea is very rough, very often.

Thus, in the days of [the] wee leather boats, it was safer – very often – to avoid Tarbat Ness. Mariners who were going between, say, Rosemarkie on the Black Isle and Portmahomack would stop at Rockfield. The final part of their journey would be on land, across the boat portage (or tarbat).

Tairbeartan na h-Alba (4)

Gaelic Gàidhlig

Anns an Litir mu dheireadh bha mi a’ bruidhinn mun ‘tairbeart’ faisg air Port mo Cholmaig ann an Ros an Ear. Bha an t-àrc-eòlaiche, Martin Carver, dhen bheachd gur dòcha gun robh slighe ann eadar Caolas Dhòrnaich agus Caolas Chrombaigh tro Loch na h-Uidhe, agus gum b’ e sin an ‘tairbeart’.

An t-seachdain seo, tha mi a’ dol a dh’fhoillseachadh beachd eile. Tha e a’ tighinn bho Liz Curtis, eòlaiche air eachdraidh agus ainmean-àite. Tha ise dhen bheachd gun robh tairbeart na bu ghiorra ann. Bha e eadar Port mo Cholmaig agus baile beag air cladach an ear Rubha Thairbeirt, air a bheil Rockfield mar ainm ann am Beurla.

Nise, ’s e a’ Ghàidhlig air Rockfield Creag Tarail Bheag. Tha Liz Curtis dhen bheachd gu bheil am facal Taral ag innse dhuinn mu shlighe a bhiodh daoine a’ gabhail. Tha e a’ tighinn bho tar agus ail, a’ ciallachadh ‘over [the] cliff’. Bha daoine a’ dol thar na creige an sin.

Carson? Bha, a chionn ’s gum b’ e sin deireadh – no toiseach – an tairbeirt ‘the boat portage place’. Tha Curtis ag innse dhuinn gun robh slighe ann eadar seann Eaglais an Tairbeirt, far an robh manachainn ainmeil, agus Creag Tarail Bheag far an robh uaireigin seann seipeal. Tha an t-slighe cileameatair gu leth ann am fad.

Carson, ge-tà, nach biodh daoine a’ seòladh eadar am port agus Creag Tarail Bheag? A chionn ’s gun robh e cunnartach seòladh seachad air Rubha Thairbeirt, far a bheil taigh-solais an-diugh Tha sgeirean a’ ruith a-mach gu muir bhon rubha. Agus, tha dà shruth-mhara a’ coinneachadh aig gob an rubha – fear à Caolas Dhòrnaich agus fear à Linne Mhoireibh. Far am bi iad a’ coinneachadh, bidh a’ mhuir gu math garbh gu math tric.

Mar sin, ri linn nan eathraichean beaga leathair, bha e na bu shàbhailte – gu math tric – Rubha Thairbeirt a sheachnadh. Bhiodh maraichean a bha a’ dol eadar, can, Ros Mhaircnidh anns an Eilean Dubh agus Port mo Cholmaig, a’ stad aig Creag Tarail Bheag. Bhiodh am pìos mu dheireadh dhen turas aca air tìr, thar an tairbeirt.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1348

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile