FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1042: Tarberts of Scotland (2) 1042: Tairbeartan na h-Alba (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Tairbeartan na h-Alba (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn a’ toirt sùil air tairbeartan na h-Alba. Anns a’ cheann a deas, faisg air Maol nan Gall – The Mull of Galloway – tha West Tarbet agus East Tarbet. Eatarra, tha tairbeart no isthmus.

Tha Tairbeart Loch Fìne a’ ceangal Cinn Tìre ri Cnapadal. Le bhith a’ tarraing bàta thairis air an tairbeart sin, bhiodh seann mharaichean a’ seachnadh turas-mara fada timcheall Maol Chinn Tìre.

Cuideachd ann an ceann a deas na Gàidhealtachd, tha T airbeart Loch Laomainn. Tha e ainmeil ann an eachdraidh. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263), ro Bhlàr na Leargaidh Ghallta, tharraing Lochlannaich an longan eadar Loch Long (a tha na loch-mara) agus Loch Laomainn (a tha na loch-uisge). Rinn iad creach air bailtean air cladaichean Loch Laomainn.

Tha tairbeart eadar an Linne Dhubh faisg air a’ Ghearasdan agus Loch Suaineart faisg air Àird nam Murchan. Chì sibh Glen Tarbert air mapaichean.

Faisg air Malaig, tha tairbeart eadar Loch Mhòrair agus Loch Nibheis. Air Eilean Chanaigh, tha Tarbert Bay ann far a bheil an t-eilean caol agus còmhnard. Agus, ann an Eadar Dà Chaolas, faisg air Sgobharaidh, tha an tairbeart as fhaide tuath, air cladach Linne Shannda.

Sin na tairbeartan air taobh an iar na h-Alba. Ach tha trì air an taobh an ear. Tha fear air eilean ann an Linne Fhoirthe ris an canar , Fidra. Tuath air sin, air an Isle of May, tha tairbeart eile ann. Tha e na chaolas-mara nuair a tha an làn ann.

Ann an Ros an Ear, faisg air Port mo Cholmaig, tha tairbeart air leth inntinneach. Chan eil ‘isthmus’ follaiseach. Ach tha am facal tairbeart a’ nochdadh gu tric, leis an dreach ‘Tarbat’ ann am Beurla. Tha Tarbat Ness ann, far a bheil taigh-solais. Ann am Port mo Cholmaig, tha Tarbat Church of Scotland, Tarbat Golf Course agus Tarbat Historic Trust, am measg eile. Ach càit a bheil an tairbeart fhèin?!

Bha a’ cheist sin riamh a’ cur dragh orm. Ach saoilidh mi gun do lorg mi fuasgladh. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

Tarberts of Scotland (2)

English Beurla

We were looking at the tarberts of Scotland. In the south, near Maol nan Gall – The Mull of Galloway –there are West Tarbet and East Tarbert. Between them, there is a tarbert or isthmus.

Tarbert Loch Fyne connects Kintyre with Knapdale. By drawing a boat across that isthmus, old mariners would avoid a long sea-journey around the Mull of Kintyre.

Also in the southern Gàidhealtachd, there is Tarbet Loch Lomond. It is famous in history. In 1263, before the Battle of Largs, Norsemen dragged their ships between Loch Long (which is a sea-loch) and Loch Lomond (which is a freshwater loch). They plundered settlements on the shores of Loch Lomond.

There is a tarbert between Loch Linnhe near Fort William and Loch Sunart near Ardnamurchan. You can see ‘Glen Tarbert’ on maps.

Near Mallaig, there is a tarbert between Loch Morar and Loch Nevis. On the Isle of Canna, there is Tarbert Bay where the island is narrow and flat. And, in Eddrachillis, near Scourie, there is the most northerly tarbert, on the shore of the Sound of Handa.

Those are the tarberts in the west of Scotland. But there are three in the east. One is on an island in the Firth of Forth called Fidra. North of that, on the Isle of May, there is another tarbert. It is a sea-channel at high tide.

In Easter Ross near Portmahomack, there is a very interesting tarbert. There is no obvious isthmus. But the word tairbeart appears often, with the form ‘Tarbat’ in English. There is Tarbat Ness, where there is a lighthouse. In Portmahomack, there are the Tarbat Church of Scotland, Tarbat Golf Course and Tarbat Historic Trust, among others. But where is the tarbert itself?!

That question was always bugging me. But I reckon I [have] found an answer. I’ll tell you about it in the next Litir.

Tairbeartan na h-Alba (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha sinn a’ toirt sùil air tairbeartan na h-Alba. Anns a’ cheann a deas, faisg air Maol nan Gall – The Mull of Galloway – tha West Tarbet agus East Tarbet. Eatarra, tha tairbeart no isthmus.

Tha Tairbeart Loch Fìne a’ ceangal Cinn Tìre ri Cnapadal. Le bhith a’ tarraing bàta thairis air an tairbeart sin, bhiodh seann mharaichean a’ seachnadh turas-mara fada timcheall Maol Chinn Tìre.

Cuideachd ann an ceann a deas na Gàidhealtachd, tha T airbeart Loch Laomainn. Tha e ainmeil ann an eachdraidh. Ann an dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263), ro Bhlàr na Leargaidh Ghallta, tharraing Lochlannaich an longan eadar Loch Long (a tha na loch-mara) agus Loch Laomainn (a tha na loch-uisge). Rinn iad creach air bailtean air cladaichean Loch Laomainn.

Tha tairbeart eadar an Linne Dhubh faisg air a’ Ghearasdan agus Loch Suaineart faisg air Àird nam Murchan. Chì sibh Glen Tarbert air mapaichean.

Faisg air Malaig, tha tairbeart eadar Loch Mhòrair agus Loch Nibheis. Air Eilean Chanaigh, tha Tarbert Bay ann far a bheil an t-eilean caol agus còmhnard. Agus, ann an Eadar Dà Chaolas, faisg air Sgobharaidh, tha an tairbeart as fhaide tuath, air cladach Linne Shannda.

Sin na tairbeartan air taobh an iar na h-Alba. Ach tha trì air an taobh an ear. Tha fear air eilean ann an Linne Fhoirthe ris an canar , Fidra. Tuath air sin, air an Isle of May, tha tairbeart eile ann. Tha e na chaolas-mara nuair a tha an làn ann.

Ann an Ros an Ear, faisg air Port mo Cholmaig, tha tairbeart air leth inntinneach. Chan eil ‘isthmus’ follaiseach. Ach tha am facal tairbeart a’ nochdadh gu tric, leis an dreach ‘Tarbat’ ann am Beurla. Tha Tarbat Ness ann, far a bheil taigh-solais. Ann am Port mo Cholmaig, tha Tarbat Church of Scotland, Tarbat Golf Course agus Tarbat Historic Trust, am measg eile. Ach càit a bheil an tairbeart fhèin?!

Bha a’ cheist sin riamh a’ cur dragh orm. Ach saoilidh mi gun do lorg mi fuasgladh. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn anns an ath Litir.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1346

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile