FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1051: The Clean Herring 1051: An Sgadan Glan

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Sgadan Glan

Gaelic Gàidhlig

Dè tha ann an sgadan glan agus sgadan salach? Clean herring agus dirty herring? Uill ... fanaibh mionaid agus innsidh mi dhuibh.

Air mo bheulaibh, tha lethbhreac agam de sheann phàipear. Chaidh fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846). ’S e an t-ainm a tha air ‘Directions for Taking and Curing Herrings ...’

Chaidh fhoillseachadh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich – The Board of British Fisheries. Agus bha e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gàidhlig a leughadh.

Tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chànan. Tha a’ Bheurla air an taobh chlì agus tha a’ Ghàidhlig air an taobh dheas. ’S e an tiotal a tha air a’ phàipear ann an Gàidhlig ‘An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan ...’

B’ e an t-ùghdar An Ridire Tòmas Dic Lauder. Bha e na ‘Rùn-chlèireach’ aig Bòrd na h-Iasgaireachd – Secretary to the Fisheries Board. ’S e an t-Urr. Alasdair MacGriogair, Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach, a rinn an t-eadar-theangachadh.

Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil trì seòrsaichean sgadain ann – an sgadan glan, an sgadan salach agus an sgadan ruithte. Airson tuigsinn dè tha ann an sgadan glan, feumaidh mi dà fhacal a thoirt dhuibh. Tha iuchair a’ ciallachadh fish roe. Tha mealg a’ ciallachadh milt – no sìol nan sgadan fireann.

’S e sgadan glan iasg anns a bheil iuchair no mealg ann. Ach chan eil iad ro leasaichte. Ann am Beurla, canar maties riutha. Is iad sin na sgadain as fheàrr mar bhiadh.

’S e an sgadan salach, ge-tà, am fear as luachmhoire. Tha e a’ coimhead nas reamhra na ’n sgadan glan oir tha an iuchair no a’ mhealg air fàs mòr. Ann am Beurla, canaidh daoine full fish riutha.

Tha treas seòrsa ann, agus ’s e sin an sgadan ruithte no spent fish. Chan eil iuchair no mealg annta tuilleadh. Tha iad caol agus chan eil iad cho math mar bhiadh. Tha fios agaibh a-nise dè tha ann an ‘sgadan glan’!

The Clean Herring

English Beurla

What is a sgadan glan and a sgadan salach? Clean herring and dirty herring? Well … wait a moment and I’ll tell you.

In front of me I have a copy of an old paper. It was published in Edinburgh in 1846. Its name is ‘Directions for Taking and Curing Herrings ...’

It was published by Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich – The Board of British Fisheries. And it was translated into Gaelic. In the middle of the 19th century, many people were capable of reading Gaelic.

Each page is divided between the two languages. The English is on the left(-hand) side and the Gaelic is on the right side. The title of the paper in Gaelic is ‘An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan ...’

The author was Thomas Dick Lauder. He was ‘Rùn-chlèireach’ to the Fisheries Board – Secretary to the Fisheries Board. It was the Rev. Alexander MacGregor, Assistant Minister in Kilmuir on Skye, that did the translation.

The author tells us that there are three types of herring – an sgadan glan, an sgadan salach and an sgadan ruithte. To understand what a sgadan glan is, I must give you two words. Iuchair means fish roe. Mealg means milt or the sperm of the male herrings.

A sgadan glan is a fish that contains roe or milt. But they are not too (well) developed. In English, they are called ‘maties’. They are the best herring for eating [‘as food’].

It’s the sgadan salach, however, that is the most valuable. It looks fatter than the sgadan glan because the roe or milt have grown large. In English, they are called ‘full fish’.

There is a third type of fish and that is the sgadan ruithte or ‘spent fish’. They no longer contain roe or milt. They are thin and are not so good as food. Now you know what a sgadan glan is!

An Sgadan Glan

Gaelic Gàidhlig

Dè tha ann an sgadan glan agus sgadan salach? Clean herring agus dirty herring? Uill ... fanaibh mionaid agus innsidh mi dhuibh.

Air mo bheulaibh, tha lethbhreac agam de sheann phàipear. Chaidh fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846). ’S e an t-ainm a tha air ‘Directions for Taking and Curing Herrings ...’

Chaidh fhoillseachadh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich – The Board of British Fisheries. Agus bha e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gàidhlig a leughadh.

Tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chànan. Tha a’ Bheurla air an taobh chlì agus tha a’ Ghàidhlig air an taobh dheas. ’S e an tiotal a tha air a’ phàipear ann an Gàidhlig ‘An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan ...’

B’ e an t-ùghdar An Ridire Tòmas Dic Lauder. Bha e na ‘Rùn-chlèireach’ aig Bòrd na h-Iasgaireachd – Secretary to the Fisheries Board. ’S e an t-Urr. Alasdair MacGriogair, Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach, a rinn an t-eadar-theangachadh.

Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil trì seòrsaichean sgadain ann – an sgadan glan, an sgadan salach agus an sgadan ruithte. Airson tuigsinn dè tha ann an sgadan glan, feumaidh mi dà fhacal a thoirt dhuibh. Tha iuchair a’ ciallachadh fish roe. Tha mealg a’ ciallachadh milt – no sìol nan sgadan fireann.

’S e sgadan glan iasg anns a bheil iuchair no mealg ann. Ach chan eil iad ro leasaichte. Ann am Beurla, canar maties riutha. Is iad sin na sgadain as fheàrr mar bhiadh.

’S e an sgadan salach, ge-tà, am fear as luachmhoire. Tha e a’ coimhead nas reamhra na ’n sgadan glan oir tha an iuchair no a’ mhealg air fàs mòr. Ann am Beurla, canaidh daoine full fish riutha.

Tha treas seòrsa ann, agus ’s e sin an sgadan ruithte no spent fish. Chan eil iuchair no mealg annta tuilleadh. Tha iad caol agus chan eil iad cho math mar bhiadh. Tha fios agaibh a-nise dè tha ann an ‘sgadan glan’!

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1355

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile