FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1361: Madaidhean-cuain a’ Cur Eathraichean Fodha

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Madaidhean-cuain a’ Cur Eathraichean Fodha

Gaelic Gàidhlig

A bheil fios agaibh dè th’ ann am madadh-cuain? Ocean-wolf. ʼS e sin a’ Ghàidhlig air fear de na h-ainmhidhean as iongantaiche a chithear timcheall chostaichean na h-Alba. Ann am Beurla, ʼs e ‘killer whale’ no ‘orca’ a chanas daoine ri a leithid.

ʼS e mamail mara a th’ ann. Tha e càirdeach do leumadairean agus mucan-mara. Tha madaidhean-cuain air a bhith an sàs ann an droch thachartasan aig muir, faisg air an Spàinn agus Portagail. Tha buidhnean dhiubh air ionnsaigh a thoirt air bàtaichean, gu h-àraidh gheataichean. Chuir iad grunnan shoithichean fodha.

Ach a bheil, no an robh, na madaidhean-cuain a’ dèanamh an aon rud ann an uisgeachan na h-Alba? Uill, dh’aithris aon sgiobair o chionn ghoirid gun tug fear ionnsaigh air a’ gheat aige faisg air Sealtainn. Agus bha mi a’ leughadh, an latha eile, beachd aig fear le ceangal làidir do dh’eileanan an taoibh siar. Bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air bàtaichean a chur fodha far taobh an iar na h-Alba cuideachd.

Tha a chunntas ri leughadh anns an leabhar ‘Stories from South Uist’ – cruinneachadh de sgeulachdan agus naidheachdan aig Aonghas Beag, Aonghas Mac Ill Ialain à Uibhist a Deas. Bha iad air an cruinneachadh, agus air an eadar-theangachadh gu Beurla, leis an sgoilear, Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh.

Anns an leabhar, tha naidheachd aig Aonghas mu fhear Dòmhnall MacLeòid. Bha na sinnsirean aig Dòmhnall à Muile. Ach bha Dòmhnall fhèin a’ fuireach ann an Loch Baghasdal ann an Uibhist a Deas.

Bha e ag obair air bàt’-iasgaich. Bha iad latha far costa sear Uibhist, ri iasgach an sgadain, nuair a thàinig maighdeann-mhara am bàrr air an cùlaibh. Thilg a h-uile duine a bh’ air bòrd sgadan dhi. Cha deach i fodha. Ach, nuair a thilg Dòmhnall an sgadan aigesan, dh’fhalbh a’ mhaighdeann-mhara fodha sa bhad. Thuirt an sgiobair ris gum faigheadh Dòmhnall bàs le bàthadh uair no uaireigin.

Airson a bhith sàbhailte, dh’fhuirich Dòmhnall aig port airson bliadhna. Ach an uair sin, thàinig fear thuige. Bha e ag iarraidh a thaic ann a bhith a’ seòladh bàta à Loch Baghasdal gu ruige Loch Sgioport ann an ceann a tuath an eilein. Dh’aontaich Dòmhnall a chuideachadh.

Tha an còrr dhen sgeul air innse le fear Fionnlagh MacCoinnich, leis an robh Taigh-òsta Loch Baghasdail. ʼS e latha brèagha a bh’ ann, agus chunnaic Fionnlagh am bàta a’ falbh.

Nuair a bha i a’ tighinn na b’ fhaisge air Loch Sgioport chunnaic fear dhen luchd-obrach aig Taigh-solais Uisinis i. Chuir e a phrosbaig sìos agus dh’fhalbh e airson rudeigin eile a dhèanamh. Bha e air falbh deich mionaidean. Nuair a thill e, cha robh sgeul air a’ bhàta. Thuirt Fionnlagh gur dòcha gun tàinig cearban no muc-mhara suas fòidhpe agus gun deach a cur thairis.

Chuir an deasaiche, Fear Chanaigh, a bheachd ris. Choirich e madadh-cuain. Bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air grunnan bhàtaichean a chur fodha anns an dòigh sin. Bha e a’ sgrìobhadh o chionn còrr is seasgad bliadhna.

Faclan na Litreach: Madadh-cuain: orca, killer whale; Aonghas Mac Ill Ialain: Angus MacLellan; Uibhist a Deas: South Uist; Loch Baghasdal: Lochboisdale; Loch Sgioport: Loch Skipport; Fionnlagh MacCoinnich: Finlay MacKenzie; Taigh-solais Uisinis: Ushinish Lighthouse.

Abairtean na Litreach: fear de na h-ainmhidhean as iongantaiche a chithear timcheall chostaichean na h-Alba: one of the most amazing animals which is seen around the coasts of Scotland; càirdeach do leumadairean agus mucan-mara: related to dolphins and whales; an sàs ann an droch thachartasan aig muir: involved in bad occurrences at sea; faisg air an Spàinn agus Portagail: near Spain and Portugal; chuir iad grunnan shoithichean fodha: they sank several vessels; dh’aithris aon sgiobair o chionn ghoirid: one skipper reported recently; gun tug fear ionnsaigh air a’ gheat aice faisg air Sealtainn: that one attacked his yacht near Shetland; bha e an amharas gun robh madaidhean-cuain air bàtaichean a chur fodha: he suspected that orcas had sunk boats; bha iad air an cruinneachadh, agus air an eadar-theangachadh gu Beurla: they were collected and translated into English; leis an sgoilear, Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh: by the scholar, John Lorne Campbell, the Laird of Canna; bha na sinnsirean aig Dòmhnall à Muile: Donald’s ancestors were from Mull; nuair a thàinig maighdeann-mhara am bàrr air an cùlaibh: when a mermaid came to the surface behind them; nuair a thilg Dòmhnall an sgadan aigesan, dh’fhalbh a’ mhaighdeann-mhara fodha sa bhad: when Donald threw his herring, the mermaid dived immediately; thàinig fear thuige: a man came to him; bha cuimhne aigesan air na thachair: he remembered what happened; bha i air a dhol à fianais: she had disappeared.

Puing-chànain na Litreach: gur dòcha gun tàinig cearban no muc-mhara suas fòidhpe: that perhaps a basking shark or whale came up under her (boats are conceptually feminine, at least when at sea). The Gaelic Orthographic Conventions (2009) recommend an accented ‘o’ in both the prepositional pronouns fòidhpe ‘under her’ and fòdhpa ‘under them’ (to indicate a vowel lengthening) but not all writers adhere to this. Dwelly and the Faclair Beag give foidhpe and fodhpa. The other prepositional pronouns with ‘fo’ do not have an accented ‘o’ – fodham ‘under me’, fodhad ‘under you’, fodha ‘under him’, fodhainn ‘under us’ and fodhaibh ‘under you (pl)’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: gum faigheadh Dòmhnall bàs le bàthadh uair no uaireigin: that Donald would die by drowning at some time or other.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1057

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean