FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1367: Bha Siud ann Reimhid

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Bha Siud ann Reimhid

Gaelic Gàidhlig

Thàinig leabhar Gàidhlig a-mach às ùr na bu tràithe dhen bhliadhna. ’S e an tiotal a th’ air Bha Siud ann Reimhid agus chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn caogad bliadhna. ’S e Lisa Storey – a bhuineas do Bhatarsaigh – a rinn an leabhar. Tha e na chruinneachadh laghach de sgeulachdan traidiseanta à beul-aithris.

Thàinig mi tarsainn air an leabhar o chionn fhada. Cha robh mòran Gàidhlig agam aig an àm sin. Cha do thuig mi am facal ‘Reimhid’ ann an tiotal an leabhair. Chan eil e ann an Gàidhlig Shiorrachd Rois agus cha robh mi eòlach air. Thug mi sùil ann am faclair Dwelly, agus cha robh reimhid an sin nas motha. Agus, aig an àm sin, cha robh mi eòlach air Gàidhlig nan Eilean mu Dheas far a bheilear a’ cleachdadh an fhacail.

Tha reimhid a’ ciallachadh ‘beforehand’. Tha e stèidhichte air an fhacal roimhe ‘before it’, no mar a chanas cuid reimhe. Bhiodh seanchaidhean a’ tòiseachadh sgeul mu sheann tachartasan le ‘Bha siud ann reimhid’. Ann an dualchainntean eile, math dh’fhaodte gun canadh iad, ‘Uair a bha siud’ no ‘Latha a bha seo’ no ‘Bha uaireigin bodach ann ...’

Bha Lisa Storey ag obair le Sgoil Eòlais na h-Alba nuair a bha i rudeigin òg agus ’s ann on stòras aig an Sgoil Eòlais a tha a’ chuid as motha de na stòiridhean anns an leabhar a’ tighinn. Tha iad ann an Gàidhlig ghlan, ghnàthasach le dealbhan snoga an siud ʼs an seo.

’S e tè de na sgeulachdan anns an leabhar Biorachan Beag agus Biorachan Mòr. Dh’inns mi dreach dhen sgeul fo ainm eile – Morachan is Mionachan – ann an Litrichean dà cheud, naochad ’s a h-ochd (298) gu trì cheud (300).

Tha an sgeulachd a’ dol tro shreath de dh’ainmhidhean is suidheachaidhean mus ruigear an ceann-uidhe. Tha Biorachan Mòr ag iarraidh slat a ghabhadh air Biorachan Beag gus nach itheadh e cus de na cnòthan. Ach chan e rud sìmplidh a th’ ann slat a lorg! Carson nach leugh sibh an dreach glan dhen sgeul ann an Bha Siud ann Reimhid?

Tha sgeul ainmeil eile anns an leabhar – ’s e sin A’ Ghobhar Ghlas. Tha e mu dheidhinn gobhar a dh’fhàgas a cuid mheann aig an taigh nuair a dh’fhalbhas i don chladach a dh’iarraidh maorach. Fhad ’s a tha i air falbh, tha am madadh-ruadh a’ tighinn. Agus ... uill ... chan inns mi dhuibh dè thachras!

ʼS e an rud a tha feumail do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig gu bheil dreachan de na sgeulachdan rin cluinntinn air làrach-lìn Thobar an Dualchais. Mar eisimpleir, anns an leabhar, tha dreach dhen sgeulachd thraidiseanta ‘Plocach a’ Ruamhaire agus Corra-Chriostag’.

Tha trì diofar dhreachan dhen sgeul seo ann an Tobar an Dualchais – air an innse le triùir dhiofar sgeulaichean à Uibhist. Agus ciamar a tha an sgeul a’ tòiseachadh anns an leabhar? Tha le seo: ‘Bha siud ann reimhid bodach’.

ʼS e an sgeul mu dheireadh anns an leabhar fear beag goirid ris an canar ‘Coileach agus Sionnach’. Tha e a’ tòiseachadh mar seo: ‘Bha siud ann reimhid coileach spaideil ...’

Tha am madadh-ruadh ag innse don choileach gu bheil iad càirdeach do chèile. Tha an coileach rudeigin gòrach, agus tha e a’ suidhe gu socrach ri taobh a’ mhadaidh. Uill, tuigidh sibh nach robh an coileach glic sin a dhèanamh!

Faclan na Litreach: Bhatarsaigh: Vatersay; beul-aithris: oral tradition; Gàidhlig Shiorrachd Rois: Ross-shire Gaelic; Sgoil Eòlais na h-Alba: The School of Scottish Studies; A’ Ghobhar Ghlas: The Grey Goat; coileach spaideil: a smart-looking cockerel.

Abairtean na Litreach: Thàinig leabhar Gàidhlig a-mach às ùr na bu tràithe dhen bhliadhna: a Gaelic book was republished earlier this year; chaidh fhoillseachadh an toiseach o chionn caogad bliadhna: it was first published fifty years ago; bhiodh seanchaidhean a’ tòiseachadh sgeul: storytellers would commence a story; uair a bha siud: once upon a time; latha a bha seo: one day; bha uaireigin bodach ann: there was at one time an old man; ’s ann on stòras aig an Sgoil Eòlais a tha a’ chuid as motha de na stòiridhean a’ tighinn: it’s from the archive of the School of (Scottish) Studies that most of the stories come; ann an Gàidhlig ghlan, ghnàthasach le dealbhan snoga an siud ʼs an seo: in rich, idiomatic Gaelic with attractive illustrations here and there; tro shreath de dh’ainmhidhean is suidheachaidhean: through a series of animals and situations; tha X ag iarraidh slat a ghabhadh air Y gus nach itheadh e cus de na cnòthan: X wants to take a rod to Y so that he won’t too many of the nuts; gobhar a dh’fhàgas a cuid mheann aig an taigh: a goat that leaves her kids at the house; nuair a dh’fhalbhas i don chladach a dh’iarraidh maorach: when she goes to the shore to gather shellfish; air an innse le triùir dhiofar sgeulaichean à Uibhist: told by three different storytellers from Uist; ag innse don choileach gu bheil iad càirdeach do chèile: is telling the cockerel that they are related to each other; nach robh an coileach glic sin a dhèanamh: that the cockerel was not wise to do that.

Puing-chànain na Litreach: cha robh mi eòlach air Gàidhlig nan Eilean mu Dheas far a bheilear a’ cleachdadh an fhacail: I wasn’t familiar with the Gaelic of the Southern Isles where the word is used. Na h-Eileanan mu Dheas (‘the southerly isles’) or Na h-Eileanan a Deas (‘the south isles’) is a term used to mean Uist and Barra, and associated smaller islands, which lie to the south of Lewis and Harris in the Outer Isles. I have used the traditional genitive plural form nan eilean ‘of the islands’ but you will also hear the nominative plural form used to express the genitive plural meaning.

Gnàthas-cainnt na Litreach: mus ruigear an ceann-uidhe: until the end (destination) is reached.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1063

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean