FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1362: Am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin

Gaelic Gàidhlig

An latha eile, bha mi a’ coimhead prògram telebhisein air a bheil mi rudeigin measail. ʼS e sin an Repair Shop. Bidh daoine a’ toirt innealan no dealbhan no leabhraichean ann ma tha iad feumach air càradh. ʼS e prògram laghach a th’ ann.

Ged a tha a’ bhùth-obrach aca stèidhichte ann an ceann a deas Shasainn, bidh iad air an rathad uaireannan – gu àiteachan eile anns an Rìoghachd Aonaichte. Agus, o chionn ghoirid, bha iad ann an Siorrachd Pheairt.

Nuair a bha iad ann, thàinig càraid phòsta thuca le seann leabhar-ciùil a bha feumach air càradh. Bha an leabhar uaireigin le pìobaire a bha ainmeil anns an naoidheamh linn deug – am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin. Bha e ann an rèisimeid an Fhreiceadain Duibh.

ʼS e an rud a thog m’ aire mu dheidhinn gun robh teacsa an leabhair ann an Gàidhlig. Nise, chan eil mi cinnteach an robh barrachd na tiotalan nam port ann an Gàidhlig, ach bha sin ann co-dhiù. Cha chreid mi gun robh Beurla sam bith anns an leabhar.

Bha mi airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu Dhòmhnall MacIlleBhàin, no Donald Bain ann am Beurla. Bha cuid de na sinnsirean aige an sàs ann am Blàr Chùil Lodair – tha mi an dùil air taobh an Riaghaltais. Rugadh Dòmhnall ann an Gallaibh ann an ochd ceud deug is naoi-deug (1819). Tha cuid de na cunntasan mu dheidhinn ag ainmeachadh Inbhir Ùige mar àite-breith. Tha feadhainn eile ag ainmeachadh Taigh ʼan Ghròt. Co-dhiù, rugadh e ann an sgìre far nach robh mòran Gàidhlig ga bruidhinn. Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà, nach robh an cànan aige na òige.

Nuair a bha e òg, bha Dòmhnall na chìobair. An uair sin, ghabh e àite anns an arm. Bha e thall ann an Ameireagaidh a Tuath agus anns na h-Innseachan. Ach dh’fhàs e ainmeil airson a sheirbheis ann an Crimea. Bha armailt aig na Breatannaich agus na Frangaich a’ sabaid an aghaidh nan Ruiseanach a bha a’ dìon a’ phuirt ainmeil air a bheil Sevastopol.

Bha batail ainmeil aig Abhainn Alma, tuath air Sevastopol. Rinn na Breatannaich agus na Frangaich a’ chùis. Agus am measg na chunnacas air blàr a’ bhatail, bha Dòmhnall MacIlleBhàin. Bha e a’ seinn na pìoba, eadhon ged a bha e ann an suidheachadh cunnartach. An dèidh sin, ghabh cuid ‘Gaisgeach na h-Alma’ air.

Bha e cho ainmeil aig an àm sin, ʼs gun deach urram mòr a thabhann dha – Pìobaire Pearsanta don Bhanrigh Bhictoria. Leig Dòmhnall an cothrom sin seachad, ge-tà, oir bhathar ag iarraidh fear nach robh pòsta. Agus bha Dòmhnall am beachd bean a ghabhail.

Bha e fìor mhath mar phìobaire agus bhiodh e a’ seinn na pìoba aig cuirmean air feadh Bhreatainn. Chaidh carragh-chuimhne don Fhreiceadan Dubh a thogail ann an Obar Pheallaidh. Nuair a bha cuirm-fhosglaidh ann, ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a seachd (1887), ’s e Dòmhnall MacIlleBhàin an riochdaire a bu shine aig an rèisimeid a bha an làthair.

Anns an earrainn mu dheireadh de a bheatha, bha Dòmhnall a’ fuireach ann an Dùn Dè. Bha e an sàs gu mòr ann an còmhlan pìoba an sin. Chaochail e ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a còig (1895). Chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Taobh Sear Dhùn Dè le làn-urram an airm – mar a bha iomchaidh do ghaisgeach cogaidh.

Faclan na Litreach: An Rìoghachd Aonaichte: The United Kingdom; Siorrachd Pheairt: Perthshire; càraid phòsta: married couple; leabhar-ciùil: music book; rèisimeid an Fhreiceadain Duibh: The Black Watch regiment; Blàr Chùil Lodair: The Battle of Culloden; Taigh ʼan Ghròt: John O’ Groats; armailt: armoured force, army; Gaisgeach na h-Alma: the Hero of the Alma; Dùn Dè: Dundee; còmhlan pìoba: pipe band.

Abairtean na Litreach: air a bheil mi rudeigin measail: of which I am somewhat fond; ma tha iad feumach air càradh: if they are in need of repair; le pìobaire a bha ainmeil anns an naoidheamh linn deug: owned by a piper who was famous in the 19th century; am Màidsear-pìoba Dòmhnall MacIlleBhàin: Pipe Major Donald Bain; barrachd na tiotalan nam port: more than the titles of the tunes; ag ainmeachadh Inbhir Ùige mar àite-breith: name Wick as his birthplace; bha Dòmhnall na chìobair: Donald was a shepherd; thall ann an Ameireagaidh a Tuath agus anns na h-Innseachan: over in North America and in India; dh’fhàs e ainmeil airson a sheirbheis ann an Crimea: he became famous for his service in Crimea; rinn na Breatannaich agus na Frangaich a’ chùis: the British and French were victorious; leig Dòmhnall an cothrom sin seachad, ge-tà: Donald declined that opportunity, however; oir bhathar ag iarraidh fear nach robh pòsta: because they were looking for a bachelor; bha Dòmhnall am beachd bean a ghabhail: Donald was considering taking a wife; bhiodh e a’ seinn na pìoba aig cuirmean air feadh Bhreatainn he would play the pipes at events throughout Britain; chaidh carragh-chuimhne don Fhreiceadan Dubh a thogail ann an Obar Pheallaidh: a memorial to the Black Watch was erected in Aberfeldy; ’s e X an riochdaire a bu shine aig an rèisimeid a bha an làthair: X was the oldest representative of the regiment who was present; chaidh a thiodhlacadh ann an Cladh Taobh Sear Dhùn Dè: he was buried in the Eastern Cemetery in Dundee; làn-urram an airm: full military honours; mar a bha iomchaidh do ghaisgeach cogaidh: as befitted a war hero.

Puing-chànain na Litreach: far nach robh mòran Gàidhlig ga bruidhinn: where not much Gaelic was spoken. This is a passive structure which you will meet occasionally. The verbal noun is not lenited because Gàidhlig is a feminine singular noun. A plural example would be: far nach robh mòran chànanan gam bruidhinn ‘where not many languages were [being] spoken’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: am measg na chunnacas: among what was seen.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1057

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean