FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1354: Auchenflower

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Auchenflower

Gaelic Gàidhlig

Nuair a bha mi a’ fuireach ann an Astràilia, mhothaich mi gun robh àiteachan gu leòr ann a bha a’ giùlan ainm a bhuineadh do dhualchas nan Gàidheal. Ann an Tasmania, mar eisimpleir, tha beanntan ann air a bheil Ben Nevis agus Ben Lomond.

Ann an Sydney, tha fo-bhailtean ann le ainmean Albannach. Gu tric, bha an t-ainm air a chur air taigh mòr no oighreachd. Nuair a chaidh am mòr-bhaile am meud, ghabh am fo-bhaile ùr ainm na h-oighreachd. Seo eisimpleirean a bhuineas do dhualchas nan Gàidheal: Balmoral, Blair Athol, Campbelltown agus Kyle Bay.

Mar as trice, chan eil an t-ainm agus coltas na tìre a’ tighinn a rèir a chèile mar a bhitheadh ann an Alba. Ge-tà, tha aon àite ann far a bheil an t-ainm stèidhichte, a rèir choltais, air cruth na tìre. ’S e sin Inverloch, no ‘Inverlock’ mar a chanas muinntir Astràilia ris. Tha e air a’ chladach ann am Bhictoria. Tha am baile suidhichte aig beul cumhang loch-mara ris an canar ‘Anderson Inlet’. B’ e an t-Albannach, Samuel Anderson, a’ chiad Eòrpach a chaidh a dh’fhuireach anns an sgìre anns an naoidheamh linn deug. Do Ghàidheal, tha an t-ainm a’ dèanamh ciall.

’S e a thug orm beachdachadh air a’ chuspair seo aithris mu fhèis Cheilteach a chaidh a chumail an-uiridh ann am Brisbane, prìomh bhaile Tìr na Banrigh. Thàinig daoine còmhla airson cultar nan ochd dùthchannan Ceilteach a chomharrachadh – ceòl, danns’ agus spòrs. Ochd dùthchannan? Seadh – Alba, Èirinn, a’ Chuimrigh, A’ Bhreatainn Bheag, Eilean Mhanainn agus a’ Chòrn – agus cuideachd Asturias agus Galicia.

Bha an fhèis ann am pàirc far a bheil carragh-cuimhne ann do na dùthchannan Ceilteach. Agus tha a’ phàirc ann an sgìre ris an canar Auchenflower. ’S e sin ainm Gàidhealach à Alba. Thuirt an fheadhainn a chuir an fhèis air dòigh gun robh e iomchaidh a cumail ann an àite le ainm Ceilteach a tha a’ ciallachadh ‘field of flowers’.

Tha dà àite ann an Alba air a bheil Auchenflower mar ainm. Tha iad san iar-dheas ann an seann Ghàidhealtachd Charraig agus Ghall-Ghàidhealaibh. Tha fear dhiubh deas air Cill Chuithbeirt no Kirkcudbright ann an Gall-Ghàidhealaibh. Tha an t-Suirbhidh Òrdanais a’ dearbhadh gu bheil an t-ainm a’ tighinn bhon Ghàidhlig Achadh nam Flùr ‘the field abounding in flowers’.

Tha am fear eile tuath air sin, ann an Carraig, sear air Baile na Tràgha no Ballantrae ann an Siorrachd Àir a Deas. ’S e oighreachd a bh’ ann a bha leis an teaghlach aig Tòmas Mac Ille Riabhaich no McIlwraith – seann ainm Gàidhealach a bhuineas do Charraig. Cheannaich Tòmas taigh ann am Brisbane ann an ochd ceud deug is ochdad (1880). Chuir e an t-ainm Auchenflower air. Bha Tòmas na Phrìomhaire ann an Tìr na Banrigh.

Tha eachdraidh mhòr aig an taigh. Bha triùir phrìomhairean a’ fuireach ann mus deach a ghluasad, an toiseach gu taigh-tasgaidh fosgailte, agus an uair sin gu sgìre eile. Ach dh’fhàg e ainm Gàidhealach às a dhèidh – agus dualchas a tha iomchaidh airson fèis Cheilteach anns an latha an-diugh.

Faclan na Litreach: Astràilia: Australia; fo-bhailtean: suburbs; Bhictoria: Victoria; carragh-cuimhne: memorial; Cill Chuithbeirt: Kirkcudbright; Baile na Tràgha: Ballantrae (‘beach town’); Siorrachd Àir a Deas: South Ayrshire; Tòmas Mac Ille Riabhaich: Thomas McIlwraith.

Abairtean na Litreach: mhothaich mi gun robh àiteachan gu leòr ann: I noticed that there were many places; a bha a’ giùlan ainm a bhuineadh do dhualchas nan Gàidheal: that carried a name that belonged to the heritage of the Gaels; nuair a chaidh am mòr-bhaile am meud: when the city expanded; ainm na h-oighreachd: the name of the estate; suidhichte aig beul cumhang loch-mara ris an canar X: situated at the narrow mouth of a sea loch called X; a’ chiad Eòrpach a chaidh a dh’fhuireach anns an sgìre anns an naoidheamh linn deug: the first European who went to live in the area in the nineteenth century; tha an t-ainm a’ dèanamh ciall: the name makes sense; ’s e a thug orm beachdachadh air a’ chuspair seo: what made me consider this subect; aithris mu fhèis Cheilteach a chaidh a chumail an-uiridh: a report about a Celtic festival that was held last year; prìomh bhaile Tìr na Banrigh: the capital of Queensland; gun robh e iomchaidh a cumail ann an àite le ainm Ceilteach: that it was fitting that it be held in a place with a Celtic name; san iar-dheas ann an seann Ghàidhealtachd Charraig agus Ghall-Ghàidhealaibh: in the south-west, in the old Gàidhealtachd of Carrick and Galloway; bha Tòmas na Phrìomhaire: Thomas was the Premier; bha triùir phrìomhairean a’ fuireach ann mus deach a ghluasad, an toiseach gu taigh-tasgaidh fosgailte: three premiers lived in it before it was moved, initially to an open-air museum.

Puing-chànain na Litreach: Achadh nam Flùr: literally ‘the field of the flowers’. In modern Gaelic we might call it ‘achadh nam flùraichean’ but this name, coined centuries ago, uses an older model (which still exists), in the which the genitive plural form of a noun is the same as the nominative singular form, as long as the final vowel is broad. It’s interesting how the Scots flooer (cf. English ‘flower’) gave us Gaelic flùr which in this place-name (Auchenflower) has been reanglicised to flower.

Gnàthas-cainnt na Litreach: chan eil an t-ainm agus coltas na tìre a’ tighinn a rèir a chèile mar a bhitheadh ann an Alba: the name and the appearance of the land are not aligned, do not concur as they would in Scotland.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1050

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean