FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1355: An Sgadan Glan

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

An Sgadan Glan

Gaelic Gàidhlig

Dè th’ ann an sgadan glan agus sgadan salach? Clean herring agus dirty herring? Uill, chan eil e cho sìmplidh sin. Tha mi a’ dol a dh’innse dhuibh dè th’ ann ach, an toiseach, feumaidh mi innse dhuibh carson a tha mi a’ beachdachadh air a’ chuspair seo.

Air mo bheulaibh, tha lethbhreac agam de sheann phàipear. Chaidh fhoillseachadh ann an Dùn Èideann ann an ochd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1846). ’S e an t-ainm a th’ air ‘Directions for Taking and Curing Herrings; and for Curing Cod, Ling, Tusk and Hake’.

Chaidh fhoillseachadh le Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich no The Board of British Fisheries. ’S e an rud a tha iongantach mu dheidhinn gun robh e air eadar-theangachadh gu Gàidhlig. Tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chànan, a’ Bheurla air an taobh chlì agus a’ Ghàidhlig air an taobh dheas. ’S e an tiotal a th’ air ann an Gàidhlig ‘An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan; agus air an Grèidhear an Trosg, an Langa, an Traille agus am Falmair’.

B’ e an t-ùghdar fear a bha rudeigin ainmeil ri a linn – An Ridire Tòmas Dic Lauder. Bha e na ‘Rùn-chlèireach’ aig Bòrd na h-Iasgaireachd – sin Secretary to the Fisheries Board. ’S e an t-Urr. Alasdair MacGriogair, Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire san Eilean Sgitheanach a rinn an t-eadar-theangachadh.

Tha e inntinneach gun robhar a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bha e gum biodh an deagh chomhairle anns a’ phàipear air a leughadh le iasgairean Gàidhealach. Ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gàidhlig a leughadh – gu h-àraidh Gàidhlig a’ Bhìobaill. Thug Gàidhlig a’ Bhìobaill buaidh mhòr air an eadar-theangadair. Mar sin, tha am pàipear ann an stoidhle, agus le briathrachas, a tha rudeigin clasaigeach, gun a bhith ro dhualchainnteach.

Tha an t-ùghdar ag innse dhuinn gu bheil trì seòrsaichean sgadain ann – an sgadan glan, an sgadan salach agus an sgadan ruithte. Airson tuigsinn dè th’ ann an sgadan glan, feumaidh mi dà fhacal a mhìneachadh dhuibh. Tha iuchair a’ ciallachadh fish roe – na meanbh-uighean aig sgadain bhoireann – iuchair; agus tha mealg a’ ciallachadh milt – no sìol nan sgadan fireann; mealg.

’S e sgadan glan iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air an dealbhadh. Ach chan eil iad air an leasachadh cus. Chan eil iad ro mhòr. Ann am Beurla, canar maties riutha. Is iad sin na sgadain as fheàrr mar bhiadh.

’S e an sgadan salach, ge-tà, am fear as luachmhoire oir tha e a’ coimhead nas reamhra na ’n sgadan glan. ’S e sgadan salach iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air a leasachadh gu mòr. Ann am Beurla, canaidh daoine full fish riutha.

Tha treas seòrsa ann, agus ’s e sin an sgadan ruithte no spent fish. Tha iad air cladhachadh mu-thràth. Tha sin a’ ciallachadh ‘they have already spawned’. Tha iad air cladhachadh. Chan eil iuchair no mealg annta tuilleadh. Tha iad a’ coimhead caol agus chan eil iad cho math mar bhiadh.

Sin agaibh na trì seòrsaichean a dh’aithnicheadh na Gàidheil ann am meadhan an naoidheamh linn deug. Ma tha sibh fortanach gu leòr sgadan fhaighinn mar bhiadh, nach dèan sibh fhèin tomhas air – a bheil e glan, salach no ruithte?!

Faclan na Litreach: Dùn Èideann: Edinburgh; Bòrd na h-Iasgaireachd Bhreatannaich: Board of British Fisheries; An Ridire Tòmas Dic Lauder: Sir Thomas Dick Lauder; Rùn-chlèireach: Secretary; Ministear-cuideachaidh ann an Cille Mhoire: Assistant Minister in Kilmuir; briathrachas: vocabulary; as luachmhoire: most valuable; nas reamhra: fatter, plumper; treas seòrsa: third type.

Abairtean na Litreach: chan eil e cho sìmplidh sin: it’s not that simple; feumaidh mi innse dhuibh: I must tell you; carson a tha mi a’ beachdachadh air a’ chuspair seo: why I am considering this subject; tha gach duilleag air a roinn eadar an dà chànan: each page is divided between the two languages; a’ Bheurla air an taobh chlì agus a’ Ghàidhlig air an taobh dheas: the English on the left side and the Gaelic on the right side; gun robhar a’ tuigsinn cho cudromach ’s a bha e: that it was understood how important it was; gum biodh an deagh chomhairle anns a’ phàipear air a leughadh le iasgairean Gàidhealach: that the good advice in the paper was read by Gaelic-speaking fishermen; ann am meadhan an naoidheamh linn deug, bha an t-uabhas dhaoine comasach air Gàidhlig a leughadh: in the mid 19th century, many people were capable of reading Gaelic; thug Gàidhlig a’ Bhìobaill buaidh mhòr air an eadar-theangadair: Biblical Gaelic exerted a big influence on the translator; a tha rudeigin clasaigeach, gun a bhith ro dhualchainnteach: which is somewhat classical, without being too dialectal; ’s e X iasg anns a bheil an iuchair no a’ mhealg air an dealbhadh: X is a fish in which the roe or milt are formed; chan eil iad air an leasachadh cus: they are not too well developed; na sgadain as fheàrr mar bhiadh: the best herrings for eating; na trì seòrsaichean a dh’aithnicheadh na Gàidheil: the three types that the Gaels would recognise; nach dèan sibh fhèin tomhas air: won’t you (why not) estimate it?

Puing-chànain na Litreach: An Seòl air an Glacar agus an Grèidhear an Sgadan: directions for how the herring is caught and cured. Seòl means the manner of doing something or directions/guidance. It is the root for the word seòladh which we use today for ‘address’. Glacar and grèidhear are future passive forms of the verbs glac ‘catch’ and grèidh ‘cure or preserve food’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Tha iad air cladhachadh mu-thràth: they have already spawned.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1051

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean