FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1365: Gàrradh Bìobaill (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Gàrradh Bìobaill (1)

Gaelic Gàidhlig

Tha àite iongantach ann an Eilginn, ann am Moireibh. ’S e leas a th’ ann, no gàrradh, agus tha e suidhichte ri taobh na cathair-eaglais anns a’ bhaile. Gu mì-fhortanach, chaidh a’ chathair-eaglais mhòr sin a sgrios o chionn fhada. ’S e tobhta a th’ innte an-diugh.

’S e an rud a tha sònraichte mun ghàrradh sin gu bheil e stèidhichte air a’ Bhìoball. Tha na lusan a tha fàs ann – no mòran dhiubh – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball.

Tha na sgoilearan a th’ air rannsachadh a dhèanamh air a’ chuspair seo ag innse dhuinn gu bheil còrr is ceud lus – craobhan, preasan, luibhean – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball. ’S dòcha nach bu chòir sin a bhith na iongnadh nuair a chuimhnicheas sinn àite Gàrradh Èdein anns a’ chreideamh. Ann an Genesis Caibideil 2, Rann 15 tha seo: Agus ghabh an Tighearna Dia an duine, agus chuir e e ann an Gàrradh Èidein, ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh.

’S ann ann an Leabhar Ghenesis, a’ chiad leabhar anns a’ Bhìoball, a tha a’ chiad iomradh air gnèithean sònraichte de chraobhan. Gu h-iongantach, ’s e a’ chiad tè a nochdas anns an teacsa a’ chraobh-chrithinn. Tha sin ann an Genesis 2:37. Carson a tha sin annasach dhomh? Uill, dh’èirich beul-aithris am measg nan Gàidheal gur ann bhon chraoibh-chrithinn, no aspen, a thàinig am fiodh às an do rinneadh an crann-ceusaidh air an robh Iosa air a cheusadh. ’S e sin as coireach, chanadh na seann daoine, gu bheil duilleagan is gasan beaga na craoibhe an-còmhnaidh air chrith.

Ge-tà, nuair a choimheadas sinn air an dreach Bheurla dhen dearbh earrainn anns a’ Bhìoball, chan e ‘aspen’ a thathar ag ainmeachadh, ach ‘poplar. Ged a tha an dà chraoibh sin càirdeach do chèile, chan e an aon rud a th’ annta.

Tha a’ chraobh-chrithinn, a’ ciallachadh poplar, a’ nochdadh turas eile anns a’ Bhìoball. Tha sin a-rithist anns an t-Seann Tiomnadh, ann an Leabhar Hosea, Caibideil 4, Rann 13 nuair a tha an teacsa mu dheidhinn droch chleachdaidhean anns an t-seann aimsir. Seo na tha an teacsa ag ràdh: Air mullaichean nan sliabh tha iad ag ìobradh, agus air na slèibhtean tha iad a’ losgadh tùise; fo chraobhan daraich agus crithinn agus cuilinn a chionn ’s gu bheil an sgàile taitneach.

Tha sin a’ ciallachadh ann am Beurla ‘On the mountain summits they make sacrifice and upon the hills they burn incense; under oak trees and poplars and holly because the shade is pleasant.’ Ach, anns na dreachan Beurla dhen Bhìoball a th’ agamsa, chan eil gin dhiubh ag ainmeachadh ‘holly’. Tha iad ag ràdh an dàrna cuid ‘elm’ no ‘terebinth’. ’S e an terebinth craobh a dh’fhàsas anns an Ear-mheadhanach – ann an àiteachan nas blàithe na Alba.

Chì sibh gun robh duilgheadas aig an fheadhainn a rinn an t-eadar-theangachadh dhen Bhìoball – bhon Eabhra agus Seann Ghreugais – nuair a thàinig iad gu aithneachadh nan craobh agus a’ cur ainmean orra a dh’aithnicheadh na Gàidheil. Agus math dh’fhaodte gu bheil an aon rud fìor ann am Beurla.

Mar sin, ged a dh’fhaodamaid craobh-chuilinn a chur ann an Gàrradh Bìobaill ann an Alba – agus gum fàsadh i gu math – cha chreid mi gum fàsadh terebinth ro mhath ann. Anns an ath Litir bheir sinn sùil air lusan eile a’ nochdas air duilleagan a’ Bhìobaill.

Faclan na Litreach: tobhta: ruin; a’ chraobh-chrithinn: the aspen tree; an Seann Tiomnadh: the Old Testament; Eabhra: Hebrew; Seann Ghreugais: Ancient Greek.

Abairtean na Litreach: Tha àite iongantach ann an Eilginn, ann am Moireibh: there is an extraordinary place in Elgin, in Moray; ’s e leas a th’ ann, no gàrradh: it’s a garden; stèidhichte air a’ Bhìoball: based on the Bible; gu bheil còrr is ceud lus – craobhan, preasan, luibhean – air an ainmeachadh anns a’ Bhìoball: that more than a hundred plants – trees, shrubs, herbs – are named in the Bible; ’s dòcha nach bu chòir sin a bhith na iongnadh nuair a chuimhnicheas sin àite Gàrradh Èdein anns a’ chreideamh: perhaps that shouldn’t be a surprise when we remember the place of the Garden of Eden in the religion; ghabh an Tighearna Dia an duine: the Lord God took the man; ga shaothrachadh agus ga ghleidheadh: to work it and take care of it; a’ chiad iomradh air gnèithean sònraichte de chraobhan: the first mention of particular species of trees; am fiodh às an do rinneadh an crann-ceusaidh: the wood from which the crucifixion cross was made; air an robh Iosa air a cheusadh: on which Jesus was crucified; gu bheil duilleagan is gasan beaga na craoibhe an-còmhnaidh air chrith: that the leaves and small stems of the tree are always quivering; ged a tha an dà chraoibh sin càirdeach do chèile: although those two trees are related to each other; chan e an aon rud a th’ annta: they are not the same thing; tha iad a’ losgadh tùise: they are burning incense; a chionn ’s gu bheil an sgàile taitneach: because the shade [under the foliage] is pleasant; a dh’aithnicheadh na Gàidheil: that the Gaels would recognise; cha chreid mi gum fàsadh X ro mhath ann: I don’t think that X would grow too well there.

Puing-chànain na Litreach: suidhichte ri taobh na cathair-eaglais: situated next to the cathedral. In the compound noun cathair-eaglais, literally ‘throne-church’ (referring to a bishop’s throne), the basic noun is eaglais, with cathair acting as an adjective (unusually, in front of the noun). Ri taobh is a compound preposition which commands the genitive case so eaglais should be in the genitive singular. Traditionally this would have been eaglaise so ri taobh na cathair-eaglaise would also work, but in modern Gaelic the terminal ‘e’ in the genitive singular form of feminine nouns, particularly in a compound noun of this nature, is often left off.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Carson a tha sin annasach dhomh?: why is that strange to me?

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 1061

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean