FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1053: Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh 1053: Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Linne Fharair? ’S e sin The Beauly Firth – an linne-mhara siar air Drochaid Cheasaig ann an Inbhir Nis.

Aig ceann an iar-thuath Linne Fharair, tha an Caisteal Ruadh. Aig a’ Chaisteal Ruadh, tha cidhe annasach. Tha e caol, dìreach agus fada. Tha e a’ stobadh a-mach gu muir, pìos mòr bhon chladach.

An-uiridh, chaidh mi air chuairt gu ceann a-mach a’ chidhe. Tha e còmhdaichte an-diugh le feur, agus tha an talamh garbh. Ach carson a chaidh a thogail? Chan eil an cladach glan. Tha làthach a’ cuairteachadh a’ chidhe. Eadhon aig an làn, chan eil doimhneachd mhòr uisge ann. Dh’fheumadh iad an grunnd a dhreideadh airson bàtaichean no bàirdsean fhaighinn a-steach.

Agus dè bha na soithichean sin a’ giùlan? Bha clach-ghainmhich ruadh bho chuaraidh faisg air a’ chidhe.

Tha clach bho chuaraidh a’ Chaisteil Ruaidh a’ nochdadh ann an grunn àiteachan ann an sgìre Inbhir Nis agus san Eilean Dubh. Am measg sin, tha a’ chathair-eaglais anns a’ Chananaich agus seann mhanachainn ’ic Shimidh.

Air na fìor sheann mhapaichean, chan eil sgeul air a’ chidhe. Ach tha e air a’ mhapa aig Aaron Arrowsmith a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ’s a seachd (1807). Bha dà dhiofar bhuidheann an sàs ann a bhith ga thogail.

Nuair a bha feachdan pàrlamaideach Chrombail ann an Inbhir Nis ann am meadhan an t-seachdamh linn deug, thog iad dùn no citadel aig a’ chala. Fhuair iad clach airson sin bhon Chaisteal Ruadh. Agus thog iad an cidhe aig a’ Chaisteal Ruadh airson a’ chlach a thoirt a-null.

Aig toiseach an naoidheamh linn deug, roghnaich an fheadhainn a bha a’ togail a’ Chanàil Chailleannaich clach bhon Chaisteal Ruadh a chleachdadh. Agus leudaich iadsan an cidhe.

Anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug, bha clach bhon Chaisteal Ruadh air a cleachdadh airson obair-càraidh air a’ chanàl. Taobh a-staigh trithead bliadhna on uair sin, ge-tà, chaidh an cuaraidh a dhùnadh. Bha an cidhe air a chleachdadh airson greis mar raon-losgaidh aig na Ross-shire Volunteers. Ach a-nise ’s e àite sìtheil a tha ann a tha math airson coimhead air eòin.

Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh

English Beurla

Are you familiar with Linne Fharair? That is the Beauly Firth – the sea-firth west of the Kessock Bridge in Inverness.

At the north-western end of the Beauly Firth, there is Redcastle. At Redcastle there is an unusual pier. It is narrow, straight and long. It sticks out into the sea, a good distance from the shore.

Last year, I went for a walk to the far end of the pier. It is covered today with grass and the ground is rough. But why was it built? The shore is not clean. Fine mud surrounds the pier. Even at high tide, there is not a great depth of water. They would have [had] to dredge the seabed to let boats or barges in.

And what were those vessels carrying? Red sandstone from a quarry near the pier.

Stone from the Redcastle Quarry appears in several places around Inverness and on the Black Isle. Among those are the cathedral in Fortrose and the old priory at Beauly.

On the really old maps there is no sign of the pier. But it is on Aaron Arrowsmith’s map that was published in 1807. Two different groups were involved in building it.

When Cromwell’s parliamentary forces were in Inverness in the middle of the seventeenth century, they built a fort or citadel at the harbour. They got stone for that from Redcastle. And they built the pier to bring over the stone.

At the start of the nineteenth century, the people that were building the Caledonian Canal chose to use stone from Redcastle. And they extended the pier.

In the 1840s, stone from Redcastle was used for repair work on the canal. Within thirty years of that, however, the quarry was closed. The pier was used for a period as a (rifle) firing range by the Ross-shire Volunteers. But now it is a peaceful place which is good for watching birds.

Cidhe a’ Chaisteil Ruaidh

Gaelic Gàidhlig

A bheil sibh eòlach air Linne Fharair? ’S e sin The Beauly Firth – an linne-mhara siar air Drochaid Cheasaig ann an Inbhir Nis.

Aig ceann an iar-thuath Linne Fharair, tha an Caisteal Ruadh. Aig a’ Chaisteal Ruadh, tha cidhe annasach. Tha e caol, dìreach agus fada. Tha e a’ stobadh a-mach gu muir, pìos mòr bhon chladach.

An-uiridh, chaidh mi air chuairt gu ceann a-mach a’ chidhe. Tha e còmhdaichte an-diugh le feur, agus tha an talamh garbh. Ach carson a chaidh a thogail? Chan eil an cladach glan. Tha làthach a’ cuairteachadh a’ chidhe. Eadhon aig an làn, chan eil doimhneachd mhòr uisge ann. Dh’fheumadh iad an grunnd a dhreideadh airson bàtaichean no bàirdsean fhaighinn a-steach.

Agus dè bha na soithichean sin a’ giùlan? Bha clach-ghainmhich ruadh bho chuaraidh faisg air a’ chidhe.

Tha clach bho chuaraidh a’ Chaisteil Ruaidh a’ nochdadh ann an grunn àiteachan ann an sgìre Inbhir Nis agus san Eilean Dubh. Am measg sin, tha a’ chathair-eaglais anns a’ Chananaich agus seann mhanachainn ’ic Shimidh.

Air na fìor sheann mhapaichean, chan eil sgeul air a’ chidhe. Ach tha e air a’ mhapa aig Aaron Arrowsmith a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug ’s a seachd (1807). Bha dà dhiofar bhuidheann an sàs ann a bhith ga thogail.

Nuair a bha feachdan pàrlamaideach Chrombail ann an Inbhir Nis ann am meadhan an t-seachdamh linn deug, thog iad dùn no citadel aig a’ chala. Fhuair iad clach airson sin bhon Chaisteal Ruadh. Agus thog iad an cidhe aig a’ Chaisteal Ruadh airson a’ chlach a thoirt a-null.

Aig toiseach an naoidheamh linn deug, roghnaich an fheadhainn a bha a’ togail a’ Chanàil Chailleannaich clach bhon Chaisteal Ruadh a chleachdadh. Agus leudaich iadsan an cidhe.

Anns na ceathradan dhen naoidheamh linn deug, bha clach bhon Chaisteal Ruadh air a cleachdadh airson obair-càraidh air a’ chanàl. Taobh a-staigh trithead bliadhna on uair sin, ge-tà, chaidh an cuaraidh a dhùnadh. Bha an cidhe air a chleachdadh airson greis mar raon-losgaidh aig na Ross-shire Volunteers. Ach a-nise ’s e àite sìtheil a tha ann a tha math airson coimhead air eòin.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1357

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile