FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1052: Falkirk of Moray 1052: ‘Falkirk’ Mhoireibh

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

‘Falkirk’ Mhoireibh

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air baile ris an canar FalkirkAn Eaglais Bhreac ann an Gàidhlig. Ach an robh fios agaibh gun robh baile eile ann an Alba air an robh Falkirk mar ainm? ’S e baile-fearainn a tha ann. Tha e ri taobh Abhainn Duibhidh air Bràigh Mhoireibh.

Thàinig mi tarsainn air nuair a bha mi a’ rannsachadh nan sgrìobhaidhean aig an ùghdar Tòmas Dic Lauder. Sgrìobh Lauder cunntas mu na tuiltean ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829).

Bha Lauder eòlach air Moireibh. Chaidh e am measg dhaoine an sin an dèidh nan tuiltean. Fhuair e a-mach mun sgrios a rinn iad.

Chual’ e mu na madaidhean-allaidh mu dheireadh anns an sgìre. Bha dithis bhràithrean a’ fuireach ann am Falkirk. Bha fios aca gun robh saobhaidh ann am mòr-chlais faisg air Cnoc Bràigh Mhoireibh.

Chùm na bràithrean sùil air an t-saobhaidh. Dh’fhalbh pàrantan nan cuileanan a-mach airson sealg. Chaidh fear de na bràithrean a-steach don t-saobhaidh. Bha biodag aige. Dh’fhuirich a bhràthair air an taobh a-muigh mar fhreiceadan.

Chuir am fear san t-saobhaidh às do na cuileanan. Ach mus d’ fhuair e a-mach, thill na madaidhean mòra. Ghabh am freiceadan eagal a bheatha agus theich e. Cha tug e eadhon rabhadh do a bhràthair.

Bha e air a nàrachadh mu na rinn e. Rinn e lotan air fhèin le a bhiodaig. Nuair a thill e dhachaigh, dh’inns e breug do mhuinntir an àite. Thuirt e gun robh na madaidhean-allaidh air an dithis bhràithrean a lorg am broinn na saobhaidh. Mharbh na madaidhean a bhràthair.

Ge-tà, nuair a chaidh na daoine ann airson corp a bhràthar a thoirt dhachaigh, bha esan fhathast beò. Dh’inns e dhaibh mar a thachair. Thill na madaidhean mòra gun fhiosta dha. Ged a rinn e a’ chùis orra, chaidh a leòn. Chaidh a bhràthair breugach, a bha air a thrèigsinn, a chrochadh gu bàs mar pheanas.

Ged as e Falkirk ainm a’ bhaile air seann mhapaichean, ’s e Feakirk a tha air mapaichean an latha an-diugh. Tha mi an dùil gun tàinig sin bhon Ghàidhlig Fèith [na] Circe ‘the bog of the grouse’.

Falkirk of Moray

English Beurla

You will be familiar with a town called Falkirk – An Eaglais Bhreac in Gaelic. But did you know there was another ‘town’ in Scotland that was called Falkirk? It’s a farm. It’s next to the River Divie in Braemoray [the upland of Moray].

I came across it when I was researching the writings of the author Thomas Dick Lauder. Lauder wrote an account of the floods in Moray in 1829.

Lauder was familiar with Moray. He went among people there after the floods. He found out about the damaged they did [had done].

He heard about the last wolves in the area. Two brothers were living in Falkirk. They knew that there was a den in a ravine near Knock of Braemoray.

The brothers kept an eye on the den. The pups’ parents left to hunt. One of the brothers entered the den. He had a dirk. His brother remained outside as a lookout.

The one in the den killed the pups. But before he got out, the adult wolves returned. The lookout was frightened out of his wits and he fled. He didn’t even warn his brother.

He was ashamed at what he did [had done]. He wounded himself with his dirk. When he returned home, he lied to the local people. He said that the wolves had discovered the two brothers inside the den. The wolves killed his brother.

However, when the people went to bring his brother’s body home, he was still alive. He told them what had happened. The adult wolves returned without his knowledge. Although he defeated them, he was injured. His lying brother, who had abandoned him, was executed by hanging.

Although the farm is called Falkirk on old maps, it’s Feakirk that is on today’s maps. I imagine that came from the Gaelic Fèith [na] Circe ‘the bog of the grouse’.

‘Falkirk’ Mhoireibh

Gaelic Gàidhlig

Bidh sibh eòlach air baile ris an canar FalkirkAn Eaglais Bhreac ann an Gàidhlig. Ach an robh fios agaibh gun robh baile eile ann an Alba air an robh Falkirk mar ainm? ’S e baile-fearainn a tha ann. Tha e ri taobh Abhainn Duibhidh air Bràigh Mhoireibh.

Thàinig mi tarsainn air nuair a bha mi a’ rannsachadh nan sgrìobhaidhean aig an ùghdar Tòmas Dic Lauder. Sgrìobh Lauder cunntas mu na tuiltean ann am Moireibh ann an ochd ceud deug, fichead ’s a naoi (1829).

Bha Lauder eòlach air Moireibh. Chaidh e am measg dhaoine an sin an dèidh nan tuiltean. Fhuair e a-mach mun sgrios a rinn iad.

Chual’ e mu na madaidhean-allaidh mu dheireadh anns an sgìre. Bha dithis bhràithrean a’ fuireach ann am Falkirk. Bha fios aca gun robh saobhaidh ann am mòr-chlais faisg air Cnoc Bràigh Mhoireibh.

Chùm na bràithrean sùil air an t-saobhaidh. Dh’fhalbh pàrantan nan cuileanan a-mach airson sealg. Chaidh fear de na bràithrean a-steach don t-saobhaidh. Bha biodag aige. Dh’fhuirich a bhràthair air an taobh a-muigh mar fhreiceadan.

Chuir am fear san t-saobhaidh às do na cuileanan. Ach mus d’ fhuair e a-mach, thill na madaidhean mòra. Ghabh am freiceadan eagal a bheatha agus theich e. Cha tug e eadhon rabhadh do a bhràthair.

Bha e air a nàrachadh mu na rinn e. Rinn e lotan air fhèin le a bhiodaig. Nuair a thill e dhachaigh, dh’inns e breug do mhuinntir an àite. Thuirt e gun robh na madaidhean-allaidh air an dithis bhràithrean a lorg am broinn na saobhaidh. Mharbh na madaidhean a bhràthair.

Ge-tà, nuair a chaidh na daoine ann airson corp a bhràthar a thoirt dhachaigh, bha esan fhathast beò. Dh’inns e dhaibh mar a thachair. Thill na madaidhean mòra gun fhiosta dha. Ged a rinn e a’ chùis orra, chaidh a leòn. Chaidh a bhràthair breugach, a bha air a thrèigsinn, a chrochadh gu bàs mar pheanas.

Ged as e Falkirk ainm a’ bhaile air seann mhapaichean, ’s e Feakirk a tha air mapaichean an latha an-diugh. Tha mi an dùil gun tàinig sin bhon Ghàidhlig Fèith [na] Circe ‘the bog of the grouse’.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1356

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile