FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1049: The Mull of Galloway 1049: Sionnach na Maoile

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Sionnach na Maoile

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse sgeulachd dhuibh à Maol Gall-Ghàidheil, The Mull of Galloway. Thàinig am facal mull bhon Ghàidhlig maol. Tha maol, anns a’ cho-theacsa seo, a’ ciallachadh ‘cape’.

Tha Maol Ghall-Ghàidheil creagach, le bearraidhean àrda. Tha maol ainmeil eile ann, car coltach ris. ’S e sin Maol Chinn Tìre, The Mull of Kintyre. ’S e àite creagach a tha ann. Tha am facal creag a’ nochdadh ann an ainmean-àite. Ach, air na mapaichean, chan eil sgeul air Creag an t-Sionnaich.

Is mòr am beud oir dh’inns an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacIlleMhìcheil, sgeul annasach mu dheidhinn Creag an t-Sionnaich agus mar a fhuair i a h-ainm.

Bha sionnach a’ fuireach ann o chionn fhada. Bhiodh e a’ sealg pìos mòr air falbh bhon t-saobhaidh aige. Bhiodh e a’ sealg nan caorach aig tuathanaich.

Bha na tuathanaich a’ call an con cuideachd. Bha na coin a’ ruagadh an t-sionnaich. Bha iad a’ ruigsinn bearradh a’ Mhaoil agus a’ tuiteam dom bàs.

Ge-tà, cha do dh’fhuiling an sionnach cron sam bith. An ath latha, bhiodh e a’ tilleadh gu sealg. Bha e cho fallain ri breac.

Cha do thuig duine mar a bha am madadh gam mealladh. Dh’fhastaich na tuathanaich brocair. Chaidh e sìos am bearradh air ròpa. Lorg e craobh-chaorainn òg a bha a’ fàs a-mach às a’ chreig. Thuig e na bha a’ tachairt.

Bhiodh an sionnach a’ leum far na creige. Ach bhiodh e ag amas air a’ chraoibh-chaorainn, a’ glacadh geug le a bheul. Le a chuideam, bhiodh an geug a’ lùbadh, a’ leigeil leis a’ mhadadh leum dheth gu palla cumhang. Agus bhiodh a’ chraobh a’ dol air ais mar a bha i roimhe. Gheàrr am brocair a’ chraobh agus chuir e air ais i ann am fròg.

An ath thuras a leum an sionnach, cha do sheas a’ chraobh ri a chuideam. Chaidh a chlosach a lorg aig bonn a’ bhearraidh. Bha geug fhathast na bheul.

Bha am madadh sin ainmeil mar Sionnach na Maoile. Bha an samhla ann – cho seòlta ri sionnach na Maoile. ’S e a bha seòlta, gu dearbh.

The Mull of Galloway

English Beurla

I was telling you a tale from Maol Ghall-Ghàidheil, The Mull of Galloway. The word mull came from the Gaelic maol. Maol, in this context, means ‘cape’.

The Mull of Galloway is rocky, with high cliffs. There is another famous mull, somewhat similar to it. That is Maol Chinn Tìre, The Mull of Kintyre. It’s a rocky place. The word creag appears in place-names. But, on the maps, there is no sign of Creag an t-Sionnaich (‘the crag of the fox’).

More ʼs the pity because the Gaelic scholar, Alexander Carmichael, told a strange tale about Creag an t-Sionnaich and how it got its name.

A fox was living there a long time ago. It would be hunting a good distance from its den. It would be hunting farmers’ sheep.

The farmers were also losing their dogs. The dogs were chasing the fox. They were reaching the Mull’s cliffs and falling to their deaths.

However, the fox did not suffer any harm. The next day, it would be returning to hunt. It was as healthy as a trout.

Nobody understood how the fox was tricking them. The farmers hired a fox-hunter. He went down the cliff on a rope. He found a young rowan tree that was growing out of the rock. He understood what was happening.

The fox would jump off the crag. But it would be aiming for the rowan tree, catching a branch with its mouth. With its weight, the branch would bend, allowing the fox to jump off, onto a narrow ledge. And the tree would return to how it was before. The fox-hunter cut the tree and put it back in a crevice.

The next time the fox jumped, the tree did not withstand its weight. Its carcase was found at the base of the cliff. A branch was still in its mouth.

That fox was famous as Sionnach na Maoile ‘the fox of the Mull’. There was a simile – ‘as crafty as the fox of the Mull’. Indeed, it was crafty.

Sionnach na Maoile

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse sgeulachd dhuibh à Maol Gall-Ghàidheil, The Mull of Galloway. Thàinig am facal mull bhon Ghàidhlig maol. Tha maol, anns a’ cho-theacsa seo, a’ ciallachadh ‘cape’.

Tha Maol Ghall-Ghàidheil creagach, le bearraidhean àrda. Tha maol ainmeil eile ann, car coltach ris. ’S e sin Maol Chinn Tìre, The Mull of Kintyre. ’S e àite creagach a tha ann. Tha am facal creag a’ nochdadh ann an ainmean-àite. Ach, air na mapaichean, chan eil sgeul air Creag an t-Sionnaich.

Is mòr am beud oir dh’inns an sgoilear Gàidhlig, Alasdair MacIlleMhìcheil, sgeul annasach mu dheidhinn Creag an t-Sionnaich agus mar a fhuair i a h-ainm.

Bha sionnach a’ fuireach ann o chionn fhada. Bhiodh e a’ sealg pìos mòr air falbh bhon t-saobhaidh aige. Bhiodh e a’ sealg nan caorach aig tuathanaich.

Bha na tuathanaich a’ call an con cuideachd. Bha na coin a’ ruagadh an t-sionnaich. Bha iad a’ ruigsinn bearradh a’ Mhaoil agus a’ tuiteam dom bàs.

Ge-tà, cha do dh’fhuiling an sionnach cron sam bith. An ath latha, bhiodh e a’ tilleadh gu sealg. Bha e cho fallain ri breac.

Cha do thuig duine mar a bha am madadh gam mealladh. Dh’fhastaich na tuathanaich brocair. Chaidh e sìos am bearradh air ròpa. Lorg e craobh-chaorainn òg a bha a’ fàs a-mach às a’ chreig. Thuig e na bha a’ tachairt.

Bhiodh an sionnach a’ leum far na creige. Ach bhiodh e ag amas air a’ chraoibh-chaorainn, a’ glacadh geug le a bheul. Le a chuideam, bhiodh an geug a’ lùbadh, a’ leigeil leis a’ mhadadh leum dheth gu palla cumhang. Agus bhiodh a’ chraobh a’ dol air ais mar a bha i roimhe. Gheàrr am brocair a’ chraobh agus chuir e air ais i ann am fròg.

An ath thuras a leum an sionnach, cha do sheas a’ chraobh ri a chuideam. Chaidh a chlosach a lorg aig bonn a’ bhearraidh. Bha geug fhathast na bheul.

Bha am madadh sin ainmeil mar Sionnach na Maoile. Bha an samhla ann – cho seòlta ri sionnach na Maoile. ’S e a bha seòlta, gu dearbh.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1353

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile