1048: Heather ale (2) 1048: Leann-fraoich (2)
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
Leann-fraoich (2)
Bha mi ag innse seann sgeulachd à Gall-Ghàidhealaibh dhuibh. Bha feachd mòr aig Niall Naoi-ghiallach, Àrd-rìgh na h-Èireann. Bha iad a’ toirt ionnsaigh air na Cruithnich mu dheireadh ann an Gall-Ghàidhealaibh. Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghàidheil. Cha robh ach ceathrar aca beò – seann duine agus a thriùir mhac.
Air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan. Tha iad fhathast ann. Canaidh daoine na double-dykes riutha. Rinn an ceathrar ghaisgeach dìon orra fhèin an sin airson seachdain.
Anns an sgeulachd, bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air ‘biadh nan treun’ – the food of the heroes. Tha an cunntas sgrìobhte ann am Beurla, ach ’s e an t-ainm Gàidhlig a chleachd an sgrìobhadair. ‘Biadh nan treun’. Gu mì-fhortanach, chan eil e a’ mìneachadh dè tha ann.
Mu dheireadh, cha robh biadh air fhàgail. Dh’aontaich an seann duine bruidhinn ri teachdaire aig Niall. Gheall an teachdaire gum biodh iad air an leigeil mu sgaoil nan innseadh iad do na Gàidheil mar a dhèanadh iad leann-fraoich.
Dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant annasach. Bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bàs. Bhiodh an gille a bu shine aige – Trost – ag innse don t-Sionnach (am fear-brathaidh Cruithneach aig Niall) ann an cagair mar a dhèanadh iad leann-fraoich. ’S e an Sionnach a bhriseadh dìomhaireachd na reasabaidh. Agus bhiodh Trost air a shaoradh.
Dh’aontaich an rìgh ris a’ chùmhnant. Chaidh an Sionnach air adhart. Bha claidheamh aige. Cha robh armachd aig Trost. Dh’iarr Trost air an fhear eile dhol cuide ris gu mullach a’ Mhaoil. Bha iad air bearradh, gu h-àrd os cionn na mara.
Bha fios aig an t-Sionnach nach robh an rìgh dèidheil air. Mura faigheadh e an reasabaidh, bhiodh e air a chur gu bàs.
‘Thig nas fhaisge,’ thuirt Trost ris. ‘Chan fhaod duine sam bith ach thu fhèin an reasabaidh a chluinntinn o mo bhilean.’
Gu h-obann, chuir Trost a ghàirdeanan timcheall an t-Sionnaich. Dh’èigh e gum biodh an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh. Leum e far a’ bhearraidh gu a bhàs, a’ toirt an t-Sionnaich – agus an reasabaidh – leis.
Heather ale (2)
I was telling you an old tale from Galloway. Niall of the Nine Hostages, the High King of Ireland, had a large army. They were attacking the last Picts in Galloway. The Picts were driven to an isthmus near the Mull of Galloway. There were only four of them left alive – and old man and his three sons.
Behind the isthmus was a ditch and embankments. They are still there. People call them the ‘double dykes’. The four heroes defended themselves there for a week.
In the story, the Picts were surviving on biadh nan treun ‘the food of the heroes’. The account is written in English but it’s the Gaelic name that the author used. Biadh nan treun. Unfortunately, he doesn’t explain what it is.
Finally, there was no food left. The old man agreed to speak to Niall’s messenger. The messenger promised that they would be released if they would tell the Gaels how to make heather ale.
The old man agreed, but on a strange condition. He and his two youngest sons would be put to death. The oldest lad – Trost – would tell the Sionnach (Niall’s Pictish spy) in a whisper how they would make heather ale. It’s the Sionnach (‘fox’) that would reveal the recipe’s secret. And Trost would be freed.
The king agreed to the condition. The Sionnach went ahead. He had a sword. Trost was unarmed. Trost asked the other man to go with him to the summit of the Mull. They were on a cliff, high above the sea.
The Sionnach knew the king wasn’t keen on him. If he didn’t get the recipe, he would be killed.
‘Come closer,’ said Trost to him. ‘Nobody but you must hear the recipe from my lips.’
Suddenly, Trost put his arms around the Sionnach. He shouted that the recipe would be secret forever. He jumped off the cliff to his death, taking the Sionnach – and the recipe – with him.
Leann-fraoich (2)
Bha mi ag innse seann sgeulachd à Gall-Ghàidhealaibh dhuibh. Bha feachd mòr aig Niall Naoi-ghiallach, Àrd-rìgh na h-Èireann. Bha iad a’ toirt ionnsaigh air na Cruithnich mu dheireadh ann an Gall-Ghàidhealaibh. Bha na Cruithnich air an iomain gu tairbeart faisg air Maol Ghall-Ghàidheil. Cha robh ach ceathrar aca beò – seann duine agus a thriùir mhac.
Air cùl an tairbeirt bha dìg agus uchdan. Tha iad fhathast ann. Canaidh daoine na double-dykes riutha. Rinn an ceathrar ghaisgeach dìon orra fhèin an sin airson seachdain.
Anns an sgeulachd, bha na Cruithnich gan cumail fhèin beò air ‘biadh nan treun’ – the food of the heroes. Tha an cunntas sgrìobhte ann am Beurla, ach ’s e an t-ainm Gàidhlig a chleachd an sgrìobhadair. ‘Biadh nan treun’. Gu mì-fhortanach, chan eil e a’ mìneachadh dè tha ann.
Mu dheireadh, cha robh biadh air fhàgail. Dh’aontaich an seann duine bruidhinn ri teachdaire aig Niall. Gheall an teachdaire gum biodh iad air an leigeil mu sgaoil nan innseadh iad do na Gàidheil mar a dhèanadh iad leann-fraoich.
Dh’aontaich am bodach, ach air cùmhnant annasach. Bhiodh e fhèin agus a dhithis mhac a b’ òige air an cur gu bàs. Bhiodh an gille a bu shine aige – Trost – ag innse don t-Sionnach (am fear-brathaidh Cruithneach aig Niall) ann an cagair mar a dhèanadh iad leann-fraoich. ’S e an Sionnach a bhriseadh dìomhaireachd na reasabaidh. Agus bhiodh Trost air a shaoradh.
Dh’aontaich an rìgh ris a’ chùmhnant. Chaidh an Sionnach air adhart. Bha claidheamh aige. Cha robh armachd aig Trost. Dh’iarr Trost air an fhear eile dhol cuide ris gu mullach a’ Mhaoil. Bha iad air bearradh, gu h-àrd os cionn na mara.
Bha fios aig an t-Sionnach nach robh an rìgh dèidheil air. Mura faigheadh e an reasabaidh, bhiodh e air a chur gu bàs.
‘Thig nas fhaisge,’ thuirt Trost ris. ‘Chan fhaod duine sam bith ach thu fhèin an reasabaidh a chluinntinn o mo bhilean.’
Gu h-obann, chuir Trost a ghàirdeanan timcheall an t-Sionnaich. Dh’èigh e gum biodh an reasabaidh dìomhair gu sìorraidh. Leum e far a’ bhearraidh gu a bhàs, a’ toirt an t-Sionnaich – agus an reasabaidh – leis.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1352
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn