FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1040: John Matheson of Shieldaig (2) 1040: Iain MacMhathain à Sìldeag (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain MacMhathain à Sìldeag (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Operation Tabarin agus Iain MacMhathain. Bhuineadh Iain do bhaile beag croitearachd ris an canar Bad Callda. Tha sin faisg air Sìldeag ann an Ros an Iar. Rugadh e ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a trì (1893).

Dh’ionnsaich e mu bhàtaichean nuair a bha e òg. Nuair a dh’fhàg e an sgoil, chaidh e a dh’obair mar iasgair agus maraiche. Bha e aig muir anns a’ Chiad Chogadh.

Anns na ficheadan, bha e na mharaiche don Hudson Bay Company ann an Canada. Aig deireadh nam ficheadan fhuair e obair air bòrd an Discovery. Bha an long ainmeil sin air a cleachdadh le Scott agus Shackleton anns an Antartaig. Tha an Discovery a-nise air ais ann Dùn Dè, far an robh i air a togail.

Ghiùlain an Discovery luchd-rannsachaidh bho Bhreatainn, Astràilia agus Sealann Nuadh don Antartaig. Bha iad fo cheannas an Astràilianaich, Sir Dùghlas Mawson. Bha Gàidheal eile air bòrd – a’ Chiad Oifigear, Coinneach MacCoinnich, à Tiriodh. Air an dàrna turas aig a’ Discovery, bha Coinneach na sgiobair oirre.

Thairis air an dà thuras, shiubhail an Discovery fichead mìle mìle thar a’ chuain. Rinn an luchd-saidheans air bòrd obair mhòr shaidheansail.

Bha Iain MacMhathain sgileil mar mharaiche ach bha e gu sònraichte ainmeil airson siùil a chàradh agus a dhèanamh. Dhèanadh e rud sam bith le canabhas agus snàthad mhòr. Ma tha sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn, mholainn dhuibh an leabhar ‘John Matheson – Antarctic Seafarer’ le Iain MacIllInnein.

Ach bu toigh leam an Litir a chrìochnachadh le bhith a’ tilleadh gu Operation Tabarin. Chuir Iain agus ceathrar eile seachad geamhradh fada air Deception Island. An dèidh bliadhna, ghluais iad gu Hope Bay air Leth-eilean na h-Antartaig. An sin, rinn Iain brògan canabhais airson nan con aca. Agus rinn e bàta de chanabhas airson toirt leotha air tursan thar na deighe-mara.

Thàinig Operation Tabarin gu ceann ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1946). Bha e na bhunait don British Antarctic Survey – buidheann le còig ceud duine ag obair dhaibh an-diugh, agus trì ionadan-rannsachaidh aca anns an Antartaig.

John Matheson of Shieldaig (2)

English Beurla

I was telling you about Operation Tabarin and John Matheson. John belonged to a small crofting community called Bad Callda. That’s near Shieldaig in Wester Ross. He was born in 1893.

He learned about boats when he was young. When he left school, he went to work as a fisherman and mariner. He was at sea in the First [World] War.

In the twenties, he was a mariner with the Hudson Bay Company in Canada. At the end of the twenties, he got work on board the Discovery. That famous ship was used by Scott and Shackleton in the Antarctic. The Discovery is now in Dundee, where she was built.

The Discovery carried researchers from Britain, Australia and New Zealand to the Antarctic. They were under the leadership of the Australian, Sir Douglas Mawson. There was another Gael on board – the First Officer, Kenneth MacKenzie, from Tiree. On the Discovery’s second voyage, Kenneth was her skipper.

Over the two voyages, the Discovery travelled twenty thousand miles over the sea. The scientists on board did a lot of scientific work.

John Matheson was skilful as a mariner, but he was particularly celebrated for repairing and making sails. He could do anything with canvas and a big needle. If you want to find out more about him, I would recommend to you the book ‘John Matheson – Antarctic Seafarer’ by Iain MacLennan.

But I would like to finish the Litir by returning to Operation Tabarin. John and four others spent a long winter on Deception Island. After a year, they moved to Hope Bay on the Antarctic Peninsula. There, John made canvas shoes for their dogs. And he made a canvas boat to take with them on journeys across the sea-ice.

Operation Tabarin came to an end in 1946. It was the basis for the British Antarctic Survey – an agency with five hundred people working for them today, and three research bases in the Antarctic.

Iain MacMhathain à Sìldeag (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Operation Tabarin agus Iain MacMhathain. Bhuineadh Iain do bhaile beag croitearachd ris an canar Bad Callda. Tha sin faisg air Sìldeag ann an Ros an Iar. Rugadh e ann an ochd ceud deug, naochad ʼs a trì (1893).

Dh’ionnsaich e mu bhàtaichean nuair a bha e òg. Nuair a dh’fhàg e an sgoil, chaidh e a dh’obair mar iasgair agus maraiche. Bha e aig muir anns a’ Chiad Chogadh.

Anns na ficheadan, bha e na mharaiche don Hudson Bay Company ann an Canada. Aig deireadh nam ficheadan fhuair e obair air bòrd an Discovery. Bha an long ainmeil sin air a cleachdadh le Scott agus Shackleton anns an Antartaig. Tha an Discovery a-nise air ais ann Dùn Dè, far an robh i air a togail.

Ghiùlain an Discovery luchd-rannsachaidh bho Bhreatainn, Astràilia agus Sealann Nuadh don Antartaig. Bha iad fo cheannas an Astràilianaich, Sir Dùghlas Mawson. Bha Gàidheal eile air bòrd – a’ Chiad Oifigear, Coinneach MacCoinnich, à Tiriodh. Air an dàrna turas aig a’ Discovery, bha Coinneach na sgiobair oirre.

Thairis air an dà thuras, shiubhail an Discovery fichead mìle mìle thar a’ chuain. Rinn an luchd-saidheans air bòrd obair mhòr shaidheansail.

Bha Iain MacMhathain sgileil mar mharaiche ach bha e gu sònraichte ainmeil airson siùil a chàradh agus a dhèanamh. Dhèanadh e rud sam bith le canabhas agus snàthad mhòr. Ma tha sibh airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn, mholainn dhuibh an leabhar ‘John Matheson – Antarctic Seafarer’ le Iain MacIllInnein.

Ach bu toigh leam an Litir a chrìochnachadh le bhith a’ tilleadh gu Operation Tabarin. Chuir Iain agus ceathrar eile seachad geamhradh fada air Deception Island. An dèidh bliadhna, ghluais iad gu Hope Bay air Leth-eilean na h-Antartaig. An sin, rinn Iain brògan canabhais airson nan con aca. Agus rinn e bàta de chanabhas airson toirt leotha air tursan thar na deighe-mara.

Thàinig Operation Tabarin gu ceann ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a sia (1946). Bha e na bhunait don British Antarctic Survey – buidheann le còig ceud duine ag obair dhaibh an-diugh, agus trì ionadan-rannsachaidh aca anns an Antartaig.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1344

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile