1039: John Matheson of Shieldaig (1) 1039: John Matheson of Shieldaig (1)
Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.
Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.
John Matheson of Shieldaig (1)
An cuala sibh riamh mu Operation Tabarin? Pròiseact dìomhair anns an Dàrna Cogadh. Chuir Breatainn sgioba don Antartaig. Cha robh iad armaichte. Bha iad ann airson agairt Bhreatainn air tìrean ann an ceann a deas a’ Chuain Siar a neartachadh.
Chan eil mi cinnteach a bheil mi ga fhuaimneachadh dòigheil. Tabarin no Tabarin? T-A-B-A-R-I-N. Thàinig an t-ainm bho chlub-oidhche ann am Paris. Mar sin, cleachdaidh mi am fuaimneachadh Frangach.
Bha Gàidheal an sàs ann. B’ esan Iain MacMhathain a bhuineadh do Shìldeag ann an Ros an Iar. Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn bhon leabhar ‘John Matheson: Antarctic Seafarer’ le Iain MacIllInnein à Sìldeag.
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943), chuir riaghaltas Bhreatainn feadhainn don Antartaig. Bha iad airson ionadan-rannsachaidh a chur air dòigh. Bha dragh ann nach robh Argentina no Chile a’ gabhail ris gur ann le Breatainn a bha na tìrean Fàclannach. Agus bha dragh air riaghaltas Bhreatainn gum biodh dùthchannan eile a’ feuchainn ri pàirtean dhen Antartaig a ghabhail dhaibh fhèin an dèidh a’ chogaidh.
Dh’fhàg iad Breatainn as t-Samhain naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943). Chaidh iad gu Port Stanley anns na h-Eileanan Fàclannach. Lean iad orra an uair sin gu Deception Island. Tha sin anns na h-Eileanan Sealtainneach a Deas.
Dh’fhàg iad còignear air an eilean. Bha iad gu bhith ann fad geamhradh a’ chinn a deas. Bha Iain MacMhathain – a bha aithnichte do luchd na Beurla mar ‘Jock Matheson’ – nam measg. Bha e eòlach air an Antartaig mu-thràth.
Bha Deception Island math mar acarsaid. ʼS e caldara a tha ann – seann bholcàno. Tha e ann an cumadh cearcaill. Aig aon cheann dheth, tha caolas beag ann. Ach a-mhàin sin, tha an acarsaid air a cuairteachadh le talamh an eilein. ʼS e àite fàbharach a tha ann do mharaichean. Ach tha aon duilgheadas ann – tha a’ bholcàno fhathast beò. Bidh i a’ spreadhadh bho àm gu àm!
Rinn an còignear an dachaigh ann an seann togalach. Bha sin le sealgairean mhucan-mara roimhe. Lean càch orra gu àite eile air Leth-eilean na h-Antartaig. Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh – agus mu Iain MacMhathain – an-ath-sheachdain.
John Matheson of Shieldaig (1)
Have you ever heard of Operation Tabarin? A secret project in the Second [World] War. Britain sent a team to the Antarctic. They were not armed. They were there to strengthen Britain’s claim on lands in the South Atlantic.
I’m not sure if I am pronouncing it correctly. Tabarin or Tabarin? T-A-B-A-R-I-N. The name came from a nightclub in Paris. Thus, I shall use the French pronunciation.
A Gael was involved in it. He was John Matheson who belonged to Shieldaig in Wester Ross. I learned about him from the book John Matheson: Antarctic Seafarer’ by Iain MacLennan from Shieldaig.
In 1943, the British government sent some folk to the Antarctic. They were there to set up research stations. There was unease that neither Argentina nor Chile had accepted that Britain owned the Falkland dependencies. And the British government was concerned that other countries would attempt to take portions of Antarctica for themselves after the war.
They left Britain in November 1943. They went to Port Stanley in the Falkland Islands. They then continued to Deception Island. That is in the South Shetland Islands
They left five people on the island. They were going to be there for the entire southern winter. John Matheson – who was known to English-speakers as ‘Jock Matheson’ – was among them. He was already familiar with the Antarctic.
Deception Island was a good anchorage. It is a caldera – an old volcano. It’s a circular shape. At one end of it, there is a narrow channel. Apart from that, the anchorage is surrounded by the landmass of the island. It’s a favourable place for mariners. But there is one difficulty – the volcano is still active. It erupts from time to time!
The five men made their home in an old building. That was previously owned by whalers. The others continued to another place on the Antarctic Peninsula. I’ll tell how they got on – and about John Matheson – next week.
John Matheson of Shieldaig (1)
An cuala sibh riamh mu Operation Tabarin? Pròiseact dìomhair anns an Dàrna Cogadh. Chuir Breatainn sgioba don Antartaig. Cha robh iad armaichte. Bha iad ann airson agairt Bhreatainn air tìrean ann an ceann a deas a’ Chuain Siar a neartachadh.
Chan eil mi cinnteach a bheil mi ga fhuaimneachadh dòigheil. Tabarin no Tabarin? T-A-B-A-R-I-N. Thàinig an t-ainm bho chlub-oidhche ann am Paris. Mar sin, cleachdaidh mi am fuaimneachadh Frangach.
Bha Gàidheal an sàs ann. B’ esan Iain MacMhathain a bhuineadh do Shìldeag ann an Ros an Iar. Dh’ionnsaich mi mu dheidhinn bhon leabhar ‘John Matheson: Antarctic Seafarer’ le Iain MacIllInnein à Sìldeag.
Ann an naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943), chuir riaghaltas Bhreatainn feadhainn don Antartaig. Bha iad airson ionadan-rannsachaidh a chur air dòigh. Bha dragh ann nach robh Argentina no Chile a’ gabhail ris gur ann le Breatainn a bha na tìrean Fàclannach. Agus bha dragh air riaghaltas Bhreatainn gum biodh dùthchannan eile a’ feuchainn ri pàirtean dhen Antartaig a ghabhail dhaibh fhèin an dèidh a’ chogaidh.
Dh’fhàg iad Breatainn as t-Samhain naoi ceud deug, ceathrad ʼs a trì (1943). Chaidh iad gu Port Stanley anns na h-Eileanan Fàclannach. Lean iad orra an uair sin gu Deception Island. Tha sin anns na h-Eileanan Sealtainneach a Deas.
Dh’fhàg iad còignear air an eilean. Bha iad gu bhith ann fad geamhradh a’ chinn a deas. Bha Iain MacMhathain – a bha aithnichte do luchd na Beurla mar ‘Jock Matheson’ – nam measg. Bha e eòlach air an Antartaig mu-thràth.
Bha Deception Island math mar acarsaid. ʼS e caldara a tha ann – seann bholcàno. Tha e ann an cumadh cearcaill. Aig aon cheann dheth, tha caolas beag ann. Ach a-mhàin sin, tha an acarsaid air a cuairteachadh le talamh an eilein. ʼS e àite fàbharach a tha ann do mharaichean. Ach tha aon duilgheadas ann – tha a’ bholcàno fhathast beò. Bidh i a’ spreadhadh bho àm gu àm!
Rinn an còignear an dachaigh ann an seann togalach. Bha sin le sealgairean mhucan-mara roimhe. Lean càch orra gu àite eile air Leth-eilean na h-Antartaig. Innsidh mi dhuibh mar a chaidh dhaibh – agus mu Iain MacMhathain – an-ath-sheachdain.
Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:
PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.
Litir do Luchd-ionnsachaidh
This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1343
Podcast
BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn