FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1008: Lochindorb Castle (2) 1008: Caisteal Loch nan Doirb (2)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Caisteal Loch nan Doirb (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. Chaidh a thogail o chionn còrr is seachd ceud bliadhna. Tha e na thobhta a-nise.

Tha Loch nan Doirb a’ ciallachadh ‘the loch of the minnows’. ’S e an t-allt a ruitheas a-mach às an loch an Dorback Burn. ʼS e sin Allt nan Doirbeag. Tha doirbeag a’ ciallachadh ‘minnow, tadpole or any very small fish’.

Air tìr-mòr, air taobh an iar an locha, tha ainm-àite inntinneach – Achadh na Deanntaige ‘the field of the nettle’. Achadh na Deanntaige. Chan aithne dhomh ainm-àite sam bith eile anns a bheil an eileamaid deanntag.

Bu chòir dhomh a bhith mothachail dha sin air an latha a chaidh mi a-null don eilean. Ach cha robh. Chaidh mi ann ann an geòla rubair. Chuir mi briogais ghoirid orm agus brògan spòrs gun stocainnean oir bha mo chasan gu bhith bog fliuch. Ach, nuair a ràinig mi an t-eilean, bha an t-uabhas de dheanntagan ann! Bha pàirtean dhen eilean far nach robh comas agam coiseachd.

Tha an caisteal iongantach. Tha na ballachan tiugh agus àrd. Tha iad aig oir an eilein, os cionn a’ chladaich. Anns a’ mheadhan, eadar na ballachan, tha mar gum biodh achadh, làn feòir. Bha togalaichean eile – togalaichean fiodha – an sin uaireigin.

’S ann leis na Cuimeanaich – the Comyns – a bha Loch nan Doirb. Thàinig iad à faisg air Lille anns an Fhraing bho thùs. Bha sinnsear aca cuide ri Uilleam, Diùc Normandaidh, a rinn a’ chùis air na Sasannaich aig Blàr Hastings. Fhuair iad fearann ann an Alba.

Anns an treas linn deug, bha na Cuimeanaich am measg nan teaghlaichean a bu chumhachdaiche ann an Alba. Nuair a chaochail Rìgh Alasdair III, a’ fàgail Alba gun mhonarc, bha Iain Cuimeanach am measg nan daoine a bha a’ riaghladh na dùthcha. Bha sin gus an tigeadh Mairead, Òigh Nirribhidh, gu ìre. Ged a bha e Normanach air aon taobh, bha a shinnsireachd air an taobh eile a’ dol air ais gu Dòmhnall Bàn. B’ esan an Rìgh Gàidhealach mu dheireadh aig Alba. Bidh tuilleadh agam mu na Cuimeanaich agus Loch nan Doirb an-ath-sheachdain.

Lochindorb Castle (2)

English Beurla

I was telling you about Lochindorb Castle. It was built over seven hundred years ago. It is now a ruin.

Loch nan Doirb means ‘the loch of the minnows’. The burn that flows out of the loch is the Dorback Burn. That is Allt nan Doirbeag. Doirbeag means ‘minnow, tadpole or any very small fish’.

On the mainland, on the western side of the loch, there is an interesting place name - Achadh na Deanntaige ‘the field of the nettle’. Achadh na Deanntaige. I don’t know any other place name in which there is the element deanntag.

I should have been aware of that on the day I went over to the island. But I wasn’t. I went there in a rubber dinghy. I put on short trousers and trainers without socks because my feet were going to be soaked. But when I reached the island there were heaps of nettles there! There were parts of the island where I couldn’t walk.

The castle is amazing. The walls are thick and high. They are at the end of the island, above the shore. In the middle, between the walls, there is, as it were, a field full of grass. Other buildings – wooden buildings – were there at one time.

Lochindorb was owned by the Comyns. They came from near Lille in France originally. An ancestor of theirs was with William, Duke of Normandy, who defeated the English at the Battle of Hastings. They obtained land in Scotland.

In the thirteenth century, the Comyns were among the most powerful families in Scotland. When King Alexander III died, leaving Scotland without a monarch, John Comyn was among the people governing the country. That was until Margaret, Maid of Norway, reached maturity. Although he was Norman on one side, his ancestry on the other side went back to Dòmhnall Bàn. He was the last Gaelic king of Scotland. I’ll have more on the Comyns and Lochindorb next week.

Caisteal Loch nan Doirb (2)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Loch nan Doirb. Chaidh a thogail o chionn còrr is seachd ceud bliadhna. Tha e na thobhta a-nise.

Tha Loch nan Doirb a’ ciallachadh ‘the loch of the minnows’. ’S e an t-allt a ruitheas a-mach às an loch an Dorback Burn. ʼS e sin Allt nan Doirbeag. Tha doirbeag a’ ciallachadh ‘minnow, tadpole or any very small fish’.

Air tìr-mòr, air taobh an iar an locha, tha ainm-àite inntinneach – Achadh na Deanntaige ‘the field of the nettle’. Achadh na Deanntaige. Chan aithne dhomh ainm-àite sam bith eile anns a bheil an eileamaid deanntag.

Bu chòir dhomh a bhith mothachail dha sin air an latha a chaidh mi a-null don eilean. Ach cha robh. Chaidh mi ann ann an geòla rubair. Chuir mi briogais ghoirid orm agus brògan spòrs gun stocainnean oir bha mo chasan gu bhith bog fliuch. Ach, nuair a ràinig mi an t-eilean, bha an t-uabhas de dheanntagan ann! Bha pàirtean dhen eilean far nach robh comas agam coiseachd.

Tha an caisteal iongantach. Tha na ballachan tiugh agus àrd. Tha iad aig oir an eilein, os cionn a’ chladaich. Anns a’ mheadhan, eadar na ballachan, tha mar gum biodh achadh, làn feòir. Bha togalaichean eile – togalaichean fiodha – an sin uaireigin.

’S ann leis na Cuimeanaich – the Comyns – a bha Loch nan Doirb. Thàinig iad à faisg air Lille anns an Fhraing bho thùs. Bha sinnsear aca cuide ri Uilleam, Diùc Normandaidh, a rinn a’ chùis air na Sasannaich aig Blàr Hastings. Fhuair iad fearann ann an Alba.

Anns an treas linn deug, bha na Cuimeanaich am measg nan teaghlaichean a bu chumhachdaiche ann an Alba. Nuair a chaochail Rìgh Alasdair III, a’ fàgail Alba gun mhonarc, bha Iain Cuimeanach am measg nan daoine a bha a’ riaghladh na dùthcha. Bha sin gus an tigeadh Mairead, Òigh Nirribhidh, gu ìre. Ged a bha e Normanach air aon taobh, bha a shinnsireachd air an taobh eile a’ dol air ais gu Dòmhnall Bàn. B’ esan an Rìgh Gàidhealach mu dheireadh aig Alba. Bidh tuilleadh agam mu na Cuimeanaich agus Loch nan Doirb an-ath-sheachdain.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1312

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile