FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1037: Iain Beag MacAnndra (1) 1037: Iain Beag MacAnndra (1)

B1 - Intermediate - The Little LetterB1 - Eadar-mheadhanach - An Litir Bheag

Litir shìmplidh sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is eadar-theangachadh. A simple weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and translation.

Tha an litir bheag ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The little letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Iain Beag MacAnndra (1)

Gaelic Gàidhlig

Ann an àite iomallach ann an Srath Spè, tha baile beag ann air a bheil Dalnahatnich mar ainm. Saoilidh mi gur e sin Dail na h-Aitnich ‘the meadow of the juniper-place’. Tha a’ chraobh-aitinn cumanta gu leòr anns an sgìre sin.

’S ann ann an Dail na h-Aitnich a bha Iain Beag MacAnndra a’ fuireach. Ged a bha Iain beag, cha robh e bog. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.

Bha am baile aige faisg air ‘Rathad nam Mèirleach’. ’S e sin slighe air am biodh luchd-togail na creiche a’ toirt sprèidh dhachaigh. Bhiodh fir Abrach a’ togail na creiche faisg air Linne Mhoireibh agus a’ tilleadh a Loch Abar le feudail.

Bha Iain Beag MacAnndra à Dail na h-Aitnich na bhoghadair ainmeil. Tha cuid a’ cumail a-mach nach robh boghadair na b’ fheàrr na Iain air a’ Ghàidhealtachd air fad. Seo agaibh aon sgeul mu Iain à beul-aithris Shrath Spè.

Bha uachdaran an Achaidh Luachraich, ann an Loch Abar, os cionn gràisg a thog creach air an fhearann aig na Ròsaich. Bha sin ann an Cill Ràthaig, faisg air Inbhir Nis. Bha iad a’ tilleadh dhachaigh leis an fheudail aca tro Shrath Èireann. Bha fios air a dhol a-mach gu muinntir Shrath Èireann stad a chur orra. Nan dèanadh iad sin, gheibheadh iad duais bhon Ròsach.

Bha iad a’ feitheamh ris na mèirlich ann an Coileachaidh ann an Srath Èireann. Bha muinntir Chill Ràthaig a’ leantainn nan creachadairean cuideachd. Bha uachdaran Choileachaidh air iarraidh air Iain Beag taic a thoirt dha, leis gun robh e cho sgileil leis a’ bhogha. A rèir aithris, bha Iain ann an Srath Èireann aig an àm air gnothach eile.

Ann an Coileachaidh bha còmhrag mhòr ann. Mharbh Iain gu leòr de na h-Abraich le a bhogha. Nam measg, bha an ceannard – uachdaran an Achaidh Luachraich. Gu mì-fhortanach do dh’Iain, dh’èigh uachdaran Choileachaidh ann an guth mòr, ‘Tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich, ’s e do làmh fhèin a rinn sin!’ Bhiodh fios aig na h-Abraich cò a bu choireach. Bha iad a’ dol a ghabhail dìoghaltas air Iain Beag MacAnndra.

Iain Beag MacAnndra (1)

English Beurla

In a remote location in Strathspey, there is a small farm called Dalnahatnich. I reckon that is Dail na h-Aitnich ‘the meadow of the juniper-place’. The juniper tree is common enough in that area.

It was in Dalnahatnich that Iain Beag MacAnndra was living. Although Iain was small, he wasn’t soft. I want to tell you about him.

His farm was near ‘The Reiver’s Road’. That is a route on which cattle plunderers would take cattle home. Lochaber men would plunder near the Moray Firth and return home with stolen cattle.

Iain Beag MacAnndra from Dalnahatnich was a famous archer. Some people maintain that there was no better archer than Iain in the whole of the Highlands. Here is one tale about Iain from Strathspey oral tradition.

The laird of Achluachrach in Lochaber was in charge of a gang that raided the land of the Roses. That was at Kilravock, near Inverness. They were returning home with their booty through Strathdearn. Messages had been sent to the people of Strathdearn to stop them. If they did that, they would get a reward from Rose.

They were waiting for the robbers in Kyllachy in Strathdearn. The people of Kilravock were also following the raiders. The laird of Kyllachy had asked Iain Beag to help because he was so skilful with the bow. According to reports, Iain was in Strathdearn at that time on another matter.

In Kyllachy there was great conflict. Iain killed many of the Lochaber men with his bow. Among them was their leader – the laird of Achluachrach. Unfortunately for Iain, Kyllachy shouted out in a loud voice, ‘Thank you, Iain Beag MacAnndra from Dalnahatnich, it’s your hand that did this!’ The Lochaber people would know who was responsible. They were going to exact revenge on Iain Beag MacAnndra.

Iain Beag MacAnndra (1)

Gaelic Gàidhlig

Ann an àite iomallach ann an Srath Spè, tha baile beag ann air a bheil Dalnahatnich mar ainm. Saoilidh mi gur e sin Dail na h-Aitnich ‘the meadow of the juniper-place’. Tha a’ chraobh-aitinn cumanta gu leòr anns an sgìre sin.

’S ann ann an Dail na h-Aitnich a bha Iain Beag MacAnndra a’ fuireach. Ged a bha Iain beag, cha robh e bog. Tha mi airson innse dhuibh mu dheidhinn.

Bha am baile aige faisg air ‘Rathad nam Mèirleach’. ’S e sin slighe air am biodh luchd-togail na creiche a’ toirt sprèidh dhachaigh. Bhiodh fir Abrach a’ togail na creiche faisg air Linne Mhoireibh agus a’ tilleadh a Loch Abar le feudail.

Bha Iain Beag MacAnndra à Dail na h-Aitnich na bhoghadair ainmeil. Tha cuid a’ cumail a-mach nach robh boghadair na b’ fheàrr na Iain air a’ Ghàidhealtachd air fad. Seo agaibh aon sgeul mu Iain à beul-aithris Shrath Spè.

Bha uachdaran an Achaidh Luachraich, ann an Loch Abar, os cionn gràisg a thog creach air an fhearann aig na Ròsaich. Bha sin ann an Cill Ràthaig, faisg air Inbhir Nis. Bha iad a’ tilleadh dhachaigh leis an fheudail aca tro Shrath Èireann. Bha fios air a dhol a-mach gu muinntir Shrath Èireann stad a chur orra. Nan dèanadh iad sin, gheibheadh iad duais bhon Ròsach.

Bha iad a’ feitheamh ris na mèirlich ann an Coileachaidh ann an Srath Èireann. Bha muinntir Chill Ràthaig a’ leantainn nan creachadairean cuideachd. Bha uachdaran Choileachaidh air iarraidh air Iain Beag taic a thoirt dha, leis gun robh e cho sgileil leis a’ bhogha. A rèir aithris, bha Iain ann an Srath Èireann aig an àm air gnothach eile.

Ann an Coileachaidh bha còmhrag mhòr ann. Mharbh Iain gu leòr de na h-Abraich le a bhogha. Nam measg, bha an ceannard – uachdaran an Achaidh Luachraich. Gu mì-fhortanach do dh’Iain, dh’èigh uachdaran Choileachaidh ann an guth mòr, ‘Tapadh leat, Iain Bhig MhicAnndra à Dail na h-Aitnich, ’s e do làmh fhèin a rinn sin!’ Bhiodh fios aig na h-Abraich cò a bu choireach. Bha iad a’ dol a ghabhail dìoghaltas air Iain Beag MacAnndra.

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri Litir do Luchd-ionnsachaidh 1341

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

Other letters Litrichean eile