FaclairDictionary EnglishGàidhlig

1266: Cabhlach Hákon (1)

Litir do Luchd-ionnsachaidh - Eadar-mheadhanach Adhartach (B2)
Letter to Learners - Upper Intermediate (B2)

Litir sheachdaineach do luchd-ionnsachaidh le clàr-fuaime, tar-sgrìobhadh is mìneachadh. A weekly letter to Gaelic learners with audio, transcription and explanation.

Tha an litir ag obrachadh leis an fhaclair. Tagh an taba ‘teacsa Gàidhlig’ agus tagh facal sam bith san teacsa agus fosglaidh am faclair ann an taba ùr agus bidh mìneachadh den fhacal ann. The letter is integrated with the dictionary. Select the tab ‘Gaelic text’ and choose any word and the dictionary will open and you will see the English explanation of the Gaelic word.

Audio is playing in pop-over.

Cabhlach Hákon (1)

Gaelic Gàidhlig

Bha mi ag innse dhuibh mu Alasdair III, Rìgh na h-Alba, agus mar a chuir Rìgh Hákon Nirribhidh cabhlach mòr gu ruige Alba anns a’ bhliadhna dà cheud deug, seasgad ʼs a trì (1263). As t-Earrach, chuir Hákon teachdairean a dh’Arcaibh. Dh’inns iad do mhuinntir Arcaibh gum biodh cabhlach mòr a’ tighinn à Nirribhidh as t-samhradh. Agus lorg iad feadhainn aig an robh eòlas sònraichte air na h-eileanan agus na cladaichean.

Dh’fhàg an cabhlach Bergen tràth san Iuchar agus chaidh e an toiseach a Shealtainn. Bha e ann a sin airson ceala-deug fhad ʼs a bhathar a’ togail airgead bho mhuinntir Ghallaibh airson na h-iomairt. An uair sin, chaidh an cabhlach air adhart a dh’Arcaibh.

Anns na seachdainean roimhe sin, bha beachdairean Lochlannach air a dhol air thoiseach airson faighinn a-mach am biodh Hákon a’ faighinn taic air an taobh an iar. Dè cho dìleas a bhiodh na daoine agus an ceannardan ionadail dha?

Fhuair iad droch naidheachd bho Latharna. Bha an ceannard acasan – Eòghann Latharna – air foillseachadh gum biodh e dìleas do Rìgh na h-Alba. Cha bhiodh e furasta do Hákon maraichean is saighdearan fhastadh anns na sgìrean sin.

Bha fios air a bhith aig muinntir na h-Alba fad mhìosan gun robh an cabhlach a’ tighinn. Bha beachdairean a’ cumail sùil air na longan Nirribheach fhad ʼs a bha iad a’ dèanamh an slighe à Arcaibh. Thog na h-Albannaich longan cogaidh, ged nach b’ urrainn dhaibh cabhlach a chur ri chèile a bhiodh cho mòr ri cabhlach Nirribhidh.

Rinn na h-Albannaich armachd agus chuir iad ris na daingnichean aca – cho fada deas ri Gall-Ghàidhealaibh. Lìon iad na taighean-stòraidh aca le gràin agus feòil. Phàigh iad airson sin le cìsean sònraichte a thog iad anns na sgìrean a bu mhotha a dh’fhuilingeadh nan tigeadh na Nirribhich gu tìr.

Dh’fhuiling muinntir Ghallaibh gu mòr. Chuir Hákon cìs orra aig toiseach an Iuchair, agus dh’òrdaich Alasdair gum biodh còrr is fichead Gallach air a chumail an grèim le Siorram Inbhir Nis mar ghiallan. Bha cogadh air fàire. ʼS iongantach mura robh eagal air gu leòr de dh’Albannaich tron earrach is samhradh.

Thionndaidh an cabhlach aig a’ Pharbh agus chaidh iad gu deas. Ràinig iad an caolas eadar an t-Eilean Sgitheanach agus tìr-mòr. ʼS e Caol Àcain a th’ againn air a’ bhaile air an taobh Sgitheanach chun an latha an-diugh – a’ ciallachadh ‘Caol Hákon’.

Chùm an cabhlach a dol gu ruige Muile agus Cearrara. Fhuair iad taic an sin bho chuid de cheannardan ionadail, leithid Dhubhghaill a bha na ‘rìgh’ air na h-eileanan fo àrd-uachdranachd Nirribhidh. Chuir Dubhghall agus Rìgh Mànus Eilein Mhanainn longan is daoine ris a’ chabhlach. Ged a bha ùghdarras Nirribhidh air a bhith car fad-às fad ùine, thug gu leòr de mhuinntir nan eilean taic do Hákon. Ghabh iad smachd air Cinn Tìre agus air Eilean Bhòid.

Aig a’ cheann thall, bha còrr math is ceud long aig Hákon. Bha an rathad fosgailte dha gu meadhan na h-Alba suas Abhainn Chluaidh. Tha e a’ coimhead coltach, ge-tà, nach robh Hákon no Alasdair ag iarraidh cogadh. Chuir Hákon teachdairean, a’ gabhail a-staigh dithis easbaigean, gu cùirt Alasdair. Chuir Alasdair a theachdairean fhèin – manaich Dhoiminiceach – gu Hákon. Aig a’ cheann thall ʼs e na thachradh do bhuidheann de dh’eileanan a chuir stad air aonta. Ach dè na h-eileanan? Innsidh mi dhuibh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach: Alasdair III: Alexander III; ceala-deug: a fortnight; beachdairean: scouts; Eòghann Latharna: Eoghan of Lorne; maraichean: seamen, mariners; longan cogaidh: warships; toiseach an Iuchair: the start of July; Caol Àcain: Kyleakin; fad-às: distant; Abhainn Chluaidh: The River Clyde; dithis easbaigean: two bishops; manaich Dhoiminiceach: Dominican monks.

Abairtean na Litreach: As t-Earrach, chuir Hákon teachdairean a dh’Arcaibh: in Spring, Hákon sent messengers to Orkney; gum biodh cabhlach mòr a’ tighinn à Nirribhidh as t-samhradh: that a large fleet would be coming from Norway in the summer; feadhainn aig an robh eòlas sònraichte air na h-eileanan agus na cladaichean: some people who had expert knowledge of the islands and the shorelines; fhad ʼs a bhathar a’ togail airgead bho mhuinntir Ghallaibh airson na h-iomairt: while money was being raised from the people of Caithness for the campaign; dè cho dìleas a bhiodh na daoine agus an ceannardan ionadail dha?: how loyal to him would the people and their local leaders be?; chuir iad ris na daingnichean aca: they built up their strongholds; cho fada deas ri Gall-Ghàidhealaibh: as far south as Galloway; lìon iad na taighean-stòraidh aca le gràin agus feòil: they filled their storehouses with grain and meat; le cìsean sònraichte a thog iad: with special taxes they raised; anns na sgìrean a bu mhotha a dh’fhuilingeadh: in the areas that would suffer most; bha cogadh air fàire: war was likely; ʼs iongantach mura robh eagal air gu leòr de dh’Albannaich: it’s likely that many Scots were afraid; thionndaidh an cabhlach aig a’ Pharbh: the fleet turned at Cape Wrath; chuir Dubhghall agus Rìgh Mànus Eilein Mhanainn longan is daoine ris a’ chabhlach: Dubhghall and King Magnus of The Isle of Man supplied ships and men for the fleet; ghabh iad smachd air Cinn Tìre agus air Eilean Bhòid: they took control of Kintyre and Bute; aig a’ cheann thall ʼs e na thachradh do bhuidheann de dh’eileanan a chuir stad air aonta: in the end it’s what would happen to a group of islands that prevented an agreement.

Puing-chànain na Litreach: ʼS e Caol Àcain a th’ againn air a’ bhaile: this is an idiomatic way of saying ‘we call the village Kyleakin’. Names are ‘on’ people and places. Here are some other examples: ʼs e ‘Dodo’ a th’ againn air Donnchadh ‘we call Duncan ‘Dodo’’; ʼs e ‘An Rìgh’ a bh’ aig muinntir an àite air ‘the local people called him ‘The King’’.

Gnàthas-cainnt na Litreach: Chuir X cìs orra: X levied a tax on them.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

PDF

Download the text of this week's letter as a PDF:Thoir a-nuas Litir mar PDF:

Download File

PDF documents are especially suited for printing out. Most computers can open PDF files, but if you have problems viewing them you may need to install reader software such as Tha faidhleachan PDF gu sònraichte math airson clò-bhualadh. Tha e furasta gu leòr do chuid de choimpiutairean faidhleachan PDF fhosgladh, ach ma tha trioblaid agad ‘s dòcha gum biodh e feumail bathar-bog mar Adobe Acrobat Reader. fhaighinn.

Litir do Luchd-ionnsachaidh

This letter corresponds to Tha an Litir seo a’ buntainn ri An Litir Bheag 962

Podcast

BBC offers this litir as a podcast: Visit the programme page for more info and to download or subscribe. Tha am BBC a’ tabhainn seo mar podcast. Tadhail air an duilleag-phrògraim airson barrachd fiosrachaidh no airson podcast fhaighinn

More Letters Tuilleadh Litrichean