FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Colla Ciotach (3)

Tha sean-fhacal againn ann an Gàidhlig a tha tri cheud,

Audio is playing in pop-over.

Colla Ciotach (3)

Tha sean-fhacal againn ann an Gàidhlig a tha tri cheud, leth-cheud ’s a còig bliadhna a dh’aois agus a tha ri chluinntinn fhathast. Tha fios againn, co-dhiù ma chreideas sinn beul-aithris, cuin’ is càit’ a chaidh a chruthachadh, agus, gu dearbh, cò e a chruthaich e. “’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh.”

’S e Alasdair Mac Cholla Chiotaich, an gaisgeach Gàidhealach a bha a’ sabaid ri taobh Mhontròis, a thuirt na faclan sin, aig Blàr Allt Eireann ann an 1645. A-rèir choltais, bha Alasdair ann am fìor chunnart a bheatha, agus e air a chuairteachadh le nàimhdean. Chunnaic fear eile, ceàrd air an robh Stiùbhart mar ainm, agus a bhuineadh do dh’Athall ann an Siorrachd Pheairt, an staing anns an robh Alasdair agus ruith e ga ionnsaigh airson a chuideachadh. Bha e cho teòma leis a’ chlaidheamh mhòr aige ’s gun do theich na saighdearan a bha a’ toirt ionnsaigh air Alasdair.

Thug Alasdair taing dha agus dh’fhaighnich e dheth cò e agus cò às a bha e. Nise feumaidh sinn cuimhneachadh gun do dh’fhulaing luchd-siubhail na Gàidhealtachd, neo na ceàrdan mar a bh’ ac’ orra, droch chliù aig an àm (agus airson ùine mhòr as a dhèidh). Agus nuair a fhuair an dithis cothrom bruidhinn, cha robh an Stiùbhartach deònach innse cò e. Is, gu dearbh, cha robh e deònach aideachadh gur e ceàrd a bh’ ann. Ach chum Alasdair a dh’fhaighneachd agus, mu dheireadh, dh’aidich an duine eile gur e ceàrd a bh’ ann.

Agus a’ tionndadh do na saighdearan eile aige, thuirt Alasdair riutha, “’S truagh nach bu cheàird gu lèir sibh an-diugh.” Uill, ’s e sin an stòiridh co-dhiù, ged a chì thu an sean-fhacal ann an cruth rudeigin diofraichte uaireannan – “’S truagh nach bu cheàird sinn gu lèir an-diugh” mar gu robh Alasdair a’ bruidhinn air fhèin a bharrachd air na saighdearan aige. Chan eil e gu diofar. Seasaidh an sean-fhacal mar fhianais air a’ phàirt a ghabh an luchd-siubhail anns a’ bhatail sin, agus ann am moran tachartasan eile ann an eachdraidh na Gàidhealtachd.

Ach fàgamaid Alasdair Mac Cholla agus an luchd-siubhail air an darna taobh. Bu mhath leam ur n-aire a tharraing do dh’aithris ann am paipear-naidheachd o chionn ghoirid mu dheidhinn maorach a thathar a’ dol a dh’àrach ann an Alba, ma thèid gu math leotha – a’ chluas-mhara. Chaidh feadhainn àrach ann an Loch nan Uamh, faisg air Mòrar agus chaidh glè mhath dhaibh a dh’aindeoin ’s gur ann do dhùthchannan nas blàithe a bhuineas iad. Agus carson a tha mi cho toilichte mu dheidhinn na naidheachd seo? Uill, cha mhòr gu bheil biadh sam bith eile ri fhaighinn a tha cho blasda ris a’ chluais-mhara.

Tha deagh theans ann nach bi sibh eòlach air ainm a’ chreutair seo agus, gu dearbh, cha d’ fhuair mi lorg air ann am faclair Albannach sam bith. Ach canaidh na h-Eireannaich cluas-mhara ris, agus ann an corra chànan eile, ’s e sin a tha an t-ainm a’ ciallachadh. Agus chanainn gur e sin an t-ainm as ciallaich’ a dh’fhaodadh a bhith againn anns a’ chànan againn fhèin. Tha an t-slige, agus chan eil ann ach an aon tè, a’ coimhead coltach ri cluas. Ann am Beurla ’s e abalone a chanas iad ris, mar is trice, ach cluinnidh tu ear shell ann an corra àite cuideachd.

Innsidh mi tuilleadh dhuibh mu dheidhinn na cluaise-mara anns an ath litir, ach bu toigh leam soraidh a leigeil leibh an t-seachdain-sa le fuaim … Dè an ceangal a th’ ann eadar a’ chluas-mhara agus am fuaim seo? Airson faighinn a-mach, bithibh anns an èisteachd an ath sheachdain!

Litir 34 Litir 34 Litir 36 Litir 36

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!