An t-seachdain ’s a chaidh, dh’fhàg sinn Colla Ciotach ann an Colasa, agus e a’ cur Calum Mac a’ Phì gu bàs. Uill, an dèidh sin, bha cùisean na bu
shìtheile do Cholla airson bliadhnaichean. Ach, mu dheireadh, ann an sia ceud deug is naoi deug ar fhichead (1639), thàinig an t-strì eadar an Rìgh,
Teàrlach a h-Aon, agus Clèirich na h-Alba, na Pròstanaich a bha an aghaidh easbaigeachd anns an Eaglais, gu cogadh.
Bha Colla Ciotach na Chaitligeach agus cha robh e deònach ainm a chur air a’ Chùmhnant a bha ag iarraidh Eaglais Chlèireach a stèidheachadh gu
neo-eisimileach bhon Rìgh. Air sgàth sin, chaill e a chuid fearainn ann an Colasa agus chaidh a chur anns a’ phrìosan le Iarla Earra-Ghaidheal. Dh’fhalbh
cuid de a chàirdean, ge-tà, a dh’Eirinn. Nam measg bha an treas mac aige - Alasdair. Alasdair Mac Cholla.
Bha Colla na dhuine mòr ach bha Alasdair na bu mhotha buileach. Bha e sia troighean is sia òirlich a dh’àirde, agus bha e uabhasach làidir. Bha e ciotach,
mar a bha athair, agus a-rèir beul-aithris, nuair a bha uaislean na h-Eireann air tighinn cruinn airson ceannard a thaghadh don arm aca ann an Alba, arm a
bhiodh a’ sabaid airson an Rìgh an aghaidh muinntir a’ Chùmhnaint, leum Alasdair gu a chasan.
Aig an àm sin, ’s e an duine a bu làidire a chleachdadh claidheamh a bhiodh air a thaghadh mar cheannard an airm. Bha dithis Eireannach ann a bha an dùil
gur iadsan a rachadh a thaghadh. Ach bha smuain eile aig Alasdair Mac Cholla. “Dè an gàirdean as làidire a th’ ann?” dh’fhaighnich na h-uaislean. “Seo e!”
dh’èigh Alasdair agus tharraing e a chlaidheamh às a thruaill le a làimh dheis.
“Is càit’ a bheil an ath ghàirdean as làidire?” dh’fhaighnich na h-uaislean. “Seo e!” dh’èigh Alasdair, agus chuir e a chlaidheamh na làimh chlì; bha e
ciotach, cuimhnich. Cha robh duine deònach dhol na aghaidh agus chaidh Alasdair a thaghadh mar cheannard an airm.
Dh’obraich e fhèin agus Montròs, Marcuis Mhontròis, còmhla ann an arm an Rìgh, agus choisinn Alasdair cliù dha fhèin, gu h-àraidh am measg nan Gàidheal
Caitligeach, mar fhear dhen ghaisgich a bu làidire a bh’ ann a-riamh. Taobh a-staigh bliadhna rinn iad a’ chùis air arm muinntir a’ Chùmhnaint sia tursan,
agus tha mòran fhathast a’ cuimhneachadh dhà dhen bhatailean sin – aig Allt Eireann, gu sear air Inbhir Nis, agus ann an Inbhir Lòchaidh ann an Loch Abar.
Ghabh Blàr Inbhir Lòchaidh àite ann am meadhan a’ gheamhraidh as dèidh do dh’arm Mhontròis dhol gu cabhagach tarsainn bealaich àrda anns na beanntan.
Thàinig iad a-mach às na beanntan gun fhiosda do dh’arm nan Caimbeulach, agus rinn iad a’ chùis orra gu furasta. Chaill na Caimbeulaich mìle is trì cheud
duine air an latha sin.
Bha sin ann an sia ceud deug, dà fhichead ’s a còig (1645), an dearbh bhliadhna ’s a fhuair Colla a-mach às a’ phrìosan. Cha b’ fhada gus an robh Colla a’
toirt taic do dh’Alasdair ged a bha e a-nise gu math sean.
Thàinig saoghal an dithis gu crìch anns an aon bhliadhna, dìreach dà bhliadhna as dèidh Blàr Inbhir Lòchaidh. Fhuair na Caimbeulaich greim air Colla, agus
chaidh a chrochadh air cnoc gu tuath air an Òban. Chaill Alasdair batail ann an Cinn Tìre, agus theich e a dh’Eirinn, far an deach a mharbhadh le
saighdearan Sasannach.
Dh’fhàg an dithis dìleab mhòr eachdraidheil don Gàidhealtachd, ach tha Alasdair Mac Cholla air a chuimhneachadh cuideachd leis gun do dh’fhàg e sean-fhacal
dhuinn ann an Gàidhlig, a chluinnear fhathast. Agus innsidh mi sin dhuibh an ath sheachdain.