Bha mi ann an Eirinn o chionn ghoirid ann an Gaeltacht Thìr Chonaill, sgìre anns an iar-thuath far a bheil an cànan, Gaeilge, gu math làidir. Thàinig mi
tarsainn air an t-sean-fhacal a leanas ann an sin agus tuigidh sibh anns a’ mhionaid, nuair a chluinneas sibh e, dè cho coltach ’s a tha an dà chànan, agus
an dà chultar, ann an Alba agus Eirinn: “Is feárr carad ’s a g-cúirt ’na bonn sa sparán”.
Uill, nach eil sinn fhèin ann an Alba ag ràdh an dearbh rud. “Is fheàrr caraid ’s a chùirt na crùn ’s a sporan.” ’S dòcha gur e “crùn” a chanadh na
h-Eireannaich fhèin uaireigin, agus gun d’ fhuair iad cuidhteas sin air sgàth adhbharan poilitigeach. Cò aige tha fios. Ach, a dh’aindeoin crìochan
poilitigeach a chaidh a thogail eadar Alba is Poblachd na h-Eireann anns an fhicheadamh linn, chan eil teagamh nach eil an dà dhùthaich, agus an dà
Ghàidhlig, faisg air a’ chèile ann an iomadach dòigh.
Chan eil sin a’ ciallachadh, ge-tà, nach eil diofar ann agus nach gabh mearachdan dèanamh bho àm gu àm nuair a tha Albannach thall ann an Eirinn, agus e a’
feuchainn ri Gaeilge a labhairt. Tha cuid de na faclan Gàidhlig againne cuideachd aig na h-Eireannaich ach le ciall rudeigin eadar-dhealaicht’ orra. Agus
feumaidh tu bhith gu math faiceallach!
Am facal “bodach” mar eisimpleir. Mar is trice, ann an Alba, tha sin a’ ciallachadh “fear aosta”. Ach chan eil an ciall sin aig an fhacal ann an Eirinn. An
àite sin, tha e a’ ciallachadh “bleigeard”. Agus feumaidh tu bhith faiceallach ann an Eirinn leis an fhacal “dòigheil”. Chuir boireannach Eireannach ceist
air fear Albannach a bha còmhla rium – “caidé mar a tá tú?”, neo “ciamar a tha thu?” Thuirt e “tá mé go dóigheil” neo “tha mi gu dòigheil” agus chuir sin
stad air a’ chòmhradh buileach. Tha dòigheil a’ ciallachadh “brèagha” neo “bòidheach” ann an Eirinn agus bha a’ bhan-Eireannach a’ smaoineachadh gu robh mo
charaid ag ràdh gu robh e dìreach “bòidheach”! Agus nach robh irioslachd sam bith aige!
Rinn mi-fhìn rudeigin car coltach ri sin nuair a bha mi a’ bruidhinn ri tè ann an taigh-seinnse. Thug mi iomradh air boireannach eile agus thuirt mi ris a’
bhan-Eireannach gur e “bean ghasta” neo “boireannach gasta” a bh’ anns an tèile. Bha mi a’ ciallachadh gu robh i còir, laghach. Ach, ann an Eirinn, tha
“gasta” a’ ciallachadh “luath, sgiobalta”. Smaoinich a’ bhan-Eireannach gu robh mi a’ ciallachadh gu robh an tèile na boireannach luath – mar a bhiodh
Sonia O’ Suileabháin, an luth-chleasaiche. Ach nas miosa na sin, faodaidh “bean ghasta” cuideachd a bhith a’ ciallachadh “fast woman”, leis an
droch chiall mar a th’ aca ann am Beurla. Cha mhòr nach do rinn mi mearachd mhòr!
Ach canaidh mi aon rud mu dheidhinn nan Eireannach: tha iad math air spòrs is fealla-dhà a dhèanamh, agus cha ghabh iad dragh mòr sam bith mu mhearachd neo
dhà mar sin. Agus tha iad nas fheàrr na tha muinntir na Gàidhealtachd againne ann a bhith a’ cumail a dol leis a’ Ghaeilge an àite a bhith a’ tionndadh gu
Beurla. Thuirt boireannach ann an Tìr Chonaill rium gu robh Alba brèagha brèagha agus gun do chòrd a làithean-saora a bhon-uiridh anns na h-Eileanan Siar
agus anns an Eilean Sgitheanach rithe gu mòr, ach a-mhàin aon rud. ’S e sin nach bruidhneadh aon neach Gàidhlig rithe anns na h-eileanan air fad, ach
a-mhàin aig Sabhal Mòr Ostaig. Gu fortanach, cha b’ e sin an seòrsa fàilte a fhuair mi-fhìn ann an Gaeltacht Thìr Chonaill.