FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Bodach na Sìde

Chan fhada gus am bi “Bodach na Sìde” a’ cur

Audio is playing in pop-over.

Bodach na Sìde

Chan fhada gus am bi “Bodach na Sìde” a’ cur briathrachas eile aige gu feum – briathrachas nach robh gu mòran feum thairis air mìosan an t-samhraidh. ‘S e sin briathrachas sìde a’ gheamhraidh. Seadh, a chàirdean. Tha am foghar ann agus chan fhada gus am bi fuachd is stoirmean a’ gheamhraidh a’ bualadh oirnn a-rithist.

’S ann tric a bhios sinn a’ bruidhinn air an aimsir ann an Alba agus chanainn gu bheil mòran fhaclan againn ann an Gàidhlig mu dheidhinn coltas na sìde. Gu h-àraidh mu dheidhinn uisge is ceò! Mar a bha i, mar a tha i agus mar a bhitheas i. Bha bana-charaid agam às Astràilia a-bhos a seo o chionn ghoirid. Bha i anns an Eilean Sgitheanach airson a’ chiad turais, agus thuirt i gu robh i air a chluinntinn, mus deach i don eilean, gu robhar a’ faighinn gach ràith dhen bhliadhna taobh a-staigh latha. Ach an dèidh dhi bhith anns an eilean airson seachdain, thuirt i rium gu robh sin fada ceàrr. “Bithear a’ faighinn gach ràith taobh a-staigh deich mionaidean!” thuirt i. Thug i sgàilean leatha don eilean ach bha e gu beag feum air sgàth na gaoithe. Cha b’ fhada gus an deach a bhriseadh ann an stoirm.

Agus fhad ’s a tha mi a-mach air aimsir taobh siar na Gàidhealtachd, tha mi ’n dùil gun cuala sibh mar tha ro-shealladh na h-aimsir anns a’ Ghearasdan, fear de na bailtean as fhliuche ann an Alba. Uill, mura cuala, seo e. Mura faic thu Beinn Nibheis, tha an t-uisge ann; ma chì thu a’ bheinn, tha an t-uisge gu bhith ann!

Ach mus nochd faclan a’ gheamhraidh aig Bodach na Sìde, rudan mar “sneachd”, “flin” agus “clachan-meallain”, ’s fhiach sùil a thoirt air mar a bhios luchd-naidheachd Radio nan Gàidheal ag aithris na sìde. Seo na bh’ air prìomh phrogram-naidheachd na maidne, ris an canar “Aithris na Maidne”, o chionn ghoirid:

Bidh a’ chuid mhòr de dh’Alba tioram le greisean grianach an còrr dhen latha. Ach bidh i sgòthach ro bheul na h-oidhche ann an cuid de sgìrean mun iar, shìos mu Earra-Ghaidheal agus gu h-àraid anns na h-Eileanan Siar agus anns an iar-thuath. Leanaidh i mar sin tron oidhche, le frasan anns an iar-thuath agus anns na h-Eileanan Siar. Ruigidh i tri-deug neo ceithir-deug Celsius tron latha an-diugh ach bidh i fuar a-nochd, a’ tuiteam gu dìreach tri neo ceithir Celsius.

A’ coimhead romhainn gu deireadh na seachdanach – blàth, tioram, grianach a-màireach, ach gum bi am fìor cheann a tuath agus an iar-thuath sgòthach le corra fhras. Agus Latha na Sàbaid, bidh i nas sgòthaiche le frasan anns a h-uile h-àite, agus bidh a’ ghaoth an àirde beagan.

Nach math an naidheachd a bh’ aig Bodach na Sìde an turas sin, agus e ag innse dhuinn gum biodh a’ chuid mhòr de dh’Alba tioram le greisean grianach. ’S ann ainneamh a chluinneas sinn na faclan sin anns na beagan mhìosan romhainn, gu mi-fhortanach. Mar is trice, cluinnidh sinn gum bi a’ chuid mhòr de dh’Alba fliuch is fuar. Bidh sinn beò an dòchas, ge-tà, gum faigh sinn corra shealladh dhen ghrèin bho àm gu àm!

Ach bha uair ann a chuala mi aithris mu choltas na h-aimsir air rèidio, ann an Gàidhlig, a bha gu math eadar-dhealaichte bho na tha romhainn anns a’ gheamhradh seo. Chaidh i rudeigin mar seo. “Bidh i blàth is tioram is grianach fad an latha an-diugh. Ruigidh i mu chòig deug ar fhichead (35) Celsius, aig a’ char as blàithe, agus bidh a’ ghaoth aotrom.” Agus càit’ an robh seo? Uill, feumaidh mi bhith onorach. Cha b’ ann an Alba a bha e, ach air a’ phrògram Gàidhlig ann am Melbourne ann an Astràilia!

Feuch gun cum sibh blàth anns an t-seachdainn romhainn…

Litir 19 Litir 19 Litir 21 Litir 21

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!