FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Corragan-làimhe agus corragan-coise

Tha e iongantach na th’ann de dh’ainmean, ann an Gàidhlig,

Audio is playing in pop-over.

Corragan-làimhe agus corragan-coise

Tha e iongantach na th’ ann de dh’ainmean, ann an Gàidhlig, airson corragan-làimhe agus corragan-coise. Tha mi ’n dòchas gu bheil sibh a’ tuigsinn gu bheil mi a’ ciallachadh fingers agus toes. ’S dòcha, gu ruige seo, gu bheil sibh air corrag a chluinntinn airson finger agus òrdag airson toe ach chan eil e cho sìmplidh sin.

Faodaidh corrag a bhith a’ ciallachadh tè dhen mheòir-làimhe neo tè dhen mheòir-coise. Tuigidh sibh gu bheil meur cuideachd a’ ciallachadhfinger neo toe. Ach chan ionann e do na meòir reamhar aig taobh do làimhe neo aig taobh do choise. ’S e am facal a th’ againn airson sin – òrdag. Tha òrdag a’ ciallachadh thumb neo big toe. Ordag-làimhe neo òrdag-coise.

’S dòcha gur e an rud as inntinnich’ a th’ ann mu dheidhinn nan ainmean a th’ againn airson òrdagan is corragan ann an Gàidhlig – na diofar ainmean a th’ air na corragan-làimhe. Seallamaid orra. Tòisicheamaid leis an òrdaig. An ath chorrag, a first finger mar a theirear ann am Beurla, ’s e sin an sgealbag neo sgolbag neo sgolabag neo sgolagag neo calagag! Tha fhios gu bheil ainmean eile ann air a son cuideachd.

Tha an dearbh rud fìor mu dheidhinn nan corrag eile. Tha tòrr ainmean ann air gach tè nuair a choimheadas tu air feadh Gàidhealtachd na h-Alba. A’ chorrag mhòr anns a’ mheadhan, mar eisimpleir. ’S e sin meur a’ mheadhain neo fionna-fad neo, mar a dh’ionnsaicheas pàistean ann an cròileagain i an latha an-diugh, Fionnladh Fada neo Màiri Fhada. Agus tha i fada, nach eil, nas fhaide na na corragan eile.

A’ gluasad don ath chorraig – am meur air am bi cuid a’ cur fàinne - ’s e sin mac-an-aba. Ach chan eil càil a dh’fhios agam carson is e mac-an-aba a th’ oirre. Ann an cuid de dh’àiteachan ’s e màthair na lùdaig a th’ oirre oir ’s e an lùdag neo lùdan a chanas sinn ris a’ chorraig mu dheireadh, an tè as lugha. An lùdag bheag.

Nise, an e pàrant a th’ annaibh? A bheil ur clann òg is a bheil Gàidhlig aca? Tha mi ’n dòchas gu bheil! Uill, seo agaibh rann a bhios feumail dhuibh, tha mi ’n dùil, agus a chòrdas ris a’ chloinn. Bidh sibh a’ tòiseachadh leis an òrdaig agus a’ dol a dh’ionnsaigh na lùdaig, a’ togail gach corraig ann an òrdugh agus a’ cantainn na rainn aig an aon àm.

Seo mar a tha e a’ dol: Seo an tè a leig an sabhal, seo an tè a ghoid na sìl, seo an tè a sheas ag amharc, seo an tè a ruith air falbh, is seo an tè bheag a b’ fheudar dhi a phàigheadh air fad.

Canaidh mi a-rithist e: Seo an tè a leig an sabhal, seo an tè a ghoid na sìl, seo an tè a sheas ag amharc, seo an tè a ruith air falbh, is seo an tè bheag a b’ fheudar dhi a phàigheadh air fad.

Tha e math na rannan cloinne sin a chumail a dol, nach eil? Ach bu mhath leam ur fàgail an t-seachdain-sa le bhith a’ tilleadh don fhacal “meur”. Tuigidh sibh gu bheil e a’ ciallachadh corrag ach tha ciall neo dhà eile aige cuideachd agus bidh sibh eòlach air tè dhiubh sin ma tha sibh nur ball dhen Chomunn Gàidhealach. Tha an Comunn air a dheanamh suas le diofar mheòir, neo branches, ann an dìofar sgìrean. Chì sibh meòir cuideachd air craobhan, leis gu bheil e a’ ciallachadh branches anns an t-seadh sin cuideachd.

Ach tha facal eile ann airson meur-craoibhe, agus bheir sinn sùil air a sin, agus air rann shnog eile do chloinn an ath sheachdain.

Litir 36 Litir 36 Litir 38 Litir 38

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!