Bha sinn a’ toirt sùil air Clach na h-Aifrinn ann an Gleann Ruaidh ann am Bràigh Loch Abar. Mar a bha mi ag innse dhuibh, chaidh a’ chlach a ghluasad don àite, ri taobh an rathaid, far a bheil i an-diugh. Agus rinn cuideigin snaigheadh oirre. Tha trì rudan snaighte oirre – cailis, abhlan agus na litrichean I-H-S.
Tha na rudan sin co-cheangailte ris an aifreann anns an Eaglais Chaitligich. Tha am facal cailis – agus a’ Bheurla chalice – a’ tighinn bhon Laidinn calix, a’ ciallachadh ‘copan-fìona’. Anns an aifreann, tha am fìon, a th’ air a mheasgachadh le uisge coisrigte anns a’ chailis, a’ riochdachadh fuil Chrìosda. Tha an ìomhaigh de chailis air Clach na h-Aifrinn gu math soilleir eadhon an-diugh.
Os cionn na cailise air Clach na h-Aifrinn tha ìomhaigh de dh’abhlan coisrigte no aran sàcramaideach. Bidh muinntir coitheanail a’ faighinn an abhlain a bharrachd air an fhìon mar phàirt dhen aifreann.
Tha na litrichean I-H-S a’ riochdachadh Ìosa leis na ciad trì litrichean de a chiad ainm. Ann an Laidinn, bhite an dùil I-E-S a bhith ann airson ‘Iesus’ ach bha I-H-S stèidhichte air an t-seann aibidil Ghreugais a cheart cho math ris an Laidinn. Tha Caitligich air feadh an t-saoghail ag aithneachadh I-H-S mar shamhla de dh’Ìosa Crìosd.
Mar sin, eadhon ged nach biodh a’ chlach air a cur gu feum tuilleadh airson aifreann, tha na h-ìomhaighean a th’ oirre ag innse dhuinn gur e sin dha-rìreabh Clach na h-Aifrinn agus gun robh aifrinnean air an cumail na cois ann an Gleann Ruaidh fada air ais.
Agus cò rinn an snaigheadh oirre? Uill, a rèir choltais, b’ e fear Dòmhnall Caimbeul Mac a’ Phearsain. ’S ann às a’ ghleann a bha e. ’S e sgoilear na Gàidhlig a bh’ ann. Thathar a’ smaoineachadh gun do rinn e na h-ìomhaighean timcheall na bliadhna ochd ceud deug is seachdad (1870).
Chan eil fios againn cuin mu dheireadh a bha aifreann air a chumail an cois na cloiche. Chan eil uiread de dhaoine a’ fuireach ann an Gleann Ruaidh an-diugh an coimeas ris na bh’ ann san naoidheamh linn deug – agus ghluais na seirbheisean creideimh don eaglais ann an Drochaid Ruaidh.
Ach tha mi airson innse dhuibh mu rudeigin iongantach a chaidh a lorg anns an allt far an robh Clach na h-Aifrinn suidhichte an toiseach. B’ e sin soitheach-aifrinn no, mar a chanar ri a leithid ann am Beurla, a mass cruet. Bha na soithichean sin a’ cumail uisge no fìon ann a bhiodh mar phàirt dhen aifreann. Chaidh soitheach dhen t-seòrsa a lorg anns an allt sin le fear Aonghas Camshron timcheall na bliadhna ochd ceud deug is ochdad (1880).
Tha an soitheach gu math beag agus air a dhèanamh de dh’airgead. Air an taobh dheth, tha an litir ‘A’ air a snaigheadh. Tha sin a’ seasamh airson ‘aqua’, a’ sealltainn gun robhar ga chleachdadh airson uisge, seach fìon. Bha an soitheach air a dhèanamh anns na tritheadan dhen naoidheamh linn deug ann am Baile Atha Cliath ann an Èirinn.
Tha dùil gun robh an soitheach air a chleachdadh leis an aon sagart a bha a’ dèanamh na h-aifrinn an cois na cloiche. Nach iongantach sin! Ma tha ùidh agaibh, chì sibh an soitheach ann an Taigh-tasgaidh Taobh an Iar na Gàidhealtachd anns a’ Ghearasdan.