FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Clach na h-Aifrinn (1)

Seann chlach iongantach agus an sgeul a tha ceangailte rithe

Audio is playing in pop-over.

Clach na h-Aifrinn (1)

Anns an dà Litir mu dheireadh bha sinn ann an Gleann Ruaidh ann am Bràigh Loch Abar. Tha dualchas Gàidhealach air leth aig an sgìre sin, ged nach eil a’ Ghàidhlig fhèin cho làidir innte an-diugh.

Anns an Litir seo, tha sinn a’ dol a dh’fhuireach ann an Gleann Ruaidh. Bidh sinn a’ toirt sùil air seann chlach iongantach agus air an sgeul a tha ceangailte rithe. Tha a’ chlach ri taobh an rathaid letheach suas an gleann. Air aon taobh dhith, tha ìomhaighean snaighte oirre – cailis, abhlan agus na litrichean IHS. Tha na trì ceangailte ris a’ chreideamh Chaitligeach – creideamh a tha fhathast beò ann am Bràigh Loch Abar.

Thàinig mi tarsainn air an sgeul mun chloich an toiseach anns an leabhar Highways and Byways in the Central Highlands le Seton Gordon. An uair sin, lorg mi cunntas ann an Gàidhlig, sgrìobhte le Calum Iain MacGill-Eain, a chruinnich beul-aithris bho dhaoine ann am Bràigh Loch Abar anns na caogadan.

Seo mar a tha an sgeul a’ tòiseachadh: Tha clach ri taobh an rathaid ris an abair iad Clach na h-Aifrinn. Litrich Calum Iain ‘aifrinn’ A-I-D-H-R-I-N-N.

Tha an sgeul a’ leantainn mar seo: Tha i shuas mu choinneamh àite ris an abair iad Creithneachan ann an Gleann Ruaidh. Bha uaireigin an siud agus bha fear a’ dol dhachaigh ris an abradh iad Aonghas Mòr. Nuair a bha e mu choinneamh Creithneachan a bha seo, thàinig na sìthichean a chur stad air.

Tha an sgeul a’ leantainn: Bha leth de na sìthichean a’ glaodhaich, ‘Cha leig sinn seachad Aonghas Mòr.’ Bha leth eile air an taobh thall a’ glaodhaich, ‘Leigidh sinn seachad Aonghas Mòr.’

Chunnaic Aonghas Mòr gu robh an aon chunntas air gach taobh. Bha a’ bhòt co-ionann. A-nise thug Aonghas taic dha fhèin, agus fhuair e seachad.

Tha stòiridhean eile ann car dhen aon seòrsa. Bha feadhainn a’ cumail a-mach gun robh bòcan a’ fuireach aig an allt a tha suas an rathad bhon chloich. Bha e cho cunnartach ʼs nach robh daoine deònach a dhol tarsainn an uillt ann an dorchadas na h-oidhche.

Cha robh muinntir an àite toilichte mun t-suidheachadh. Dh’iarr iad air sagart taic a thoirt dhaibh. Chaidh an sagart gu clach mhòr a bha air bruach chas ri taobh an uillt. Chùm e aifreann an sin, feuch faighinn cuidhteas a’ bhòcain. Agus bhon uair sin, ghabh muinntir an àite ‘Clach na h-Aifrinn’ oirre mar ainm.

Shaoileadh sibh gur e ‘The Mass Stone’ a bhiodh air a’ chloich ann am Beurla. ʼS e sin a bh’ oirre. Ach bidh feadhainn an-diugh a’ gabhail ‘The Chalice Stone’ orra, oir tha cailis – chalice – snaighte oirre.

Seo mar a thachair e. Bha Clach na h-Aifrinn uaireigin na bu mhotha na tha i an-diugh. Mar a thuirt mi, bha i air bruach chas os cionn an uillt. Chaidh a’ bhruach a chriomadh leis an allt agus, an dèidh ùine, thuit a’ chlach don allt fhèin. Bha i briste.

Thog na fir a bu làidire anns an sgìre am pìos as motha a-mach às an allt. Chuir iad air ais i gu h-àrd air a’ bhruaich. Ach bha an t-allt fhathast a’ criomadh na talmhainn. Agus chaidh a’ chlach a ghluasad don àite far a bheil i an-diugh. Agus cò rinn an snaigheadh oirre? Innsidh mi sin dhuibh anns an ath Litir.

Litir 1380 Litir 1380 Litir 1382 Litir 1382

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!