Anns an naoidheamh linn deug, dh’èist eadar seachd is ochd mìle neach ann an Inbhir Nis ri òraid ann an Gàidhlig, a-muigh air latha fliuch, stoirmeil. Cha
    robh mòran a bharrachd na deich mìle neach a’ fuireach anns a’ bhaile aig an àm. Carson, ma tha, a thàinig na h-uibhir a-mach mar sin? An e ministear a bha
    a’ bruidhinn, neo fear-rannsachaidh a bh’ air tilleadh à dùthaich chèin? Chan e. ’S e murtair a bh’ ann. Agus bhathar a’ dol ga chrochadh.
    Bha Uisdean MacLeòid, às Asainte ann an Cataibh. Bha e bliadhna ar fhichead a dh’aois nuair a mhuirt e fear, Murchadh Grannd, ann an Asainte anns a’
    bhliadhna ochd ceud deug is deich ar fhichead (1830). Bha Grannd air a bhith a’ dol bho thaigh gu taigh, a’ reic stuth. Agus bha airgead aige. Mhuirt
    MacLeòid e agus ghoid e airgead is stuth eile a bh’ aige.
    Thilg MacLeòid an corp ann an loch, agus chuir e clach mhòr air airson a chumail fon uisge. Ach bha seo as t-earrach, anns a’ Mhàrt agus, nuair a thàinig
    an samhradh, dh’fhàs an loch eu-domhainn, agus chunnaic cuideigin an corp. Cha b’ fhada gus an robh Uisdean MacLeòid fo chasaid gum b’ esan am murtair.
    Bha a’ chùis gu bhith anns a’ chùirt as t-Sultain ann am bliadhna a’ mhuirt fhèin, ach bha dàil ann. Bha duilgheadas ann leis an diùraidh, agus an uairsin
    theich fear dhen luchd-fianais. Chaidh bliadhna seachad agus, mu dheireadh, nochd MacLeòid anns a’ chùirt as t-Sultain, ochd ceud deug ’s a h-aon deug ar
    fhichead (1831), ann an Inbhir Nis.
    Bha mòran dhen chùis ann an Gàidhlig. Thug tri fichead duine ’s a sia-deug (76) fianais anns a’ chùirt, agus cha robh ach Gàidhlig aig a’ chuid a bu mhotha
    aca. Bha Beurla aig dìreach sianar neo seachdnar.
    Thairis air a’ bhliadhna mus tàinig a’ chùis gu cùirt, cha do dh’aidich Uisdean MacLeòid idir gun do mhuirt e Murchadh Grannd. Ach, a dh’andeoin sin,
    chaidh an diùraidh na aghaidh. Bha e ciontach de mhèirle agus de mhuirt. Agus, an dèidh sin, nuair a bha e air ais anns a’ phrìosan, agus nuair a bha fios
    aige gu robhar a’ dol ga chrochadh, dh’aidich e am muirt.
Thàinig latha a’ chrochaidh, an ceathramh latha fichead (24mh) dhen Dàmhair. Bha a’ chroich ann an Inbhir Nis air a’ chladach ann an sgìre a    Longman faisg air an àite far a bheil pàirc mhòr sgioba ball-coise Chaledonian Thistle an-diugh. Bidh muinntir Chaley Thistle
    toilichte ma thèid trì mìle neach a choimhead geam an-diugh. Ach bha seachd neo ochd mìle ann a’ coimhead crochadh Uisdein MhicLeòid o chionn còrr is ceud
    gu leth bliadhna.
    Mus d’ fhuair e bàs, bha cothrom aig a’ mhurtair bruidhinn ris an luchd-coimhead, agus rinn e sin, ann an Gàidhlig, fad còrr is cairteal na h-uarach. Bha
    Gàidhlig aig co-dhiù a h-uile darna neach ann an Inbhir Nis aig an àm. Agus dhiùlt MacLeòid dhol gu a bhàs le Beurla air a bhilean.
    “Chan eil bàs duine gun ghràs duine,” a-rèir an t-seanfhacail, agus dh’iarr Uisdean MacLeòid air an t-sluagh gun a bhith a’ dol ceàrr mar a chaidh esan.
    “Uisge-beatha,” thuirt e, “uisge-beatha, boireannaich, briseadh na Sàbaid agus cluich chairtean, ’s iad sin a thug don deireadh seo mi. Nam bithinn beò
    ceud bliadhna eile, cha chuirinn gloinne uisge-bheatha ri mo bhilean a-rithist.”
    Nuair a bheir sinn sùil air a’ chùis an-diugh, feumaidh sinn a bhith onorach. Chan ann airson òraid Ghàidhlig a chluinntinn a chaidh suas ri ochd mìle
    neach ann, ach airson bàs fhaicinn. Nach math gu bheil na làithean sin seachad.