Bidh cuimhn’ agaibh bhon t-seachdain ’s a chaidh gu bheil am facal deiseil co-cheangailte ris a’ làimh dheis agus ri rudan matha. Ach, air an
làimh eile, ma dh’fhaodas mi sin a ràdh, chan eil rudan matha co-cheangailte ris an làimh chlì. Agus tuigidh mi carson a tha daoine leis a’ cheàrrag neo a
tha ciotach, mar a chanas iad ann an ceann a deas na Gàidhealtachd, a’ gabhail dragh mu dheidhinn sin.
Chan eil càil ceàrr orra ach gu bheil an làmh cheàrr aca nas sgileile nan làmh dheas. Agus seallaibh mar a tha am facal ceàrr a’ ciallachadh left agus wrong. Ach tha an aon rud fìor ann an cànanan eile. ’S e “ciotach” a bha am facal sinister a’ ciallachadh o thùs ann
an Laideann.
Bidh cuimhn’ agaibh cuideachd gu robh an làmh dheas co-cheangailte ri slighe na grèine tron adhar – slighe ris an can sinn deiseil. Agus bha mòran
chleachdaidhean o shean aig ar sinnsirean anns am biodh iad a’ gluasad gu deiseil a dh’aona-ghnothach airson ’s gum biodh deagh fhortan aca.
Nuair a gheibheadh daoine bochda airgead bho chuideigin, rachadh iad trì tursan deiseil timcheall an duine mar bheannachd air. Nuair a rachadh iasgairean
gu muir, bhiodh iad ag iomradh a’ bhàta gu deiseil an toiseach. Agus mura deanadh iad sin, bhiodh iad dhen bheachd gum biodh droch fhortan aca air an latha
sin. Chanadh feadhainn an-diugh gur ann saobh-chràbhach a bha na seann daoine is gu robh na cleachdaidhean sin a’ buntainn ri linn nuair a bha na Gàidheil
nam pàganach. Ach chan eil teagamh nach robh iad a’ creidsinn ann an rudan mar sin gu làidir.
Anns an linn sin, bhathar a’ creidsinn gu robh ifrinn anns a’ cheann a tuath agus, mar sin, gu robh ifrinn fuar reòite. Tha sin gu math eadar-dhealaichte
bhon ifrinn theth anns a bheilear a’ creidsinn an-diugh.
Agus bha daoine a’ creidsinn gun d’ rachadh iad (neo gun d’ rachadh an nàbaidhean co-dhiù!) sìos a dh’Ifrinn agus, leis a sin, bha iad a’ coimhead air an
àird a tuath mar àite ìosal. Agus chanadh iad “tha mi a’ dol sìos gu tuath” neo “tha mi a’ dol suas gu deas” agus chan e “suas gu tuath” agus “sìos gu
deas” mar a chanar, anns an fharsaingeachd, ann am Beurla. Agus cluinnidh tu fhathast daoine ann an taobh siar Leòdhais ag ràdh ann an Gàidhlig gu bheil
iad a’ dol “sìos a Nis”, sgìre ann am fìor cheann a tuath an eilein.
Ach ’s dòcha gu robh an aon rud fìor uaireigin ann am Beurla, agus gur e luchd nam mapaichean a th’ air dealbh dhen t-saoghal a thoirt dhuinn anns a bheil
an àird a tuath aig a’ cheann shuas agus an àird a deas aig a’ bhonn. Bidh daoine ann an Essex is Hertfordshire, mar eisimpleir, ag ràdh gu bheil iad a’
dol up to London, ged a tha iad a’ fuireach gu tuath air Lunnainn. Tha mi a’ dèanamh dheth gur e seann chleachdadh a tha sin, agus gu bheil e a’
dol à bith ann an Sasainn, dìreach mar a tha e ann an Gàidhealtachd na h-Alba.
Ach bu toigh leam tilleadh don fhacal ciotach agus fàgaibh mi sibh an t-seachdain-sa le ceist. Bha laoch Gàidhealach ann anns an t-seachdamh linn
deug a bha gu math ainmeil. Agus bha e ciotach. Agus tha frith-ainm air ann am Beurla, a bharrachd air Gàidhlig, a tha a’ comharrachadh sin. Agus bha an
gille aige na b’ ainmeile fiù’s na esan airson gaisge. Cò iad? Innsibh mi sin dhuibh anns an ath litir, a’ chiad tè anns a’ bhliadhn’ ùir. Roimhe sin –
ge-tà – Nollaig Chrìdheil agus Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile.