FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath

Bidh cuimhn’ agaibh gu robh mi ag innse dhuibh, an

Audio is playing in pop-over.

Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath

Bidh cuimhn’ agaibh gu robh mi ag innse dhuibh, an t-seachdain ’s a chaidh, mu Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath, agus gu robh ceist ann an robh an t-ainm a’ ciallachadh “Loch nan Con” neo “Loch nam Feusgan Mòra”. Uill, bhon uairsin, tha mi air a bhith a’ rannsachadh nas fhaide air ais ann an eachdraidh nan eilean agus thàinig mi tarsainn air leabhar ainmeil a chaidh a sgrìobhadh leis an Sgitheanach, Màrtainn Màrtainn, ann an sia ceud deug, ceithir fichead ’s a còig-deug (1695) neo mar sin. ’S e an t-ainm a th’ air Description of the Western Isles of Scotland.

Seo na chanas Màrtainn mu dheidhinn Loch nam Madadh: “Tha an t-ainm a’ tighinn bho thrì creagan taobh a-muigh beul an locha air an taobh a deas. ’S e ‘madaidhean’ a th’ orra mar ainm air sgàth ’s gu bheil na h-uibhir de dh’fheusgain mhòra, ris an canar ‘madaidhean’ a’ fàs orra.” Mar sin, tha e coltach nach eil ceangal sam bith ann eadar Loch nam Madadh agus coin fhiadhaich de sheòrsa sam bith.

Sgrìobh Màrtainn gu robh an loch-mara sin ann an dà phàirt – Loch nam Madadh air an taobh a deas, agus Loch Partan air an taobh a tuath. ’S e “Loch Portain” a th’ air a sin an-diugh, ach tha “partan” agus “portan” a’ ciallachadh na h-aon rud – shore crab, mar a chanas iad ann am Beurla.

Tha am facal “partan” gu math inntinneach dhomh fhìn, leis gu bheil cuimhn’ agam air rud neo dhà a chanadh mo sheanair, taobh mo mhàthar, nuair a bha mi glè òg. Rugadh is thogadh e ann an Eilginn, ann am Moireibh, agus cha robh facal Gàidhlig aige. Uill, ’s dòcha nach eil sin buileach fìor. Bhiodh facal neo dhà de Ghàidhlig a’ nochdadh an lùib a chuid Bheurla. Agus cha robh am facal crab aige. Chanadh e “partin” na àite. Rudan mar “look at the wee partin under the rock.” Tha e follaiseach gur e sin dìreach am facal “partan” a chaidh thairis don Bheurla bhon Ghàidhlig.

Tha sean-fhacal ann a chanas “’S fheàrr am partan-tuathal na bhith gun fhear-taighe.” ’S e a th’ ann ann am partan-tuathal an seòrsa aig nach eil slige chruaidh. An àite slige a dhèanamh dha fhèin, bidh e a’ cleachdadh seann shlige-mhaoraich a lorgas e air a’ chladach neo air a’ ghrunnd. Bidh sibh eòlach air ann am Beurla mar hermit crab. Partan-tuathal.

Seo an sean-fhacal a-rithist: “’S fheàrr am partan-tuathal na bhith gun fhear-taighe.” Tha mi a’ dèanamh dheth gur e boireannach a chanadh sin, ’s dòcha boireannach beartach aig an robh taigh a phòs fear bochd aig nach robh taigh. Agus ’s dòcha nach robh deagh bheachd aig muinntir an àite air an duine. Bhiodh an dithis a’ dèanamh dachaigh ann an taigh a’ bhoireannaich mar a bhios partan-tuathal a’ dèanamh dhachaigh ann an slige a chaidh a dhèanamh le creutair eile. Ach b’ fheàrr leis a’ bhoireannach suidheachadh mar sin a bhith aice na bhith a’ fuireach leatha fhein gu h-aonaranach ’s gun duine. “’S fheàrr am partan-tuathal na bhith gun fhear-taighe.”

Tha am facal “tuathal” gu math gu math inntinneach, agus bheir sinn sùil air a chiall anns an ath litir. Ach fàgaidh mi an-dràsta sibh le seann stòiridh beag anns an robh partan an sàs. Bha dithis bhoireannach a’ fuireach còmhla ach bhiodh an darna tè a’ goid stuth a-mach à baga an tèile. Mar sin, chuir an tèile partan beò anns a’ bhag’ aice. An ath thuras a thachair mèirle, ghreimich am partan gu cruaidh air corrag a’ mhèirlich le ìne. “Aaa!” dh’èigh i, “tha an Donas nad bhaga.”

“Tha,” thuirt an tèile, “nuair a tha thus’ ann!”

Litir 29 Litir 29 Litir 31 Litir 31

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!