Bha mi ann an dùthaich Fhionnlaidh Dhuibh o chionn ghoirid agus abair gun do chòrd e rium. Bha a’ mhadainn na fèath agus cha robh neul anns an adhar agus,
feasgar, ged a dh’fhàs i sgòthach, bha i fhathast socair ciùin, fiù’s aig còrr is trì mile troigh os cionn na mara. Bidh sibh a’ tuigsinn gu bheil beanntan
gu leòr ann an dùthaich Fhionnlaidh Dhuibh.
Ach tha deagh amharas agam gu bheil sibh a’ smaoineachadh an-dràsta “cò am Fionnladh Dubh a tha sin air a bheil Ruairidh MacIlleathain a-mach?” Uill, duine
a bu chòir a bhith rudeigin ainmeil ann an Alba, chan ann dìreach am measg nan Gàidheal, ach air feadh Alba gu lèir. Innsidh mi dhuibh carson an ceann
mionaid neo dhà.
Chan eil mi ag ràdh, ge-tà, gur e duine math a bh’ ann. Leis an fhìrinn innse, ’s e murtair a bh’ ann. Chan eil fhios a’m an e sin is coireach gun d’ fhuair e
am frith-ainm “Fionnladh Dubh”. ’S dòcha gur e dìreach gu robh falt dubh aige is coireach airson sin.
Bha Fionnladh beò aig deireadh an t-siathamh linn deug ann an Gleann Afraig. Bha e ag obair do MhacCoinnich Gheàrrloch mar choilltear is geamair. Latha a
bha seo, thachair e ri fear Dòmhnallach air mullach nam beann. Chaidh iad a-mach air a’ chèile, agus mharbh Fionnladh am fear eile le saighead. ’S e
boghadair math a bh’ ann.
Feumaidh gun do thachair seo faisg air mullach dà bheinn air a bheil Màm Sabhail agus Càrn Eige. Tha iad le chèile còrr is trì mìle is ochd ceud troigh a
dh’àirde. Tha mi ag ràdh “feumaidh” air sgàth ’s gu bheil fios againn – co-dhiù bho bheul-aithris – gun do thilg Fionnladh corp an fhir eile anns an Loch
Uaine. Agus tha an loch sin ann an coire cas eadar an dà bheinn.
Chaidh beinn faisg air làimh ainmeachadh airson Fhionnlaidh, agus ’s e Beinn Fhionnlaidh a th’ oirre fhathast, ged nach eil mi cinnteach co-dhiù tha fios
aig mòran de shreapadairean neo luchd-coiseachd carson a tha an t-ainm sin oirre. Co-dhiù, thòisich am muirt cogadh eadar Clann Choinnich agus na
Dòmhnallaich à Gleanna Garadh a mhair corr is fichead bliadhna. Agus dh’fheuch na Dòmhnallaich ri Fionnladh a mhuirt grunn tursan.
A-rèir beul-aithris, chaidh dusan duine a-mach air a thòir, ach rinn bean Fhionnlaidh a’ chùis air a h-uile duine aca ach aon fhear le puinnsean. Nuair a
chuala ceann-cinnidh nan Dòmhnallach an naidheachd, bha an caothach air. Chuir e dusan duine eile a dh’ionnsaigh Fhionnladh, ach rinn Fionnladh a’ chùis
orra le a bhogha. Thachair an aon rud a-rithist agus a-rithist agus, mu dheireadh, chan e saighdear a rinn a’ chùis air Fionnladh, ach lighiche.
Latha a bha seo bha Fionnladh tinn agus thàinig an dotair airson leigheas a dhèanamh air. Ach an trustar! Thug an dotair, a bha na Dhòmhnallach, snàthad
mhòr fhada a-mach agus shàth e tro chluas Fhionnlaidh i agus a-steach do eanchainn. Fhad ’s a bha e a’ bàsachadh, chaidh fuil a-steach a bheul Fhionnlaidh
agus b’ iad na faclan mu dheireadh aige – “Is meilis an deoch a thug thu dhomh.”
Air sgàth na h-eachdraidh sin, tha deagh adhbhar ann airson Fionnladh Dubh a bhith air a chuimhneachadh le Gàidheil. Ach carson a bhiodh Goill an latha
an-diugh a’ toirt spèis dha cuideachd? Uill – airson an adhbhair seo: b’ esan a’ chiad duine ann an Alba, a th’ air a chuimhneachadh le cinnt, a chaidh gu
mullaichean àrda a bhuineas do na beanntan Rothach – na Munros – an fheadhainn nas àirde na trì mìle troigh. Ach, feumaidh mi ràdh nach iad na
Rothaich a bha air aire Fhionnlaidh fhèin aig an àm ach na Dòmhnallaich!