FaclairDictionary EnglishGàidhlig

An Sgàthan

An robh sibh a’ coimhead anns an sgàthan an-diugh? Tha

Audio is playing in pop-over.

An Sgàthan

An robh sibh a’ coimhead anns an sgàthan an-diugh? Tha fhios gu robh – a’ chiad char anns a’ mhadainn, agus sibh a’ cur ur falt ceart airson a dhol a dh’obair, neo don sgoil, neo airson coimhead brèagha do chàch aig bòrd na bracaist. Agus dè chunnaic sibh anns an sgàthan? Nàdar de Phierce Brosnan, ’s dòcha, neo faileas brèagha mar a chìtheadh Catherine Zeta-Jones? Uill, tha fhios a’m air aon rud: chanamaid uile an aon rud mu dheidhinn – “chunnaic mi mi-fhìn.”

Tha mi ’n dòchas gu bheil sibh air obrachadh a-mach gur ann air tòimhseachan na seachdain ’s a chaidh a tha mi a’ bruidhinn. A bheil cuimhn’ agaibh air? Seo mar a chaidh e:

Is mi mi-fhìn,

Is mi gach duine

Ach sgrìob mo dhruim

’s cha mhi duin’ idir.

Agus ’s e sgàthan a bh’ ann. Tha faileas de gach duine a’ nochdadh ann nuair a sheasas gach duine mu a choinneamh. Ach ma sgrìobas tu druim an sgàthain, far a bheil am peant airgid, caillidh e a chomas faileas ceart a dhèanamh – agus, an uairsin, cha nochd d’ fhaileas ann idir nuair a sheasas tu mu a choinneamh. Bha e sìmplidh, nach robh?!

Chan aithne dhomh gu bheil am facal “sgàthan” a’ nochdadh gu tric idir ann an Gnàthasan-cainnt neo seanfhaclan Gàidhlig, ach ’s aithne dhomh aon seanfhacal anns a bheil e. Agus, nam bheachd-san, tha an seanfhacal sin gu math ciallach, agus gu math snog. Is math an sgàthan sùil caraid. Tha e a’ ciallachadh gum faod sinn deagh iomhaigh fhaicinn dhinn fhèin ann an sùilean caraid. Chì sinn tro shùilean caraid mar a chì daoine eile sinne.

Agus nach e sin an gnothach air an robh am bàrd ainmeil Gallda, Raibeart Burns, a’ meòmhrachadh nuair a sgrìobh e a dhàn, To a Louse. “O wad some Pow’r the giftie gie us,” sgrìobh e, “tae see oursels as ithers see us.”

Tha an sgàthan a’ nochdadh gu tric ann am beul-aithris na Roinn-Eòrpa agus, mar is trice, tha e gu math onorach, ’s dòcha nas onoraiche na tha daoine. Agus chan eil an sgàthan diùid. Bidh e ag innse na fìrinn, co-dhiù tha sin a’ toileachadh an duine a tha a’ coimhead ann neo nach eil.

Bidh sibh uile eòlach air an t-seann sgeulachd Ghearmailtich a chaidh a chruinneachadh leis na bràithrean Iacob agus Wilhelm Grimm. Ann an Gàidhlig ’s e “Ròs Bhàn agus na Seachd Troichean” a th’ oirre; ach ’s dòcha gum bi sibh eòlach oirre mar “Snow White and the Seven Dwarves.”

Anns an sgeulachd sin, tha sgàthan ann a tha ag innse don Bhànrigh olc gur ise am boireannach as brèagha a th’ ann. Agus tha sin ga toileachadh. Ach an ceann greis, tha an tè òg, Ròs Bhàn, a’ tighinn gu ìre agus tha ise, a-rèir choltais, cho brèagha ris an tè ainmeil anns na sgeulachdan againn fhèin – Deirdre. Chanadh iad mu dheidhinn Deirdre gur ise am boinne-fala a bu mhaisiche a bh’ ann eadar grian agus talamh agus nach do rugadh tè a-riamh a bha cho maiseach rithe.

Uill, chan eil fhios a’m, ach ’s dòcha gu robh Ròs Bhàn cho brèagha ri Deirdre. Co-dhiù b’ e sin beachd an sgàthain – gur i Ròs Bhàn an tè a bu bhoidhche air an t-saoghal gu lèir. Agus, anns an sgeulachd, nuair a dh’fhaighnicheas a’ Bhànrigh dhen sgàthan cò as maisich’ a th’ ann, tha an sgàthan a’ freagairt “Ròs Bhàn”. Chan eil a’ Bhànrigh toilichte.

Ach ’s dòcha, an àite a bhith a’ fàs feargach mu bheachd an sgàthain, gu robh còir aig a’ Bhànrigh a ràdh ris gu robh i coma. Dh’fhaodadh i seanfhacal eile a ràdh ris an sgàthan mar dhearbhadh gu robh i coma – “Cha toir a’ bhòidhchead goil air a’ phoit.”

Litir 24 Litir 24 Litir 26 Litir 26

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!