Tha a’ bhliadhna seo air a bhith gu math dona airson crithean-talmhainn. Anns an Turc agus ann an Taiwan – chaill na mìltean am beatha nuair a thuit
togalaichean àrd’ orra. Ach nuair a tha crith-thalmhainn ann, chan ann dìreach anns na bailtean mòra, far a bheil togalaichean àrda, a tha an cunnart.
Faodaidh e bhith gu math cunnartach air a’ chladach cuideachd. ‘S e is coireach airson sin rud ris an canar tsunami.
‘S e facal Iapanach a th’ ann an tsunami, agus ’s e am facal as fheàrr a th’ ann airson a leithid. Ann am Beurla bithear a’ bruidhinn air tidal wave
, ach chan eil gnothach sam bith aig an tìde-mhàra ri tsunami. ‘S e crith-thalmhainn a tha ag adhbharachadh tsunami, ach crith-thalmhainn fon mhuir, is
chan ann air tìr.
Bidh sibh a’ smaoineachadh, ’s dòcha, leis gu bheil uachdar na talmhainn cho seasmhach ann an Alba, nach tachradh tsunami ann an seo uair sam bith. Uill,
ma ’s e sin ur beachd, tha sibh ceàrr, a-rèir choltais. Ged nach eil iad a’ tachairt ann a seo ach ainneamh, tha iad air a bhith ann bho àm gu àm.
O chionn coig bliadhn’ deug ar fhichead (35), lorg dithis às Oilthigh Dhun Eideann, gainmheach fo uachdar na talmhainn faisg air a’ bhaile. Shaoil iad gur
e tuil a bu choireach – tuil-aibhne – is gur iad uisgeachan-aibhne a ghluais a’ ghainmheach agus a dh’fhàg ann a sin i. Cha robh iad dhen bheachd gu robh
gnothach sam bith aig a’ mhuir rithe.
Ach, tro thìde, lorg feadhainn eile gainmheach dhen aon seòrsa suas is sìos costa sear na h-Alba. Agus bha fosailean innte a bh’ air tighinn bhon mhuir. Tha
e coltach gun deach a thilgeil air cladach na h-Alba aig an aon àm le tuinn mhòra mhòra o chionn còrr is seachd mìle bliadhna. Ach de dh’adhbharaich na
tuinn mhòra? Uill, a-rèir choltais, tsunami.
Bha crith-thalmhainn anns a’ chuan eadar Nirribhidh agus Innis Tìle. Ghluais pàirt de ghrunnd na mara a bha cho mòr ri Alba, agus dh’adhbharaich sin fairge
mhòr – nas motha nan stoirm as miosa a chunnaic sinne a-riamh. Ann an Alba bha na tuinn sia meatairean na b’àirde na ìre làn na mara.
Agus tha fianais aig luchd-saidheans gun do thachair an tsunami as t-fhoghar. Ciamar a tha iad a’ dèanamh sin a-mach? Uill, gu sìmplidh. Bha na tuinn cho
mòr ’s gun do rinn iad milleadh air tìr far an robh lusan is craobhan a’ fàs. Agus chaidh measan a thiodhlacadh anns a’ ghainmheach a chaidh a thilgeil air
tìr leis an fhairge. Measan a bhios abaich dìreach as t-fhoghar.
Tha mi toilichte nach robh mi ann airson an tsunami sin fhaicinn. Ach ’s dòcha gu robh daoine ann an Alba aig an àm agus as t-fhoghar tha deagh theans ann
gu robh iad faisg air a’ chladach. ’S dòcha gun do chaill feadhainn am beatha. Chuala mi naidheachd mu dheidhinn geòlaiche – eòlaiche-chreagan – a bh’ air
cladach ann an Alàsca latha a bha seo, nuair a chunnaic e rudeigin annasach a’ tachairt anns a’ mhuir. “Mo chreach,” thuirt e ris fhèin, “tha tsunami a’
tighinn.” Agus ruith e air falbh bhon chladach cho luath ’s a b’ urrainn dha. Mura b’ e gu robh eòlas sònraichte aige, bha a’ mhuir air a dhol thairis air
agus a bhàthadh. Ach cha robh eòlas mar sin aig na daoine o chionn seachd mìle bliadhna.
Agus an tachair tsunami a-rithist ann an Alba air sgàth gluasad grunnd na mara faisg air Nirribhidh? Tachraidh – ach ’s dòcha gum bi e greis fhathast. Agus
gheibh sinn rabhadh ro-làimh – co-dhiù dà uair a thìde mus ruig na tuinn mhòra Alba. Bidh sinn beò an dòchas nach tachair e, ma thà, aig dà uair ’s a
mhadainn.