FaclairDictionary EnglishGàidhlig

A’ Bhanarach agus an Sealgair (1)

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhail a’ Mhuilinn, no Dalnawillan, ann an Gallaibh.

Audio is playing in pop-over.

A’ Bhanarach agus an Sealgair (1)

Bha mi ag innse dhuibh mu Dhail a’ Mhuilinn, no Dalnawillan, ann an Gallaibh. Bha Gàidhlig air a bruidhinn anns an sgìre sin fad ùine mhòr. Tha sin air a dhearbhadh leis na h-ainmean-àite. Tha a’ chuid as motha dhiubh ann an Gàidhlig.

Leis gu bheil dualchas Gàidhealach ann, tha òrain agus sgeulachdan co-cheangailte ris an àite. Nam measg tha òran a bha ainmeil am measg nan Gàidheal ann an Gallaibh. Chaidh eadar-theangachadh a dhèanamh air an òran agus bha e aithnichte ann am Beurla mar ‘Miss Calder’s Lament’.

Tha sgeulachd co-cheangailte ris an òran. Bu mhath leam sin innse dhuibh, no geàrr-chunntas dhith co-dhiù. ’S e an t-ainm a th’ oirre ‘A’ Bhanarach agus an Sealgair’ – The Dairymaid and the Hunter.

Aig deireadh an t-siathamh linn deug, no math dh’fhaodte tràth anns an t-seachdamh linn deug, b’ e Dòmhnall MacAoidh ceann-cinnidh Clann ’ic Aoidh ann an Srath Nabhair. Bha mac aige air an robh Iain Bàn Mòr mar ainm. Chaidh Iain agus cuid de a luchd-cinnidh a-mach air a chèile gu salach. B’ fheudar do dh’Iain, a bhean agus an cuid cloinne Srath Nabhair fhàgail. Chaidh iad a dh’fhuireach ann an Gallaibh – ann an Dail a’ Mhuilinn.

Bha Iain mòr agus làidir. Bha e na shealgair air leth. Bha e cuideachd gu math cràbhach. Gach Sàbaid, bhiodh e a’ sreap gu mullach na beinne as fhaisge air Dail a’ Mhuilinn – Beinn Alasgaidh. Sheasadh e air a’ mhullach le cleòca dearg air. Chitheadh a nàbaidhean e agus thuigeadh iad gur e Latha na Sàbaid a bh’ ann – agus nach bu chòir dhaibh a bhith a’ dèanamh obair sam bith. A rèir aithris, bha Iain agus na ministearan a’ faighinn air adhart gu math.

Latha a bha seo, bha Iain a’ sealg sa mhonadh. Lorg e leanabh-gille a bha na chadal ann an lag fraoich. Shaoil Iain gun robh an leanabh air a chur ann leis na sìthichean. Bha sin airson deuchainn a dhèanamh air Iain. Dè dhèanadh e?

Bha Iain mion-eòlach air a’ Bhìoball. Chuimhnich e na briathran ann an Leabhar Mhata, Caibideil 18, rannan 3 gu 5: ‘Agus thuirt [Ìosa], “... tha mi ag ràdh ribh, mur iompaichear sibh, agus mura bi sibh mar leanaban, nach tèid sibh a-steach a rìoghachd nèimh... Agus ge b’ e a ghabhas aon leanabh de a leithid seo nam ainm-sa, gabhaidh e mise.”’

Thog Iain an leanabh agus thug e dhachaigh e. Bha dithis nighean agus triùir mhac aige mu thràth ach cha robh sin gu diofar. Chuir e roimhe gabhail ris a’ ghille seo mar dhalta.

Nuair a bha e òg, dhearbh an gille gun robh e gu math treun agus làidir. Bha e uabhasach math air sealg, boghadaireachd agus carachd. Bha daoine a’ gabhail ‘An Gille Garbh’ air. Math dh’fhaodte gun canamaid ‘The Hefty Lad’ ann am Beurla. An Gille Garbh.

Latha a bha seo, nuair a bha an Gille Garbh na dheugaire, bha e a’ sealg sa mhonadh. Chaidh e gu bothan-àirigh. Bha clann-nighean a’ fuireach ann. Nam measg bha tè a th’ air a cuimhneachadh an-diugh mar ‘Miss Calder’. Innsidh mi dhuibh dè thachair anns an ath Litir.

Litir 1419 Litir 1419

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!