Tha cuimhne agam air còmhradh a chuala mi eadar dithis laoch mun t-seinneadair a b’ fheàrr leotha. Chan eil duine seach duine aca beò an-diugh. Nochd diofar ainmean anns a’ chòmhradh, ach bha fear dhen dithis deimhinne mun taghadh aigesan – Kitty NicLeòid.
Nuair a bha an còmhradh seo ann, bha Kitty fhathast beò. Chaochail i anns a’ bhliadhna dà mhìle. Rugadh i ann an naoi ceud deug is ceithir-deug anns na h-Innseachan.
Bha athair Kitty, Coinneach, na shaighdear anns na Sìophortaich thall. Goirid ro thoiseach a’ Chogaidh Mhòir chaidh a bhean a-null airson a bhith còmhla ris. B’ ise Anna nighean Phàdraig ʼic Iain MhicLeòid à Àird Thunga ann an Leòdhas. Rugadh Catrìona – no Kitty – ann an Kasauli, baile monaidh anns na h-Innseachan.
Ge-tà, bha athair Kitty air a chur a Mhesopotamia an aghaidh nan Turcach. Fhuair Anna fios gun robh e air chall agus gun robhar a’ creidsinn gun robh e marbh. Thug ise a leanabh, Kitty, dhachaigh leatha a Leòdhas. Fhuair i obair mar bhana-mhaighstir sgoile. Thogadh Kitty ann an àiteachan far an robh i air a cuartachadh leis a’ Ghàidhlig.
Dà bhliadhna an dèidh dhaibh tilleadh, fhuaireadh fios gun robh Coinneach fhathast beò. Bha e anns an ospadal anns an Èiphit, gun chomas labhairt aige.
Thill e a dh’Alba agus bhathar ag ràdh gun do thill a chainnt nuair a thachair e ri Kitty. Nuair a bha e làidir gu leòr, chaidh a theaghlach a dh’Obar Dheathain far an do dh’ionnsaich Coinneach tuathanachas-gàrraidh no horticulture. Chuir an teaghlach seachad bliadhnaichean ann an Obar Dheathain mus do thill iad a Sgiogarstaidh ann an Nis.
Bha ceòl anns an teaghlach. Bha bràthair Kitty, Coinneach Aonghas, na phìobaire. Bha a piuthar, Marietta, math air seinn. Agus, mar an ceudna, bhiodh Kitty fhèin a’ coisinn cliù mar sheinneadair air leth.
Nuair a bha i aig Àrd-sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, chuala Kitty an t-òran ainmeil ‘An Ataireachd Àrd’. Chlàir i fhèin an t-òran leis a’ chompanaidh Parlophone ann an naoi ceud deug, trithead ʼs a seachd (1937).
Bha Kitty na sgoilear air leth agus bhuannaich i sgoilearachd do dh’Oilthigh Dhùn Èideann. Bha fèill mhòr oirre mar sheinneadair ann an consartan is cèilidhean, agus bhuannaich i bonn òir a’ Chomuinn Ghàidhealaich aig a’ Mhòd Nàiseanta ann an trithead ʼs a sia (1936).
Ged a bha i na tidsear gu proifeiseanta, bha Kitty cliùmhor mar sheinneadair. Bha i fhèin agus a piuthar, Marietta, an sàs anns na People’s Festival Cèilidhs ann an Dùn Èideann, rud às an do dh’èirich Iomall Fèis Dhùn Èideann. Bha an dithis air an clàradh leis an eòlaiche-chiùil Ameireaganach, Alan Lomax.
Ach cha robh Kitty ro dheònach a bhith air a clàradh le companaidhean coimeirsealta. Mar sin, ʼs dòcha nach eil uiread de chlàraidhean dhith ʼs a bhiodh dùil. Mura h-eil sibh eòlach air a seinn, mholainn gun rannsaich sibh ‘Kitty MacLeod Calum Sgàire’ air an eadar-lìon. Cluinnidh sibh an t-òran ‘Calum Sgàire’ air a ghabhail le sàr-sheinneadair.