FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Nether Lochaber (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun ‘spàin de dh’adharc bheò’ a bh’ air a cleachdadh ann an leigheas.

Audio is playing in pop-over.

Nether Lochaber (3)

Bha mi ag innse dhuibh mun ‘spàin de dh’adharc bheò’ a bh’ air a cleachdadh ann an leigheas. A spoon of living horn – spàin de dh’adharc bheò’. Sgrìobh an t-Urramach Alasdair Stiùbhart, ‘Nether Lochaber’ mu a deidhinn anns a’ cholbh aige ann an Courier Inbhir Nis. Bha sin anns an Fhaoilleach, ochd ceud deug, seachdad ’s a dhà (1872).

Dh’inns e don leughadair gur e saobh-chràbhadh a bh’ ann nach cuala e fhèin mu dheidhinn riamh roimhe. Bha e mion-eòlach air dualchas nan Gàidheal. Mar sin, bhite an dùil gur e cleachdadh àrsaidh a bh’ ann a bh’ air a dhol à bith.

Ach cha b’ e. Anns an ath cholbh aige, anns a’ Ghearran, sgrìobh Nether Lochaber mu litir a fhuair e bho leughadair. Dhearbh ‘D.R’ às a’ Chròic ann an Cataibh gun robh an cleachdadh sin aithnichte anns an sgìre aige fhèin.

Dh’inns ‘D.R.’ gun robh spàin dhen t-seòrsa sin aig fear de na nàbaidhean aige. Bha i air a dèanamh dìreach dà bhliadhna roimhe. Thàinig an adharc bho bhò a bha sia bliadhna a dh’aois. Bha i fhathast beò. Bha dà laogh aice agus bha i an dùil treas fear a bhith aice. A bharrachd air sin, chaill i an adharc ann an ‘tubaist’, nuair a bha i a’ sabaid le bò eile. Tha a h-uile càil a tha sin a’ ciallachadh gum biodh spàin de dh’adharc aicese gu math fàbharach.

Mar sheann chleachdadh, bha na daoine a’ creidsinn gum faodadh a leithid de spàin an gnothach a dhèanamh air galar sam bith. Ach, anns a’ Chròic, anns na seachdadan dhen naoidheamh linn deug, bhathar a’ creidsinn gun dèanadh i leigheas air dìreach aon ghalar. ’S e sin an triuthach no whooping cough.

Bhiodh duine a’ bha a’ fulang leis an triuthaich a’ gabhail a bhìdh leis an spàin sin aig gach diathad. Chan fhada gum biodh an duine slàn, fallain a-rithist.

Sgrìobh D.R. gun robh dà spàin eile dhen t-seòrsa sin anns an sgìre aige. Ach cha robh iad gu feum sam bith an aghaidh na triuthaich. Carson? Uill, bha na bà às an tàinig iad air a bhith marbh o chionn fhada. Dh’inns e mu aon spàin a bh’ air a bhith aig teaghlach airson còig bliadhna fichead. Cha robh i ag obair an aghaidh na triuthaich tuilleadh, ach bhiodh i air a cur gu feum aig diathad nuair a bha sluagh mòr anns an taigh – mar eisimpleir airson banais no nuair a bhathar a’ buain na mònach.

Dh’inns D.R. gun robh saobh-chràbhadh no dhà eile co-cheangailte ris a’ ghalar sin. Mar eisimpleir, nam biodh an triuthach a’ nochdadh ann an taigh, bhiodh nàbaidhean a’ cur ìm ùr thuca. Chanadh iad ‘ìm gun iarraidh’ ris. Bha na seann Ghàidheil a’ creidsinn gum biodh leigheas a’ tighinn an cois stuth-slànachaidh a thigeadh gun iarraidh.

Bha an saobh-chràbhadh eile gu math annasach. Bhathar a’ creidsinn gun tigeadh leigheas an cois uisge a bha a’ sruthadh no a’ maoimeadh à creag. Ach, airson a bhith èifeachdach, dh’fheumadh an t-euslainteach an t-uisge a ghabhail le spàin a bh’ air a dèanamh, chan ann de dh’adharc bà, ach de dh’fhiodh na craoibh-chrithinn. Bha D.R. dhen bheachd gun robh sin co-cheangailte ris a’ chreideamh Chrìosdail, oir bha na seann daoine a’ creidsinn gun robh an crann-ceusaidh air a dhèanamh dhen dearbh fhiodh.

Litir 1409 Litir 1409

Sign-up to our newsletter!

Weekly Gaelic to your inbox, with audio!