ʼS iomadh rud a tha ag adhbharachadh buidhre. A bheil sibh a’ tuigsinn sin? Many things cause deafness. ʼS iomadh rud a tha ag adhbharachadh buidhre. Tubaist, cus fuaim, tinneas ... agus eile. Ach bha fear uaireigin a’ fuireach ann an Ìle – co-dhiù a rèir beul-aithris – agus bha e bodhar air adhbhar annasach.
ʼS e ‘Iain’ a bh’ air an duine mar ainm. ʼS ann à Muile a bha e. Bha e a’ fuireach leis fhèin faisg air a’ chladach. Bha eathar aige agus bhiodh e a’ falbh a dh’iasgach gu tric. Latha a bha seo, air dha a bhith ag iasgach greis, chunnaic spùinneadairean e. Aig an àm sin, bha spùinneadairean cumanta ann an uisgeachan taobh an iar na h-Alba.
Chaidh na spùinneadairean far an robh e, ghoid iad a h-uile càil a bh’ aige agus chuir iad an eathar aige fodha. ‘Tha sinn a’ dol gad mharbhadh,’ thuirt an ceannard aca. ‘Ach bheir sinn roghainn dhut. Thèid do shàthadh le sgian. No bidh thu air do chur beò ann am baraille a bhios air a dhùnadh. Agus thèid am baraille a thilgeil don fhairge. Dè a b’ fheàrr leat?’
Chan e ‘roghainn’ a bh’ ann! Ach shaoil Iain – nam biodh e air a shàthadh le sgian, gur ann marbh a bhitheadh e. Anns a’ bharaille, bhiodh e fhathast beò – airson greis co-dhiù. Roghnaich e am baraille. Ach dh’iarr e air na spùinneadairean toll beag a dhèanamh ann gus am biodh èadhar aige. Dh’aontaich iad.
Cha do mhothaich na spùinneadairean gun robh sgian bheag aig Iain. Nuair a bha e air bhog anns a’ bharaille, chùm e an toll beag gu h-àrd os cionn na mara. Agus thòisich e air an toll a mheudachadh.
Thug e ùine mhòr ach, mu dheireadh thall, bha an toll mòr gu leòr airson a làmh a chur troimhe. Chùm e air agus bha an toll a-nise mòr gu leòr airson a ghàirdean gu lèir a chur troimhe. Thug e sùil tron toll agus chunnaic e cladach creagach nach do dh’aithnich e. Bha e an dùil gun robh e air a dhol astar mòr agus nach e cladach Mhuile a bh’ ann.
Chunnaic Iain crodh ag ionaltradh air feamainn. Nam measg bha tarbh mòr. Bha coltas làidir air. Cha robh fios aig an tarbh gun robh duine am broinn a’ bharaille. Thàinig an tarbh cho faisg air a’ bharaille ʼs gun do ghreimich Iain air earball. Tharraing e tron toll e agus thug e draghadh mòr air.
Ghabh an tarbh eagal a bheatha agus thug e a chasan leis aig astar. Bha am baraille a’ bualadh air na creagan agus thòisich e air briseadh ann am pìosan. An dèidh greis de dh’othail is fothail, bha an tarbh cho sgìth ʼs gun do stad e. Bha am baraille na spealgan. Bha croitear ag obair faisg air làimh. Chuala e guth duine a’ tighinn bho sprùilleach a’ bharaille.
Chaidh e sìos agus tharraing e Iain a-mach. Dh’inns e do dh’Iain gun robh e ann an Ìle. Ach cha chuala Iain facal dheth. Dh’fhàg an ùpraid e cho bodhar ri creag. Sheatlaig Iain ann an Ìle ach cha do thill a chlaisneachd. Bha muinntir an eilein eòlach air mar ‘Iain Bodhar’.