Anns na ceithir Litrichean a dh’fhalbh, bha sinn ann an Gleann Ruaidh ann am Bràigh Loch Abar. Thòisich sinn aig bonn a’ ghlinne ann an Drochaid Ruaidh. A-nise tha sinn air ceann shuas a’ ghlinne a ruigsinn agus abair àite!
Tha a’ phàirt seo de Ghleann Ruaidh ainmeil air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh am measg eòlaichean chreagan. Carson? Uill, sin far am faic sibh na ‘rathaidean co-shìnteach’ – trì loidhnichean mòra air a’ mhonadh a tha co-shìnteach ri chèile. Don t-sùil, tha iad, gu dearbh, coltach ri rathaidean. Mura robh sibh riamh ann, mholainn an t-àite gu mòr dhuibh.
Ann an seann chunntas mu na rathaidean a chaidh fhoillseachadh ann an ochd ceud deug is dhà air fhichead (1822), tha seo: ‘In English, they are now called parallel roads; the inhabitants know them by the name of the King’s hunting roads.’ Tha mi an dùil, ma-thà, gur e ‘Rathaidean-seilg an Rìgh’ a bh’ aig muinntir an àite orra.
A rèir choltais, bha iad dhen bheachd gun deach na rathaidean a thogail le daoine o chionn fhada. Bha sin gus leigeil le rìghrean na h-Alba a dhol a-steach don bheinn-sheilg nuair a bha iad a’ fuireach greis ann an Inbhir Lòchaidh – faisg air far a bheil An Gearasdan an-diugh.
Carson, ge-tà, a bha trì rathaidean ann? Uill, fear airson an Rìgh agus a chompanaich a bh’ air muin-eich, fear airson charbadan agus fear airson ... uill, rudeigin air choreigin eile!
A rèir choltais bha cuid dhen bheachd gur iad na Fianna a thog na rathaidean airson a dhol a shealg anns na beanntan, ach chan fhaca mi sin ann an dreach sgrìobhte ann an Gàidhlig.
Tha na ‘rathaidean’ – aig astar – a’ coimhead coltach ri ceumannan-coise dhen t-seann seòrsa, a’ dèanamh slighe a-steach do na beanntan. Ach bha mi airson coiseachd air fear dhiubh, airson faicinn an robh e furasta gu leòr coiseachd air.
Shreap mi suas an leathad bhon àite-phàrcaidh, agus chaidh mi seachad air a’ chiad rathad co-shìnteach gun fhiosta. Gu fortanach, bha am mapa air a’ fòn agam co-cheangailte ri GPS agus thuig mi mo mhearachd. Thill mi sìos. Cha robh an rathad follaiseach idir. Cha bhiodh e furasta falbh air, an tòir air na fèidh. Ma bha an talamh rud beag còmhnard far an robh an ‘rathad’, cha robh e uabhasach follaiseach dhòmhsa.
Anns an naoidheamh linn deug, thòisich luchd-saidheans air sgrùdadh a dhèanamh air na rathaidean co-shìnteach. Bha iad dhen bheachd gur e rud nàdarrach a bh’ ann, ach cha robh iad cinnteach dè dìreach a chruthaich na rathaidean. Ceart gu leòr, bha daoine dhen bheachd gun robh uisge an sàs ann. Chan e a-mhàin gu bheil na trì rathaidean co-shìnteach ri chèile ach gu bheil iad uile còmhnard. Dè an rud as motha a sheatlaigeas còmhnard agus a dh’atharraicheas cumadh na tìre? Dè ach uisge? An robh seann chladaichean an sin gu h-àrd air monaidhean Ghlinn Ruaidh?
Ann an ochd ceud deug, trithead ’s a h-ochd (1838) thàinig neach-saidheans òg – a bha gu bhith fìor ainmeil – don Ghàidhealtachd. B’ esan Teàrlach Darwin. Bha e dìreach air tilleadh bho a thuras air feadh an t-saoghail air a’ Bheagle. Bha ùidh mhòr aige anns na rathaidean co-shìnteach. Ach, mar a chì sinn, ’s e fear eile a dh’obraich a-mach mar a thàinig iad gu bith ann an Linn na Deighe.