Making comparison A’ dèanamh coimeas
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Wife | Bidh seo math. | This will be good. |
Husband | Bithidh. | Yes. |
Wife | Cha tuirt mi riut dè th’ ann fhathast. Ach cluinn seo. Thèid consairt a chumail feasgar Diardaoin ann an Talla a’ Bhaile aig ochd uairean. | I haven’t told you what it is yet. But listen to this. A concert will be held on Thursday evening in the Town Hall at eight o’ clock. |
Husband | Tha mi uabhasach toilichte. | I’m terribly happy. |
Wife | A bheil fhios agad cò tha a’ gabhail pàirt anns a’ chonsairt? | Do you know who is taking part in the concert? |
Husband | Chan eil. Ach tha mi gu bhith a’ faighinn a-mach a dh’ aithghearr, tha mi cinnteach. | No. But I am about to find out soon, I’m sure. |
Wife | Clann na bun-sgoile, agus clann na h-àrd-sgoile. | Primary children and secondary school children. |
Husband | Abair consairt. | What a concert. |
Wife | Agus thèid an t-airgead a thoirt dhan chròileagan. | And the money will be given to the playgroup. |
Husband | Glè mhath. | Very good. |
Wife | Thèid tiocaidean a reic aig an doras. | Tickets will be sold at the door. |
Husband | Math dha-rìribh. | Fantastic. |
Wife | An tèid sinn ann? | Will we go? |
Husband | Cuin a thèid an consairt a chumail? | When will the concert be held? |
Wife | Tha mi dìreach air innse dhut. Carson nach robh thu ag èisteachd? Thèid consairt a chumail feasgar Diardaoin aig ochd uairean. | I’ve just told you. Why weren’t you listening? A concert will be held on Thursday evening at eight o’ clock. |
Husband | Taing do shealbh. | Thank Heavens. |
Wife | Dè thuirt thu? | What did you say? |
Husband | Chan urrainn dhuinn a dhol ann, a ghràidh. ’S e Diardaoin a th’ ann an-diugh agus tha an consairt gu bhith seachad. | We can’t go, dear. Today is Thursday and the concert is about to finish. |
Wife | Nach eil sin uabhasach. Cluinn seo ge-tà. | Isn’t that awful. Listen to this though. |
Husband | Dè? | What? |
Wife | Thèid cuirm eile a chumail feasgar Disathairne ann an Talla na h-Eaglaise. Bellag NicPhàil a’ leughadh seann bhàrdachd à Earra-Ghàidheal. Tha mi a’ smaoineachadh gun tèid sinn ann. | Another concert will be held on Saturday evening in the Church Hall. Bella MacPhail reading old poetry from Argyll. I think that we’ll go. |