Dealing with money A’ dèiligeadh ri airgead
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Man | An aithne dhut na daoine ann an Take The High Road? | Do you know the people in Take the High Road? |
Woman | Tha mi eòlach air a h-uile duine aca. | I know them all. |
Man | A bheil thu eòlach air na daoine a bhios a’ leughadh nan naidheachdan? | Do you know the people who read the news? |
Woman | Tha. Bidh sinn a’ dol a-mach còmhla airson pinnt a h-uile Dihaoine. | Yes. We go out for a pint together every Friday. |
Man | Smaoinich. Seall am fear ruadh sin. Tha esan air prògram nan saor-làithean. A bheil thu eòlach air? | Really. Look at that red-haired guy. He’s on the holiday programme. Do you know him? |
Woman | Ò, tha. Tha sinn ag obair san aon oifis. | Oh, yes. We work in the same office. |
Man | Dè an t-ainm a th’ air? | What’s his name? |
Woman | Tha... | It’s... |
Man | Brian Burnett. | Brian Burnett. |
Woman | ’S e. | Yes. |
Man | Tha e neònach nach do bhruidhinn e. Saoil an toireadh e dhomh autograph? | It’s strange that he didn’t speak. I wonder if he would give me an autograph? |
Woman | Tha mi cinnteach gun toireadh. | I’m sure that he would. |
Man | Thalla ’s bruidhinn ris. | Go and speak to him |
Woman | Tha e trang. Cha bhiodh tide aige. Co-dhiù, cha bhi thu ag iarraidh autographs air daoine ma bhios tu eòlach orra. | He’s busy. He wouldn’t have time. Anyway, you don’t ask for autographs from people if you know them. |
Man | Seall. Sin Màiri Steven à Chartbite. | Look. There’s Mary Steven from Chartbite. |
Woman | Fan sàmhach. | Keep quiet. |
Man | A bheil thu eòlach oirrese cuideachd? | Do you know her too? |
Woman | Ò, tha. Tha mi eòlach oirre. Tha mi eòlach air a h-uile duine an seo. | Oh, yes. I know her. I know everyone here. |
Man | Carson nach do bhruidhinn i? | Why did she not speak? |
Woman | Chan eil fhios agam. ’S dòcha nach fhaca i mi. | I don’t know. Maybe she never saw me? |
Man | Chunnaic i thu gun teagamh. | She definitely saw you. |
Woman | ’S dòcha gu bheil a sùilean goirt? | Maybe her eyes are sore? |
Man | Chan eil thu eòlach oirre idir. Chan eil thu eòlach air duin’ a-staigh an seo. | You don’t know her at all. You don’t know anyone in here. |
Woman 2 | Oh, sorry I’m late. Where’re we going for lunch? | Oh, sorry I’m late. Where’re we going for lunch? |