FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Stating preferences Ag innse dè as fheàrr leat

Which would you prefer?Dè a b' fheàrr leat?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

dè b’ fheàrr leat? what would you prefer?

chan fhuiling mi sin I can’t stand that

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Girl Dè mu dheidhinn seo? What about this?
Girl 2 Cha toigh leam an stoidhle sin.
Cha toigh leam an coilear.
I don’t like that style.
I don’t like the collar.
Girl Tha thu ceart.
Tha seo nas fheàrr.
Dè do bheachd air seo?
You’re right.
This is better.
What do you think of this?
Girl 2 Tha siud sgoinneil, ’s tha pòcaidean mòra oirre cuideachd. That’s great, and it has large pockets too.
Norman An toigh leat sin? Do you like that?
Iain Cha toigh l'.
Cha toigh leam putain air a’ choilear.
Tha seo nas fheàrr.
An toigh leat seo?
No.
I don’t like buttons on the collar.
This is better.
Do you like this?
Norman Cha toigh l'.
Cha toigh leam an dath sin idir.
No.
I don’t like that colour at all.
Iain Dè mu dheidhinn seo?
Tha seo snog, nach eil?
What about this?
This is nice, isn’t it?
Norman Chan eil.
Chan eil càil aca.
No.
They don't have anything.
Seonag Madainn mhath, a Bharabal.
Dè do chor an-diugh?
Good morning, Barbara.
How’s your form today?
Barabal Tha mi gu dòigheil.
Dè do chor fhèin?
I’m fine.
How’s your own form?
Seonag Cor math. Good.
Barabal Tha i fliuch. It’s wet.
Seonag Tha i fliuch ’s tha i mosach gu dearbh. It’s wet and nasty indeed.
Barabal Abair ad! What a hat!
Seonag Abair ad gu dearbh! What a hat indeed!
Ceitidh-Anna Madainn mhath, a Sheònag.
Madainn mhath, a Bharabal.
Good morning, Joan. Good morning, Barbara.
Barabal Madainn mhath, a Cheitidh-Anna.
Ciamar a tha sibh an-diugh?
Good morning, Katie-Anne.
How are you today?
Ceitidh-Anna Chan eil adhbhar a bhith a’ gearan. No cause for complain.
Barabal Abair ad!
Càit an d’ fhuair sibh i?
What a hat!
Where did you get it?
Ceitidh-Anna Fhuair ann am Frasers.
Mar sin leibh an-dràsta.
In Frasers.
Bye for now.
Seonag Mar sin leibh fhèin.
Abair ad!
Bye to you too.
What a hat!