Organising a party A’ cur partaidh air dòigh
The bigger, the betterMar as motha, 's ann as fheàrr
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
mar as motha, ’s ann as fheàrr the bigger, the better
mar as lugha, ’s ann as fheàrr the smaller the better
mar as motha, ’s ann as grainde the bigger the uglier
gabhaidh mi an cupa tì as laige I will take the weakest cup of tea
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Ceit | Halò. | Hello. |
| Anna | Halò. Madainn mhath, madam. Interflora. | Hello. Good morning, madam. Interflora. |
| Ceit | Haha Anna. Trobhad suas. | Haha Anne. Come on up. |
| Anna | Seo a-nis, madam. Bha mi a' feuchainn ri ròsan dearg fhaighinn dhut ach bha iad fada ro dhaor. | Here now, madam. I tried to get red roses for you but they were far too dear. |
| Ceit | An do dh’fheuch thu a’ chèic seo? Tha i uabhasach blasta. | Did you try this cake? It’s awfully tasty. |
| Anna | Ist, a Cheit. Chan urrainn dhomhsa biadh a cheannach ann am Marks. Tha e ro dhaor dhomhsa. | Wheesht, Kate. I can’t buy food in Marks. It is too dear for me. |
| Ceit | Ò, Anna. Tha mi duilich. A bheil thu fhathast gun obair? An robh thu a' feuchainn ri obair fhaighinn? | Oh, Anne. I’m sorry. Are you still unemployed? Were you trying to get a job? |
| Anna | A Cheit, bidh mi a' feuchainn a h-uile seachdain. Seall seo. Tha mi air fichead litir a sgrìobhadh an t-seachdain seo fhèin a' feuchainn ri obair fhaighinn. Agus an t-seachdain sa chaidh. Agus an t-seachdain roimhe sin cuideachd. Agus seall thusa. Tha obair agad ach chan eil thu airson a dhol ann. | Kate, I try every week. Look at this. I’ve written twenty letters this very week to try and get a job. And last week. And the week before that too. And look at you. You have a job but you don’t want to go. |
| Ceit | Uill, cha deach mi dhan sgoil an-dè ceart gu leòr. Tha e uabhasach duilich a bhith ag obair còmhla ri Tormod an-dràsta. | Well, I didn’t go to the school yesterday right enough. It’s awfully difficult to work with Norman at the moment. |
| Anna | Uill, feumaidh tu a' feuchainn. Cò bhios gam thoirt a-mach gu biadh ma bhios tusa gun obair? | Well, you must try. Who will take me out for a meal if you are unemployed? |
| Ceit | Anna? A bheil thu airson a dhol a-mach gu biadh? | Anne? Do you want to go out for a meal? |
| Anna | Tha, tapadh leat. Ach feumaidh mi a' chèic seo ith’ an toiseach. Thalla is cuir ort d’ aodach spaideil. Ò, agus faodaidh tu seo a chur ort cuideachd. | Yes, thanks. But I have to eat this cake first. Off you go and get dressed up. Oh, and you may put this on too. |
| Ceit | Anna, càit an d’ fhuair thu iad? Tha iad annasach. | Anne, where did you get them? They’re different. |
| Anna | Rinn mi iad. Rinn, siuthad feuch ort iad. | I made them. Yes, go and them them on. |
| Ceit | Ò, Anna, tapadh leat. ’S e banacharaid mhath a th’ annad. | Oh, Anne, thank you. You are a good friend. |
| Anna | ’S e. Agus a-nis tha an t-acras orm. Càit an tèid sinn? | Yes. And now I’m hungry. Where will we go? |
| Iseabail | Och, a Shìne, tha mi cho toilichte d’ fhaicinn. Bha mi a' feuchainn fònadh thugad ach... | Och, Jean, I’m so happy to see you. I tried to phone you but... |
| SÌne | Tha mi a' fuireach còmhla ri mo mhàthair an-dràsta. | I’m staying with my mother just now. |
| Iseabail | A Shìne, a bheil do mhàthair a’ cumail gu math? Bha fios a’m gun robh rudeigin ceàrr. Tha thu a' coimhead cho sgìth. A bheil thu fhèin ceart gu leòr? | Jean, is your mother keeping well? I knew that something was wrong. You look so tired. Are you alright yourself? |
| SÌne | Och uill, tha. | Och well, yes. |
| Iseabail | Dè tha thu a’ ciallachadh? Dè tha ceàrr? | What do you mean? What’s wrong? |
| SÌne | Trobhad, Iseabail. Nach tèid sinn airson cupa tì? | Come on, Ishbel. Let’s go for a cup of tea. |
| Iseabail | Bèibidh? A bheil thu cinnteach? An robh thu aig an dotair fhathast? | Baby? Are you sure? Were you at the doctor yet? |
| SÌne | Tha mi cinnteach ceart gu leòr. | I’m sure right enough. |
| Iseabail | A Shìne, m’ eudail. Dè tha Tormod a’ smaoineachadh mu dheidhinn? Anna, Ceit, hàlo, gabh mo leisgeul. Chan eil Sìne a’ faireachdainn ro mhath an-diugh. Nach eil e mìorbhaileach? Tha dùil aice ri bèibidh. | Jean, darling. What does Norman think about it? Anne, Kate, hello, excuse me. Jean isn’t feeling too well today. Isn’t it marvellous? She is expecting a baby. |