FaclairDictionary EnglishGàidhlig

Customary activities Gnìomhan àbhaisteach

Have we passed the exams?A bheil sinn air a' chùis a dhèanamh air na deuchainnean?

Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.

air a’ cheathramh latha deug on the 14th day

’s àbhaist dhomh I usually

chan àbhaist dhomh I don’t usually

an àbhaist dhut a bhith a’ falbh? do you usually go away?

as t-samhradh in the summer

as t-earrach in the spring

air an t-siathamh latha air fhichead on the 26th day

air an t-siathamh latha air fhichead dhen Fhaoilleach on the 26th day of January

a bheil sinn air a’ chùis a dhèanamh? have we succeeded?

Am Faoilleach January

An Gearran February

air a’ cheathramh latha deug dhen Ghearran on the 14th day of February

anns a’ chòigeamh àite air fhichead in the 25th place

Video is playing in pop-over.

PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
Alasdair Tha Donna a’ fàgail na sgoile as t-fhoghar. Donna is leaving school in the autumn.
Mother Dè tha seo? What’s this?
Donna Dh’iarr mi ort gun a bhith ag innse dhaibh. I asked you not to tell them.
Mother Gun a bhith ag innse dhaibh dè? Not to tell them what?
Alasdair Tha i a’ fàgail na sgoile as t-fhoghar. She’s leaving school in the autumn.
Mother Chan eil i a’ fàgail na sgoile as t-fhoghar.
Faodaidh i an sgoil fhàgail as t-earrach an dèidh dhi na deuchainnean a dhèanamh.
She is not leaving school in the autumn.
She may leave school in the spring after doing the exams.
Donna Ach, tha a h-uile duine a’ fàgail na sgoile. But, everyone is leaving the school.
Mother A h-uile duine? Everyone?
Donna Tha Sìne a’ fàgail as t-fhoghar. Jane is leaving in the autumn.
Mother Agus a bheil obair aice? And does she have a job?
Donna Tha.
Tha i gu bhith ag obair ann am bùth.
Yes.
She’s going to work in a shop.
Alasdair Abair obair. What a job.
Mother Bi sàmhach thusa.
Na can facal.
Be quiet you.
Don’t say a word.
Alasdair Mise? Me?
Mother Thuirt mi riut gun facal a ràdh.
Agus thuirt mi riutsa gum faod thu an sgoil fhàgail as t-earrach.
A bheil thu a’ tuigsinn?
I told you not to say a word.
And I told you that you can leave school in the spring.
Do you understand?
Father Carson a tha thu ag iarraidh an sgoil fhàgail? Why do you want to leave school?
Donna Tha mi airson obair fhaighinn. I want to get a job.
Father Ach chan eil obair an seo idir. But there’s no work here at all.
Donna Tha mi cinnteach gum faigh mise obair. I’m sure I can find a job.
Father Càite? Where?
Donna Ann an oifis no ann am bùth. In an office or in a shop.
Mother Thuirt mi riut gun facal a ràdh.
Agus thuirt mi riutsa gum faodadh tu an sgoil fhàgail as t-earrach.
Ceart?
I told you not to say a word.
And I told you that you can leave school in the spring.
Ok?
Alasdair Chan fhaod i fàgail as t-earrach. She can’t leave in spring.
Father Bi sàmhach. Be quiet.
Alasdair Tha iad air a tilgeil a-mach. They have thrown her out.