Talking about health A’ bruidhinn mu shlàinte
Don't take too muchNa gabh cus
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
na gabh cus don’t take too much
na gabhaibh cus don’t take too much
cha dèan deoch no dhà cron sam bith ort a drink or two won’t do you any harm
na ithibh cus don’t eat too much (plural / polite)
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Driver | Mo chreach ’s a thàinig. Tònaidh, Ross. Nuair a thuirt iad Mackenzie cha do thuig mi cò bh’ ann. Dotair Mackenzie, a bu chòir dhomh a ràdh. | My goodness. Toni, Ross. When they said Mackenzie I didn’t realise who it was. Doctor Mackenzie, I should say. |
| Ross | Chan e dotair a th’ annam idir. ’S e nurs a th’ annam. | I’m not a doctor at all. I’m a nurse. |
| Driver | Nurse Mackenzie ma-tha. Agus a bheil thusa nad nurs cuideachd, Tònaidh? | Nurse Mackenzie then. And are you a nurse too, Toni? |
| Tònaidh | Chan eil. Tha mise nam dhotair. Dotair MacAuley. | No. I’m a doctor. Doctor MacAuley. |
| Driver | Càit a bheil sibh a’dol ma-tha? | Where are you going then? |
| Tònaidh | Eaglais Langlands, mas e do thoil e. Tha sinn a' dol a dh’fhaicinn a’ mhinisteir. | Langlands Church, please. We are going to see the minister. |
| Ross | Tha sinn a’ dol a phòsadh. | We are going to get married. |
| Driver | Mealaibh ur naidheachd. | Congratulations. |
| Fiona | Ross, Tònaidh. Ciamar a tha sibh? Agus Philip cuideachd. Mo chreach ’s a thàinig! | Ross, Toni. How are you? And Philip too. My goodness! |
| Tònaidh | Fiona! Thuirt thu gun robh thu airson a bhith nad pheantair! | Fiona! You said you wanted to be a painter! |
| Fiona | Ach dè tha sibh a’ dèanamh an seo co-dhiù? | But what are you doing here anyway? |
| Ross | Tha sinn a' dol a dh’ fhaicinn a’ mhinisteir. Tha sinn a' dol a phòsadh. | We are going to see the minister. We going to marry. |
| Fiona | Tha ministear ùr ann. An robh fhios agaibh? | There’s a new minister. Did you know? |
| Tònaidh | Bha. Ach chan fhaca sinn fhathast e. | Yes. But we haven’t seen him yet. |
| Iain | A bheil thu ceart gu leòr, a Sheonag, a ghràidh? | Are you alright, Joan, dear? |
| Seonag | Och, tha. | Och, yes. |
| Norman | A bheil thu cinnteach? | Are you sure? |
| Seonag | Och tha. Bha mi dìreach a’ leughadh mu dheidhinn dithis charaid a bh’ agam anns an sgoil. Ross Mackenzie agus Tònaidh MacAuley. Phòs iad an t-seachdain seo chaidh. | Och yes. I was just reading about two friends from school. Ross Mackenzie and Toni MacAuley. They got married last week. |
| Iain | An do phòs? Tha sin snog, a ghràidh. | Did they? That’s nice, dear. |
| Seonag | Tha cuimhne agam nuair a bha mi anns an sgoil. Bha mi airson a bhith beairteach. Bha mi airson a bhith nam bhancair. No nam chunntasair. | I remember when I was at school. I wanted to be rich. I wanted to be a banker. Or an accountant. |
| Norman | An robh gu dearbh? | Did you indeed? |
| Seonag | Bha. | Yes. |
| Iain | Agus a bheil thu a’ faireachdainn duilich? | And are you feeling sad? |
| Seonag | Duilich? Carson? | Sad? Why? |
| Iain | Uill, chan eil thu beairteach, a ghràidh. | Well, you aren’t rich, dear. |
| Seonag | Beairteach Ist, a dhuine. Tha mise cho beairteach ri boireannach sam bith ann an Alba. Fad ’s a tha caraidean matha agam, chan eil càil a dhìth orm. | Rich. Wheesht, man. I’m as rich as any woman in Scotland. As long as I have good friends, I don’t want for anything. |