Country pursuits Cur-seachadan dùthchail
I didn't winCha do bhuannaich
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
an do bhuannaich thu càil? did you win anything?
cha do bhuannaich no (to an do bhuannaich …?)
an do chaill thu? did you lose?
cha do chaill no (to an do chaill …?)
Caill can also relate to mislaying an item.
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Seumas | Greasaibh oirbh. Tha mise ag iarraidh pinnt. | Hurry up. I want a pint. |
| IseabaIl | Ò a Sheumais, chan eil thu dol dhan taigh-òsta, a bheil? | Oh James, you’re not going to the hotel, are you? |
| Seumas | Tha. | Yes. |
| Iseabail | Ò Sheumais. Chan eil e math a bhith ag òl ’s a’ dràibheadh. | Oh James. It’s not good to drink and drive. |
| Seumas | Ist Iseabail! Aon phinnt no glainne fìon. Agus rudeigin eile Iseabail, a ghràidh. Tha thusa a’ tighinn dhan taigh-òsta cuideachd. | Shh Ishbel! One pint or a glass of wine. And something else Ishbel, dear. You are coming to the hotel too. |
| Iseabail | Chan urrainn dhomh, Sheumais, m’ eudail. | I can’t, James, love. |
| Seumas | ’S urrainn. A bheil mi ceart, Iain? | Yes, you can. Am I right, John? |
| Iain | Tha thu ceart, a Sheumais. | You’re right, James. |
| Anna | Dè nì sinn leis an iuchair? | What will we do with the key? |
| Iain | Thèid mi suas gu taigh Ceit air an rathad dhachaigh. | I’ll go up to Kate’s house on the way home. |
| Anna | ’S dòcha nach bi Ceit uabhasach toilichte d’ fhaicinn a-nochd. | Kate might not be awfully happy to see you tonight. |
| Iain | Ciamar? | How? |
| Anna | Uill, dh’fhalbh i a choimhead airson Tormod. | Well, she left to look for Norman. |
| Iain | Ach...uill, ’s dòcha. A-màireach ma-thà. | Ach...well, maybe. Tomorrow then. |
| Iseabail | Chan urrainn dhomhsa a dhol dhan taigh-òsta. Chan eil airgead gu leòr agam. | I can’t go to the hotel, I don’t have enough money. |
| Anna | Chan eil no agamsa. | Neither do I. |
| Màrtainn | Ò tha sibh ceart gu leòr, a leadaidhs. Cheannaich cuideigin Mercedes an-diugh. | Oh you are alright, ladies.Somebody bought a Mercedes today. |
| Iseabail | Chan eil tìde gu leòr agam ma-thà. | I don’t have enough time then. |
| Anna | Ò, murt, Iseabail. Na bi ag ràdh rudan mar sin. | Dearie me, Ishbel. Don’t say things like that. |
| Iseabail | Carson? | Why? |
| Seumas | Chan eil mòran tìde aig Iseabail ma-thà. Feumaidh sinn cabhag a dhèanamh. | Ishbel doesn’t have much time. So we have to hurry. |
| Ceit’s voice | Thalla dhachaigh. Tha Sìne a’ feitheamh riut. Tha, agus Fiona agus Trevor. Greas ort! No bidh an dìnnear fuar! | Go home! Jean is waiting for you. She, and Fiona and Trevor. Hurry up! Or dinner will be cold! |
| Tormod’s voice | Chan eil mi airson a dhol air ais an sin a-nochd. Tha mi airson a bhith còmhla riutsa a-nochd agus a h-uile oidhche. A bheil thu ag èisteachd rium, a Cheit? | I don’t want to go back there tonight. I want to be with you tonight and every night. Are you listening to me, Kate? |
| Sìne | Tha thu air ais. | You’re back. |
| Tormod | Tha. | Yes. |
| Sìne | Am faod mi faighneachd càit an robh thu? | May I ask where you were? |
| Tormod | Chaidh mi chun na pàirce. Bha mi dìreach a’ coiseachd agus a’ smaoineachadh. Tha e brèagha an sin. Dh’fhalbh Fiona agus Trevor? | I went to the park. I was just walking and thinking. It’s beautiful there. Fiona and Trevor left? |
| Sìne | Dh’fhalbh. Tha thu ceart gu leòr. Tha am biadh agad anns a’ mhicrowave. | Yes. You are ok. Your food is in the microwave. |
| Tormod | Aidh, aidh. Boeuf Bourgignon. | Aye, aye. Bouef Bourgignon. |
| Sìne | Chan e. Bradan. Salmon en croute. | No. Salmon. Salmon en croute. |
| Tormod | Salmon en croute? Uill, uill. Tha cuimhne agam gum biodh sin againn a h-uile seachdain nuair a bha mi òg anns na Hearadh. Bhiodh m’ athair a’ dol a dh’iasgach a h-uile Dihaoine. “Siuthad, a Sheonaidh,” bhiodh mo mhàthair ag ràdh. “Thalla chun na mòintich agus faigh bradan gus an dèan mise salmon en croute a-rithist.” | Salmon en croute? Well, well. I remember we’d have that every week when I was young in Harris. My father would go fishing every Friday. “On you go, Johnny,” my mother would say. “Away to the moor and get salmon so that I can make Salmon en croute again.” |
| Sìne | Chan eil fhios agam idir dè tha ceàrr ort, a Thormoid. Ach chan eil mise a’ dol a chur suas riut aon mhionaid eile. ’S dòcha gu bheil fhios aig Ceit NicAoidh ciamar a bhios iad a’ bruich bradan anns na Hearadh. | I have no idea what is wrong with you, Norman. But I am not going to put up with you for another minute. Kate Mackay maybe knows how they cook salmon in Harris. |
| Tormod | Thuirt mi rud ceàrr, a-rithist. | I said something wrong, again. |