Talking about the body A’ bruidhinn mun bhodhaig
Come back at seven o' clock Thig air ais aig seachd uairean
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
tha mi airson bruidhinn ris I want to speak to him
Of course, if you are unsuccessful, you may hear these phrases.
tha i aig coinneamh she is at a meeting
a bheil iad air falbh? are they away?
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Seumas | Trobhad. Còrdaidh e ribh. Seachd uairean. Deich mionaidean an dèidh seachd. Càit a bheil iad? Dràma Gàidhlig! Abair dràma Gàidhlig! | Come on. You’ll enjoy it. Seven o’ clock. Ten minutes past seven. Where are they? Gaelic drama! So much for Gaelic drama! |
| Driver | Nach i a bha fiadhaich! | Wasn’t she furious! |
| Colleague | Nach i a bha brèagha! | Wasn’t she beautiful! |
| Woman | Ò a Cheit. Chan eil duine ann ach thu fhèin. Bha dùil agamsa gum biodh an t-àite làn de dhaoine. | Oh Kate. There’s no one but yourself. I expected that the place would be full of people. |
| Ceit | Bha agus agamsa, Iseabail! Chan eil duine an seo agus chan eil fhios agam carson. Bha mi dìreach a’ dol dhachaigh. | So did I, Ishbel! There’s no one here and I don’t know why. I was just going home. |
| Iseabail | Bidh thu sgìth. An robh latha doirbh agad an-diugh anns an sgoil? | You’ll be tired. Did you have a difficult day today at school? |
| Ceit | Bha. Latha doirbh ceart gu leòr. | Yes. A difficult day right enough. |
| Iseabail | Ach bidh seo math. ’S toigh leam fhìn dràma. Howdie. An tusa Clint Eastwood? Trobhad, a Chlint. Trobhad dhachaigh còmhla rium. | But this will be good. I like drama myself. Howdie. Are you Clint Eastwood? Come on, Clint. Come home with me. |
| Ceit | Iseabail, tha thu math! | Ishbel, you’re good! |
| Iseabail | Ach càit a bheil a h-uile duine eile? | But where is everyone else? |
| Anna | Haidh Iseabail. Ò a Cheit, tha mi duilich ach... | Hi Ishbel. Oh Kate, I’m sorry but... |
| Iseabail | Anna, càit an robh thu? | Anne, where were you? |
| Anna | Bha mi aig film. Bha e math. Ach bha e air gu cairteal an dèidh seachd agus thuit mi nuair a thàining mi a-mach às a’ bhus. Seall mo sgiort ùr agus mo bhrògan. Chan eil ann ach an dithis agaibh? | I was at a film. It was good. But it was on till quarter past seven and I fell when I came off the bus. Look at my new skirt and my shoes. There’sjust the two of you here? |
| Ceit | Chan eil. Chan eil duine eile a’ tighinn a-nis. | No. No one else is coming now. |
| Man | Nise chunnaic mi àite coiridh nuair a bha sinn a’ tighinn. Gheibh sinn rudeigin an sin. Chan eil an càr a bha siud air ais fhathast. | Now I saw a curry place when we were coming. We can get something there. That car isn’t back yet. |
| Driver | Bha i fiadhaich. | She was furious. |
| Man | Move that van will you! | Move that van will you! |
| Iseabail | Tha mi duilich nach robh daoine gu leòr ann. | I’m sorry that there weren’t enough people. |
| Ceit | Bidh coinneamh eile againn an ath-sheachdain. Feumaidh sinn daoine. | We’ll have another meeting next week. We need people. |
| Anna | Càit a bheil Maighstir Mac a’ Phì? Tormod? An robh thu bruidhinn ris mu dheidhinn? An robh fhios aige gu bheil coinneamh ann a-nochd? | Where’s Mr MacPhee? Norman? Did you speak to him about it? Did he know that there is a meeting tonight? |
| Ceit | Bha. | Yes. |
| Anna | Agus cha b’ urrainn dha tighinn ann? | And he couldn’t come? |
| Ceit | Cha b’ urrainn. | No. |
| Iseabail | Bha Tormod aig a h-uile coinneamh bho thòisich sinn. | Norman was at every meeting since we started. |
| Anna | Bha, agus ’s e Tormod a sgrìobh an dealbh-chluich ùr. | Yes, and it was Norman who wrote the new play. |
| Iseabail | Sgrìobh. Màiri Banrigh na h-Alba. Mary Queen of Scots. Aidh aidh. Màiri bhochd. | Yes. Màiri Banrigh na h-Alba. Mary Queen of Scots. Aye, aye. Poor Mary. |
| Anna | An robh coinneamh eile aige a-nochd neo...? | Did he have another meeting tonight or...? |
| Ceit | Chan eil fhios a’m. Ach trobhadaibh an-dràsta. Nach tèid sibh a ghabhail cofaidh còmhla rium fhìn? | I don’t know. But come now. Won’t you come and have a coffee with me? |
| Iseabail | Cha tèid mise. Feumaidh mi a dhol air ais dhachaigh. Tha mòran rudan agam ri dhèanamh a-nochd fhathast. | I won’t. I have to go back home. I still have many things to do tonight. |
| Ceit | Cuiridh mi fhìn dhachaigh thu leis a’ chàr ma-thà. | I’ll take you home in the car then. |
| Iseabail | Cha chuir idir! Gabhaidh mi am bus, a Cheit! | No you won’t. I’ll take the bus, Kate! |
| Man | Ist! Seo iad a’ tighinn! | Ssh! Here they are coming! |
| Anna | Siud iad. Seall orra! Dè do bheachd, a Cheit? | There they are. Look at them! What do you think, Kate? |
| Ceit | Cha toigh leam am fear bàn idir. Tha am fear eile snog ceart gu leòr. Am fear dubh. | I don’t like the fair-haired one at all. The other man is nice enough. The dark-haired one. |
| Man | Ceit, an tè a bha cho fiadhaich, cha toigh leatha mise! | Kate, the girl who was so furious, she doesn’t like me! |
| Anna | Ceart. Tha mise a' dol a dhèanamh phostairean ùra le dealbhan agus sgrìobhadh mòr. | Ok. I’m going to make new posters with pictures and big writing. |
| Ceit | Bidh sin math. ’S toigh leam na dathan sin. Tha iad brèagha. An robh sin daor? | That’ll be good. I like those colours. They’re lovely. Was that dear? |
| Anna | Daor? Ist! Chan eil an t-aodach agamsa daor idir. Tha mise gun obair, cuimhnich. | Dear? Wheesht! My clothes aren’t dear at all. I don’t have a job, remember. |
| Ceit | A bheil thu ag iarraidh sin? | Do you want that? |
| Anna | Chan eil. Cuiridh mi fòn thugad a-màireach...... Tha mi a' dol dhachaigh. | No. I’ll phone you tomorrow... I’m going home. |
| Ceit | Uill, oidhche mhath. | Well, good night. |
| Anna | Oidhche mhath, a Cheit. Agus cuimhnich, can ri Tormod Mac a’ Phì gum feum e a bhith aig a’ choinneimh an ath-sheachdain. | Good night, Kate. And remember, tell Norman MacPhee that he needs to be at the meeting next week. |
| Ceit | Canaidh. Good night. | I will. Good night. |
| Man | Good night. | Good night. |
| Tormod | Halò, a Cheit. Feasgar math. Tormod an seo. A Cheit, tha mi uabhasach duilich ach, uill, chan urrainn dhomh tighinn gu coinneamh na dràma. Agus, chan urrainn dhomh tighinn a chèilidh ort a-nochd. Tha mi an dòchas gu bheil thu a’ tuigsinn. Feumaidh mi an aire a th’ ort dè tha mi a' dèanamh... | Hello, Kate. Good evening. Norman here. Kate, I’m awfully sorry but, well, I can’t come to the drama meeting. And, I can’t come to visit you tonight. I hope that you understand. I have to be careful of what I am doing... |