Talking about the family A’ bruidhinn mun teaghlach
That's my sister / brotherSin mo phiuthar / bhràthair
Look out for the following pieces of vocabulary in this clip.
After mo (my) and do (your), the first sound changes for both bràthair and piuthar. They become bhràthair and phiuthar. This is true for most nouns beginning with a consonant.
Here is a fuller family set:
PersonNeach
GaelicGàidhlig
EnglishBeurla
| Anna | Bha thu cho fiadhaich, a Cheit. Bha an t-eagal orm fhèin. | You were so angry, Kate. I was frightened myself. |
| Ceit | Tha fhios agam. Murchadh bochd. | I know. Poor Murdo. |
| Anna | Chòrd Tiriodh rium ge-tà. | I enjoyed Tiree though. |
| Ceit | Cha robh e dona. | It wasn’t bad. |
| Anna | Tha Iain airson fuireach ann an àite mar seo. Agus, uill, cùm seo agad fhèin an-dràsta, a Cheit. | Iain wants to stay in a place like this. And, well, keep this to yourself for now, Kate. |
| Ceit | Dè? | What? |
| Anna | Bha e a’ bruidhinn air obair eile cuideachd. | He was speaking about another job too. |
| Ceit | An robh? | Was he? |
| Anna | Bha. Tha Càirdeas a’ còrdadh ris gu mòr. ’S toigh leis a bhith ag obair còmhla ri daoine. Bu toigh leis a bhith a’ nursadh. | Yes. He enjoys Càirdeas very much. He likes working with people. He would like to do nursing. |
| Ceit | Bhiodh e uabhasach math air. | He’d be very good at it. |
| Anna | Tha mi fhìn a’ smaoineachadh air nursadh cuideachd. | I’m thinking of nursing too. |
| Ceit | Thusa? | You? |
| Anna | Dè tha ceàrr air sin? | What’s wrong with that? |
| Ceit | Anna, thusa ann an ospadal? | Anna, you in a hospital? |
| Anna | Tha thu ceart. Mise ann an ospadal. Smaoinich! | You’re right. Me in a hospital. Imagine! |
| Iain | Tha beagan airgid agamsa anns a’ bhanca o nuair a bha mi nam bhalach. Na can dad ri Ceit. Chan eil mi airson a’ bhean agam a bhith a’ falbh an siud ’s an seo air baidhsagal, nuair a dh’fhaodadh i a bhith a’ dràibheadh. | I have a little money in the bank from when I was a boy. Don’t say anything to Kate. I don’t want my wife to be going here and there on a bicycle, when she could be driving. |
| Murchadh | Chan innis mi càil do Cheit. Ach ’s toigh le Anna am baidhsagal aice. | I won’t tell Kate anything. But Anne likes her bicycle. |
| Iain | Cha toil, a Mhurchaidh. Chan eil airgead aice airson càr. Ma cheannaicheas mise e, bidh e aice. Agus chan fhaod i dad a ràdh mu dheidhinn. Faodaidh i am baidhsagal a reic. | No, she doesn’t, Murdo. She doesn’t have money for a car. If I buy it, it will be hers. And she can’t say anything about it. She may sell her bicycle. |
| Anna | Na can dad ri Iain, ma-thà. | Don’t say anything to John, then. |
| Ceit | Cha chan. | No. |
| Anna | Thèid mi do cholaiste an ospadail, feuch am faigh mi fiosrachadh mu na cùrsaichean aca. | I’ll go to the hospital college to see if I can get information about their courses. |
| Ceit | Dh’fhaodamaid a dhol ann còmhla. | We could go together. |
| Anna | Dh’fhaodadh, a Cheit, ach tha am baidhsagal nas luaithe. | We could, Kate, but the bicycle is faster. |
| Ceit | Ceart gu leòr. B’ fhiach a dhol do Cholaiste Taobh na h-Aibhne cuideachd. | Alright. It’d be worth going to the Riverside College too. |
| Anna | B’ fhiach. Chì mi a-màireach thu. | Yes. I will see you tomorrow. |
| Ceit | Anna! A-nochd! Tha thu fhèin ’s Iain a’ tighinn gu biadh aig seachd uairean. | Anna! Tonight! Yourself and John are coming for a meal at seven o’ clock. |
| Anna | Obh, obh. Mo cheann. | Oh dear. My head! |
| Iain | Aig seachd uairean. Bidh sin math. | At seven o’ clock. That will be good. |
| Anna | Feuch gum bi thu ann tràth. Tha rudeigin agam dhut. | Make sure you are early. I have something for you. |
| Iain | Dè th’ ann? | What is it? |
| Anna | Chan fhaod mi innse dhut. | I can’t tell you. |
| Iain | Uill, bidh rudeigin agam dhutsa. Agus chan fhaod mi innse dhut dè th’ ann. | Well, I will have something for you. And I can’t tell you what it is. |
| Anna | Ò uill. Tha sin ceart gu leòr ma-thà. Chì mi dè th’ ann aig seachd uairean. | Oh well. That’s alright then. I will see what it is at seven o’ clock. |
| Iain | Chì. | Ok. |
| Anna | Cheerio. | Cheerio. |
| Iain | Tìoraidh, a ghràidh. | Cheerio, dear. |
| Murchadh | Halò Iain. | Hello John. |
| Iain | Halò, a Mhurchaidh. | Hello, Murdo. |
| Murchadh | Tha rudeigin agam dhut. | I have something for you. |
| Iain | Iuchraichean a’ chàir! | The car keys! |
| Murchadh | Ceart. | Right. |
| Ceit | Feasgar math, Iain. Dè tha seo? | Good evening, John. What’s this? |
| Iain | Chan urrainn dhomh innse dhut. | I can’t tell you. |
| Ceit | Dè? | What? |
| Iain | Tha mi duilich. Chì thu nuair a thig Anna. | I’m sorry. You’ll see when Anne comes. |
| Ceit | A Mhurchaidh! | Murdo! |